An àireamh is àirde de sgiobaidhean a bh’ ann a-riamh sabaid airson Cuach na Cloinne

Read this in English

Thig na ceudan de Ghàidheil òga còmhla thairis air na seachdainean tha ri teachd is iad a’ riochdachadh na trichead sgoile bho air feadh Alba a tha gu bhith a’ strì gus ‘Cuach na Cloinne’ 2011 a thogail.

Bithidh 46 sgioba an sàs ann am farpais na bliadhna-sa – an àireamh às àirde a bh’ann a-riamh. Tha Cuach na Cloinne air a stiùireadh le Comunn na Gàidhlig (CnaG), le taic airgid bho chomhairlean ionadail is buidhnean eile.

An dèidh mar a shoirbhich leis an fharpais sna bliadhnachan a chaidh seachad, tha CnaG air farpais 2011 a chur air dòigh le sia farpaisean roinneil air an cumail agus dà sgioba bho gach farpais roinneil a’ dol troimhe chun Cuairtean Deireannach a thèid a chumail sa Ghearasdan air 1 Dàmhair 2011.  Thèid farpaisean roinneil an cumail an Leòdhas, Uibhist, Am Ploc agus Inbhir Nis air 3 Sultain agus farpais roinneil airson a’ chiad uair san t-Òban air 9 Sultain agus am fear mu dheireadh an Glaschu air 10 Sultain. 

Thuirt Dòmhnall MacNèill, Ceannard ChnaG, “Tha sinn air leth toilichte leis na tha de sgoiltean air cuir a-staigh airson an fharpais, agus gu sònraichte toilichte fàilte a chuir air sgoiltean à Earra-Ghàidheal is Loch Abair airson a’ chiad uair.  Chan e a-mhàin gu bheil farpais ChnaG a’ toirt dhan chloinn an cothrom faighinn troimhe chun Chuairt Dheireannach Nàiseanta agus eadhoin duais Cuach na Cloinne a bhuannachadh, ach tha e cuideachd a’ toirt dhaibh an cothrom coinneachadh ri cloinn le Gàidhlig bho air feadh na dùthcha. Tha e riatanach gum bidh clann aig am bheil Gàidhlig a’ faighinn cothrom a bhith a’ cleachdadh an cànain taobh a-muigh an rùm-sgoile agus ‘s e fìor dheagh mheadhan a tha ann am farpaisean spòrs airson seo.  Tha sinn air leth taingeil do Comhairle nan Eilean Siar, Comhairle na Gàidhealtachd, Bòrd na Gàidhlig agus MG ALBA airson an taic-airgid a tha a’ leigeil leinn farpais na bliadhna sa a chuir air dòigh.”

Cluichidh dusan sgiobannan a bha soirbheachail sna farpaisean roinneil airson a’ Chupa sa Chuairt Dheireannaich a bhios air a cumail sa Ghearastan air 1 Dàmhair 2011. 

Tha Cuach na Cloinne 2011, a tha fosgailte do chloinn air P 4-7 aig am bheil Gàidhlig,  air a mhaoineachadh le Comhairle nan Eilean Siar, Comhairle na Gàidhealtachd, Bòrd na Gàidhlig agus MG ALBA agus air a chuir air dòigh le Comunn na Gàidhlig.

-crioch-

31 Aug 2011