A’ Chomhairle dol a leasachadh modail airson Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig do chloinn aois 0-3

An-diugh chuir Comhairlichean na Gàidhealtachd fàilte air molaidhean gus modail seasmhach airson Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig a chruthachadh do chloinn aois 0-3 sa Ghàidhealtachd.

Aig coinneamh de Chomataidh Gàidhlig na Comhairle, dh’aontaich buill gum bu chòir aithisg iomlan a sgrìobhadh mu sholar Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig, às dèidh còmhraidhean nas mionaidiche le solaraichean Foghlaim Gàidhlig.

Dh’innis Sam Brogan, Manaidsear Ghoireasan nam Bliadhnachan Tràtha aig Comhairle na Gàidhealtachd, gun deach eacarsaich chlàraidh a ghabhail os làimh a thaobh solar làithreach Foghlaim Gàidhlig do chloinn aois 0-3, le bhith a’ tadhal air cròileagain air feadh na Gàidhealtachd.

Sheall toraidhean na h-eacarsaich clàraidh gu bheil lìonradh de 31 buidheann pàrant is pàist’ agus cròileagan aig TAIC air feadh na Gàidhealtachd, a’ frithealadh mu 245 leanabh.

Mhìnich Sam Brogan: “Tha toraidhean tùsail an ath-bhreithneachaidh a’ sealltainn gu bheil e deatamach gum bi luchd-labhairt na Gàidhlig ann am buidhnean pàrant is pàist’ gus taic a thoirt dhan Ghàidhlig, gus òrain, rannan is sgeulachdan Gàidhlig a stiùireadh, agus gus feadhainn eile a chuideachadh a’ togail a’ chànain.”

Thuirt an Comhairliche Hamish Friseal, Cathraiche Comataidh Gàidhlig Chomhairle na Gàidhealtachd: “Aon uair is gun tèid còmhraidhean nas mionaidiche a chumail le solaraichean seirbheis is buidhnean com-pàirteachaidh, bidh a’ Chomataidh a’  coimhead air adhart ri aithisg a bharrachd mu mhodail seasmhach airson solar Foghlaim Gàidhlig don bhuidhinn aoise 0-3 bliadhna.  Tha e riatanach gun lorg sinn dòigh gus Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig a leasachadh san earrainn ro-sgoile oir ’s e sin bunait ionnsachadh Gàidhlig san àm ri teachd, ann am foghlam bun-sgoile is àrd-sgoile.”

-crìoch-

18 Feb 2010