A’ Chomhairle a’ daingneachadh dealais dhan Phlan Ghàidhlig

Tha Comhairle na Gàidhealtachd air am poileasaidh aca a thaobh soidhnichean rathaid dà-chànanach air feadh na sgìre a dhaingneachadh.  

Aig coinneamh dhen làn Chomhairle an-diugh (Diardaoine 6mh Màrt 2008) bhòt a’ Chomhairle gus taic  a chur ri atharrachadh leis a’ Chomhairliche Hamish Friseal, Cathraiche Comataidh Ghàidhlig na Comhairle gum biodh iad a’ cumail taic ri poileasaidh na Comhairle mar a tha sin anns a’ Phlana Ghàidhlig.

Ann a bhith a’ dèanamh seo, chaidh a’ choinneamh an aghaidh moladh, le 36 bhòt gu 29,  bho 8 Chomhairlichean à Gallaibh a bha airson an sgìre acasan a bhith air taobh a-muigh a’ phoileasaidh is iad ag ràdh: “...cha bu chòir  soidhnichean dà-chànanach a dhol air adhart air feadh na Gàidhealtach ach far a bheil iarraidh làidir gu h-ionadail airson a leithid de phoileasaidh.”   

Thuirt an Comhairliche Hamish Friseal: “Tha mi toilichte gun do dhaingnich a’ Chomhairle a taic airson ar poileasaidh air soidhnichean dà-chànanach air feadh na Gàidhealtachd.”

Ghabh Comataidh Ghàidhlig Comhairle na Gàidhealtachd ri dreachd Phlana Gàidhlig air Samhain 8 2007 agus chaidh am Plana a chur gu Bòrd na Gàidhlig air Dàmhair 1 2007, mar a tha air iarraidh fo Achd na Gàidhlig 2005.

Tha am plana ag ràdh mu shoidhnichean rathaid: "…bidh soidhnichean fàilte air bailtean beag agus mòr agus soidhnichean rathaid na Comhairle dàchànanach. Gabhaidh soidhnichean a-steach suaicheantasan bhailtean far am bi sin iomchaidh. Bidh a’ Ghàidhlig os cionn na Beurla air na soidhnichean sin. Bidh dath uaine air a’ Ghàidhlig agus a’ Bheurla ann an dubh. Bidh meudachd nan litrichean co-ionann san dà chànan. Nuair a dh’fheumar soidhnichean ath-nuadhachadh, thèid soidhnichean dà-chànanach a chur suas. Bu choir soidhnichean a chuireas a’ Chomhairle suas airson luchd-turais a stiùireadh gu ionadan no tachartasan eachdraidheil a bhith dà-chànanach fhad ’s a cheadaicheas riaghailtean an Riaghaltais. Gheibhear comhairle air litreachadh ainmean-àite bho Ainmean Àite na h-Alba."

Tha am plana ag ràdh mu ainmean sràide: "…brosnaichear buidhnean gu bhith a’ cur ainmean Gàidhlig air sràidean agus togalaichean ùra, a’ cleachdadh ainmean a bhuineas do dhualchas na sgìre far a bheil sin iomchaidh. Thèid beachd an t-sluaigh a shireadh bho na Comhairlean Coimhearsnachd ionadail agus thèid sùim a ghabhail de bheachdan nam Ball Ionadail cuideachd. Ma bhios eas-aonta ann, thèid a’ chùis a chur fa chomhair na Comataidh Dealbhaidh. Nuair a thèid soidhnichean ainm sràide ath-nuadhachadh, bidh na soidhnichean ùra dà-chànanach. Bidh a’ Ghàidhlig os cionn na Beurla air na soidhnichean sin. Air soidhnichean rathaid, bidh a’ Ghàidhlig uaine agus a’ Bheurla dubh. Bidh meudachd nan litrichean co-ionann san dà chànan. Bidh companaidhean a bhios a’ cur suas shoidhnichean gear-ùine a’ cleachdadh shoidhnichean dà-chànanach. Bidh seo mar phàirt dhen chunnradh.”

Gheibhear Plana Gàidhlig Chomhairle na Gàidhealtachd air làrach-lìn na Comhairle aig: /leisureandtourism/gaelic/gaeliclanguageplan/

-crìoch-

18 Mar 2008