Sgioba Sgoil Shamhraidh Dhràma 2009 air Ainmeachadh

Read This In English

Tha Fèisean nan Gaidheal air leth toilichte an sgioba teagaisg ainmeachadh airson na Sgoile Samhraidh Dràma 2009 a bhios a' gabhail àite ann am Port Rìgh 6 gu 16 Iuchar. Tha an tachartas maoinichte le Comhairle Ealain na h-Alba, Iomairt na Gàidhealtachd 's nan Eilean, Bòrd na Gàidhlig, Comhairle na Gàidhealtachd agus Eden Court agus tha e ag amas air daoine òga a tha fileanta sa Ghàidhlig aois 14-18.

Bidh an sgioba air a stiùireadh le Artair Donald, a tha air cliù a chosnadh dha fhèin mar aon de na prìomh chleasaichean ann an Dràma na Gàidhlig. Bha Artair e fhèin na oileanach aig na Sgoiltean Dràma a bha gan ruith le Pròiseact nan Ealain anns na naochadan, agus chaidh e air adhart chun na sgoile dràma ainmeil Lee Strasberg anns na Stàitean Aonaichte. Bhon  uair sin tha e air a bhith an sàs anns na taighean-cluiche, filmichean agus telebhisean an dà chuid Gàidhlig agus Beurla agus tha e air a bhith a' stiùireadh bhùithtean-obrach dràma ann an Gàidhlig air feadh na dùthcha, airson òigridh gu h-àiridh.

A' tilleadh don sgoil am-bliadhna tha an cleasaiche is ùghdar Catrìona Lexy Chaimbeul, Tim Licata bhon chompanaidh thèatar Plutôt la Vie ann an Dùn Èideann, Ruairidh MacNeacail bho Eden Court, agus Daibhidh Màrtainn agus Ali Ros a bhios a' toirt seachad beagan eòlais mu sgilean teicnigeach agus stèidse. Cuideachd am-bliadhna bidh sinn a' cur fàilte air an t-seinneadair is cleasaiche Wilma NicUalraig, a bhios a' stiùireadh bhùithtean-obrach gutha.

Thuirt Dougie Beck, Oifigear Dràma Fèisean nan Gàidheal, "Bha an Sgoil air leth soirbheachail an-uiridh. Bha e uabhasach math a bhith a' faicinn cho math 's a bha a h-uile duine ag obair le chèile – daoine òga le Gàidhlig bhon a h-uile ceàrnaidh den dùthaich agus cuid den luchd-teagaisg dràma as fheàrr san t-saoghal."

Tha an Sgoil Shamhraidh an-asgaidh do chom-pàirtichean agus agus chan eòlas air dràma riatanach.  A dh’aindheoin bidh feum air agallamh airson àite fhaighinn agus chan eil ann ach fichead àite san sgoil.

Gheibhear tuilleadh fiosrachaidh agus foirm-iarrtais bho Oifigear Dràma Fhèisean nan Gaidheal, Dougie Beck air (01463) 225559, douglas@feisean.org no tro làrach lìn Fèisean nan Gàidheal www.feisean.org.

20 May 2009