Tha sgoilearan Acadamaidh Allt a’ Mhuilinn san dàrna àite ann an Deasbad BT ALBA 2010

Ghabh a’ chuairt dheireannach de Dheasbad BT Alba 2010 àite ann am Pàrlamaid na h-Alba eadar sgiobaidhean bho Sgoil MhicNeacail agus Acadamaidh Allt a’ Mhuilinn.

Ann an sgioba Sgoil MhicNeacail bha Christina Louise NicLeoid agus Iain Murchadh Mac a’ Mhaoilein agus air an taobh eile Ceitlin Nic a’ Ghobhainn agus Catriona Nic a’ Ghobhainn bho Acadamaidh Allt a’ Mhuilinn agus chualar deasbad air leth le Sgoil Mhicneacail a glèidheadh a’ phrìomh dhuais.  Bha taghadh gu math duilich aig na britheamhan ri dhèanamh.

‘B e Christina Louise NicLeoid à Sgoil MhicNeacail a ghlèidh duais Neach-labhairt as Fheàrr ann an Deasbad 2010 agus ‘s e Dòmhnall Iain Mac Ille Dhuinn bhon BhBC a thug seachad an duais.  ‘S iad na trì britheamhan Rosemary Nic a’ Bhàird, Stiùiriche Chomhairle nan Leabhraichean, Mata MacÌomhair, Àrd Ollamh aig Oilthigh na Gàidhealtachd ‘s nan Eilean agus Ruairidh Iain MacLeòid a tha na Iar Chathraiche air Cùirte Fearann na h-Alba agus a tha cuideachd aig Cùirt an t-Siorraidh ann an Dùn Èideann.  Bha na britheamhan uile ag aontachadh gu robh ìre farpais na bliadhna seo air sìor èirigh.

Thuirt Calum Iain MacLeoid a tha na Chathraiche air Comataidh Rianachd Deasbad BT Alba 2010. “Chòrd an oidhche rium fìor mhath agus bha farpais na bliadhna seo aig fìor àrd ìre. Tha an Deasbad a’ sealltainn an obair chruaidh a tha a’ gabhail àite nar sgoiltean, nar coimhearsnachdan agus nar dachaighean agus bu chòir seo a bhith na adhbhar mhisneachd dhuinn.  Tha Deasbad BT Alba a’ dol bho neart gu neart bho bliadhna gu bliadhna agus tha mi an dòchas gu lean seo.”

-crìoch-

24 Nov 2010