Sgoilearan às an Eilean Sgitheanach is Dùn Èideann air iomlaid chultarail tro phròiseact ealain

Dh’fhosgail sgoilearan às an Eilean Sgitheanach agus Dùn Èideann taisbeanadh bho chionn ghoirid ann an Gailearaidh am Fruitmarket, Dùn Èideann. 

Fon tiotal “Air Iomlaid”, dh’fhosgail an taisbeanadh seo le sgoilearan bun-sgoile bho Bhun-sgoil Shlèite san Eilean Sgitheanach agus Bun-sgoil Tholl na Croise, air Dihaoine 9 Giblean.

’S e pròiseact spreagail de ealain lèirsinneach a tha ann an Air Iomlaid is tha e cuideachd a’ togail cheangalan eadar na sgoilearan.  Tha am pròiseact 18 mìos, a thòisich sa Mhàrt 2009, ag amas air iomlaid de bheachd-smuaintean is de dhòighean-obrach fhosgladh, is rannsachadh a dhèanamh air cultar is cànan ann an sgoiltean air feadh na h-Alba.

Le taic bho Mhaoin Brosnachaidh (Inspire Fund) Chomhairle Ealain na h-Alba, Dualchas Nàdair na h-Alba, Ionnsachadh agus Teagasg Alba agus Bòrd na Gàidhlig, chaidh Air Iomlaid a leasachadh le Gailearaidh am Fruitmarket, an neach-ealain Julie Brook agus Lasair Ealain, comataidh de sgoilearan bho Bhun-sgoil Shlèite.

Tha àrainneachdan, cànanan, agus cultaran na cloinne fìor eadar-dhealaichte, ach tro iomlaid rinn a’ chlann obair is ealain còmhla is cho-roinn iad an cuid eòlasan mu na dòighean-beatha is na h-àiteachan-fuirich aca fhèin.  Tha am pròiseact fiùghantach seo air comasan is prionnsapalan a’ Churaicealaim airson Sàr-mhathais a chur an gnìomh is sgoilearan ag ionnsachadh sgilean a mhaireas fad am beatha.

Ghabh na sgoilearan com-pàirt ann am prògram dian far an robh iad a’ dèanamh dhealbhannan is a’ peantadh a-muigh còmhla ri luchd-ealain phroifeasanta bho Màrt gu Lùnastal 2009.  Rinn iad sgrùdadh air a’ chruth-tìre is air an àrainneachd ionadail aca fhèin, dh’ionnsaich iad mu eachdraidh nàdarra na sgìre, is bha cothrom aca an stòr-fhaclan Gàidhlig a leudachadh.  Tha iad air ceangalan a dhèanamh thar diofar raointean den churaicealam is tha seo air cuideam a chur air obrachadh eadar-dhreuchdail tro dhealbhannan-peansail is peantadh, bàrdachd, fiolm is beothantachd, agus an cruth-tìre.  Uile gu lèir, tha am pròiseact mòr seo air mòran chothroman a thoirt do gach sgoilear gus raon farsaing sgilean ionnsachadh is tha seo air buaidh mhòr agus mhath a thoirt air an sgoil mar aon.

Chaidh obraichean mòra ealain is beothantachd a leasachadh cuide ris an luchd-ealain is tha iad an-dràsta air an taisbeanadh aig Gailearaidh am Fruitmarket.  Thig iad gu Sabhal Mòr Ostaig san Ògmhios.

Airson tuilleadh fiosrachaidh mu Air Iomlaid cuir fios gu Gwen Culbertson, Ceannard-sgoile, Bun-sgoil Shlèite air: 01471 844326

-crìochnachadh-

20 Apr 2010