Latha fiosrachaidh mun Ghàidhlig airson an teaghlaich

Read this in English

Tha Comhairle na Gàidhealtachd agus Bòrd na Gàidhlig a’ cur Latha Fealla-dhà agus Fiosrachaidh mun a’ Ghàidhlig air dòigh do phàrantan agus chloinn aois 0 gu 3 ann an sgìre an Eilein Sgitheanaich agus Loch Aillse.

Bidh an tachartas a’ gabhail àite air Disathairne 28 Giblean aig Àrainn Fhinn ann an Àrd-sgoil Phort Rìgh, a’ tòiseachadh aig 11m agus a’ crìochnachadh aig 1f.  Bidh fiosrachadh agus taic ann dhaibhsan aig a bheil ùidh an cuid cloinne a bhith dà-chànanach tron Ghàidhlig. 

Bidh cothrom aig pàrantan agus luchd-cùraim bruidhinn ri luchd-obrach an dà chuid bhon a’ Chomhairle agus Bòrd na Gàidhlig a thaobh Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig agus bidh tòrr chleasan ann airson na cloinne – m.e. sgeulachdan, peantadh aodainn agus cluiche bog.

Faodar tì agus cofaidh a cheannach aig an tachartas agus thèid an t-airgead air fad gu Cùram Cross Roads (An t-Eilean Sgitheanach agus Loch Aillse).

Thuirt Shona NicPhàdraig, Oifigear Ionnsachadh agus Leasachadh Coimhearsnachd Gàidhlig (Tuath), “Tha an tachartas seo a’ toirt cothrom do phàrantan tuilleadh fiosrachaidh fhaighinn mu Fhoghlam Tràth Bhliadhnaichean sa Ghàidhlig agus an taic a th’ ann do theaghlaichean.”

Thuirt Màiri NicIlleMhaoil, Leasaiche Foghlaim agus Ionnsachaidh aig Bòrd na Gàidhlig: “Tha bùithtean-obrach fiosrachaidh leithid seo a’ toirt fìor dheagh chothrom gus freagairtean fhaighinn do na ceistean aca agus tha iad fìor chudromach do bhith a’ leasachadh earrann nan Tràth Bhliadhnaichean sa Ghàidhlig.  Tha sinn toilichte a bhith ag obair le Comhairle na Gàidhealtachd a-rithist air rud cho cudromach agus tha sinn an dòchas tachartasan mar seo a sgaoileadh a-mach air feadh na h-Alba le taic bho Ùghdarrasan Ionadail eile.”

Gheibhear tuilleadh fiosrachaidh bho:

Shona NicPhàdraig shona.paterson@highland.gov.uk; 01478 614058
Fay NicDhiarmaid fay@gaidhlig.org.uk 07795222418

24 Apr 2012