Concordait airson a’ Mhòid Nàiseanta Rìoghail sa Ghàidhealtachd air a shoighnigeadh ann an Gallaibh

Chaidh Cunnradh Lìbhrigeadh Seirbheis eadar An Comunn Gàidhealach is Comhairle na Gàidhealtachd, a thaobh mar a thèid Mòdan Nàiseanta Rìoghail a lìbhrigeadh sa Ghàidhealtachd, a shoighnigeach ann an Gallaibh an t-seachdain seo.

Tha an t-aonta a’ mìneachadh a’ chom-pàirteachais eadar a’ Chomhairle agus An Comunn airson solar sheirbheisean leis A’ Chomunn a thaobh a’ Mhòid Naiseanta Rìoghail taobh a-staigh sgìre Chomhairle na Gàidhealtachd.  ’S e adhbhar an aonta na seirbheisean a tha An Comunn a’ tabhann a chomharrachadh gu soilleir, cuide ri càileachd is cosgais an t-solair.

Tha an t-aonta a’ mairsinn gu 31mh Dùbhlachd 2020 is thèid ath-bhreithneachadh foirmeil a dhèanamh air às dèidh gach Mòd Nàiseanta Rìoghail a ghabhas àite ann an sgìre Chomhairle na Gàidhealtachd ann an 2010, 2014, 2017 agus 2020.  Thèid na dearbh àiteachan san tèid am Mòd a chumail sa Ghàidhealtachd aontachadh eadar a’ Chomhairle agus An Comunn.

Aig soighnigeadh an aonta ann an Inbhir Theòrsa an t-seachdain seo thuirt an Comhairliche Hamish Friseal, Cathraiche Comataidh Gàidhlig Chomhairle na Gàidhealtachd: “Tha co-dhùnadh an aonta seo a’ dearbhadh gu bheil dealas aig an dà bhuidhinn ri bhith a’ comharrachadh is a’ leasachadh na Gàidhlig.  Tha sinn toililchte gu bheilear ag aithneachadh na Gàidhealtachd mar àite fìor chudromach ann an cearcall thachartasan a’ Mhòid Nàiseanta Rìoghail is tha sinn air ar dòigh glan gun tèid am Mòd a chumail ann am bailtean na Gàidhealtachd gach 3mh bliadhna gu 2020.  Tha a’ chomataidh eagarachaidh ionadail ann an Gallaibh air obair mhòr a dhèanamh thar nam bliadhnachan mu dheireadh is tha iad a-nis deiseil dha-rìribh airson Mòd air an tèid cuimhne a chumail sa Ghàidhealtachd, nam bheachd-sa.  Tha am prìomh làrach ann an Àrd-sgoil Inbhir Theòrsa air a shuidheachadh faisg air meadhan a’ bhaile, tha na goireasan sgoinneil is tha na seallaidhean thar a’ bhaile àlainn.  Tha e follaiseach gu bheil a’ choimhearsnachd a’ coimhead air adhart ris a’ Mhòd is tha fios agam gum bi fàilte chridheil ron a’ h-uile duine a bhios an làthair.”

Thuirt Iain MacLeòid, Ceann-suidhe a’ Chomuinn Ghàidhealaich: "Tha An Comunn Gàidhealach fìor thoilichte gu bheil iad air aonta a cho-dhùnadh le Comhairle na Gàidhealtachd a thaobh an taic airson Mhòdan ann an sgìre na Gàidhealtachd eadar seo is 2020.  Tha sinn a’ coimhead air adhart ri bhith ag obair gu dlùth le riochdairean na Comhairle gus na tachartasan cudromach seo a chur air dòigh airson dèanamh cinnteach gu bheil cànan is cultar na Gàidhlig fhathast air a chur air adhart is air a bhrosnachadh san sgìre seo.”

Thuirt Raymond Bremner, Neach-gairm na Comataidh Eagarachaidh Ionadail airson a’ Mhòid Nàiseanta a bhios air a chumail ann an Gallaibh san Dàmhair am-bliadhna: “Tha sinn gu h-àraid moiteil gun deach an t-aonta a shoighnigeadh ann an Gallaibh.  Ged a tha am Mòd air a bhith ann am pàirtean eile den Ghàidhealtachd, tha a’ chomataidh ionadail air a bhith ag obair cruaidh gus dèanamh cinnteach gun toir an sgìre fàilte chridheil do luchd-tadhail uile a’ Mhòid air a’ chiad turas a thèid an fhèis a chumail an seo.  Bheir am Mòd spionnadh air an eaconamaidh ionadail is tha mi cinnteach gum bi sgìrean aoigheachd eile sa Ghàidhealtachd san àm ri teachd a’ coimhead air adhart ris na h-aon bhuannachdan cultarail is eaconamach.”

26 May 2014