Cultar na Gàidhlig a' comharrachadh deireadh Bliadhna Tilleadh Dhachaigh air a' Ghàidhealtachd

Read this in English

Iomairt nam Fèisean a' tighinn dhachaigh gu Inbhir Nis airson bliadhna an Tillidh Albannaich

Thèid cultar na Gàidhlig a chomharrachadh mar phàirt de Latha Naomh Anndra agus deireadh program an Tillidh Albannaich air a' Ghàidhealtachd.

Bidh suas ri 100 com-pàirtiche bho Iomairt nam Fèisean an-làthair aig Ceòl nam Fèis 2009, cuid bho na làithean a' dh'fhalbh 's cuid eile bhon latha an-diugh, airson consart sònraichte de dh'òrain ùra is traidiseanta, ceòl is dannsa aig Talla Eden Court ann an Cathair-bhaile na Gàidhealtachd air Dihaoine 27 Samhain.

Thuirt Art MacCarmaig, Stiùiriche Fèisean nan Gàidheal, a' bhuidheann a bhios a' cur taic ri leasachadh nam Fèisean coimhearsnachd a bhios a' teagasg nan ealan Gàidhlig air feadh Alba, "Aig an tachartas shònraichte seo chì sibh luchd-ciùil a bha aig aon àm a' gabhail pàirt anns na Fèisean, cuide ri buidhnean de dh'òigridh bho air feadh na dùthcha a tha fhathast a' gabhail pàirt san Iomairt. Thòisich an Iomairt còrr is 25 bliadhna air ais ann am Barraigh, agus tha 48 buidhnean a-nise an sàs innte, anns gach ceàrnaidh den dùthaich, bho Thiriodh gu Obar Dheathain, 's gach fear aca a' cur air adhart cultar na Gàidhlig. Tha buidhnean air a bhith ag obair gu cruaidh thairis air na mìosan a dh'fhalbh agus tha fhios gum bi oidhche air leth againn le luchd-ciùil air a bheil sinn uile eòlach agus cuid den luchd-chiùil òg as fheàrr ann an Alba.   

Chuir Marie Christie, Stiùiriche Pròiseact airson an Tillidh Albannaich 2009 ri seo: "Bidh Ceòl nam Fèis an teis-meadhan tachartasan Latha Naomh Anndra agus deireadh program an Tillidh Albannaich air a' Ghàidhealtachd. Tha ceòl na h-Alba air a bhith aig cridhe gach tachartais a ghabh àite tron bhliadhna, 's mar sin tha e iomchaidh gu bheil sinn a' leigeil soraidh leis a' bhliadhna air a' Ghaidhealtachd le oidhche air leth cuide ri tàlant mìorbhaileach a tha air tighinn a-mach à Iomairt nam Fèisean.

Thuirt Neach-cathrach Comhairle na Gàidhealtachd Sandy Park, "Bheir Ceòl nam Fèis tachartasan an Tillidh Ghàidhealaich gu crìch ann an deagh stoidhle agus 's e fìor eisimpleir a th' ann den tàlant bhon àm a chaidh seachad, bhon latha an-diugh agus an tàlant a bhios againn anns an àm ri teachd. Tha mi deimhinnte gur e oidhche air leth soirbheachail a bhios ann a sheallas an obair fheumail a bhios Iomairt nam Fèisean a' dèanamh gus ceangalan dualchais a neartachadh agus sgilean an òigridh a chur air adhart". 

Thuirt Ministear a’ Chultair Mìcheal Russell: “’S e latha airson moladh a h-uile rud a tha math mu dheidhinn Alba a th’ ann an latha Naoimh Anndra – a’ gabhail a-staigh ar ceòl agus cultur na Gàidhlig. Tha e iomchaidh gu bheil sinn a’ comharrachadh Bliadhna Tilleadh Dhachaidh le a bhith a’ toirt fiathachadh do luchd-ciùil nam Fèisean bho air feadh an t-saoghail  thighinn dhachaigh a dh’ obair còmhla ri ar tàlant òg mar phàirt den tachartas shònraichte seo. Tha mi cinnteach gun soirbhich le Ceòl nam Fèis agus gum bi e na phàirt chudromach de phrògram na Gàidhealtachd.”

Gabhaidh an tachartas, a tha ga chur air dòigh le Fèisean nan Gàidheal ann an co-bhonn le Comhairle na Gàidhealtachd, ann an Talla na h-Ìmpireachd, Eden Court, àite aig 7.30f, Dihaoine 27 Samhain. Airson barrachd fiosrachaidh is tiocaidean nach tadhail sibh air http://www.eden-court.co.uk/whats-on/shows/ceol-nam-feis-2009-st-andrew-s-feis-homecoming# .

Crìoch

25 Nov 2009