Sgoil Ghàidhealach air farpais nàiseanta ‘Sky Rainforest Rescue Challenge’ a bhuannachadh

Read this in English

Tha sgoilearan ann an sgoil san Eilean Sgitheanach air an duais Albannach a bhuannachadh dhen fharpais ‘Sky Rainforest Rescue Challenge’.

Fhuair sgoilearan san Aonad Ghàidhlig ann an clasaichean 4-7 am Bun-sgoil Stafainn a’ chiad duais agus £1,000, a tha iad an dòchas a chosg air rudeigin a bhios na bhuannachd maireannach dhan sgoil. 
 
Tha Dùbhlan Sgoile ‘Sky Rainforest Rescue Challenge’ na phàirt de phròiseact trì-bliadhna eadar Sky agus WWF airson feuchainn ri billean craobh a ghleidheadh ann an dlùth-choille an Amazon agus airson strì an aghaidh atharrachadh sa ghnàth-shìde.  Rinn sgoiltean rannsachadh air-loidhne mu dhlùth-choilltean agus fhuair iad a-mach mar a tha am biadh a tha iad ag ithe, na stuthan a tha iad a’ ceannach agus an lùth a tha iad a’ cleachdadh uile a’ toirt buaidh air dlùth-choilltean.  Fhuair iad cuideachd a-mach dè ’s urrainn dhaibh a dhèanamh airson cùisean a leasachadh. 
 
Thuirt ceannard na sgoile, Mairead NicNeacail:  “Tha mi fhèin agus coimhearsnachd na sgoile uasal agus moiteil às a’ chloinn agus cho fìor mhath ’s a rinn iad san fharpais seo. Dh’obraich iad fhèin agus an tidsear aca gu math dìcheallach airson seo.  Bidh na sgilean a dh’ionnsaich iad gu feum dhaibh uile.”
 
Chuir an clas beag de naoinear sgoilearan crìoch air sreath de ghnìomhan a bha co-cheangailte ri raointean curraicealaim leithid teicneòlas, saidheans, cànan, coimpiutaireachd, creideamh agus matamataig.  Dh’ionnsaich na sgoilearan cuideachd mu Mhalairt Chothromach agus bha aca ri co-dhiù còig gnìomhan a ghabhail orra fhèin, ged a rinn iad seo an gnothaich air h-aon-deug.  Chlàr iad còrr is 80 blog mun obair agus an rannsachadh san robh iad an sàs.  Ghabh am pròiseact aca a-steach co-chomhairle le sgoilearan, luchd-obrach na sgoile, teaghlaichean, nàbaidhean agus a’ choimhearsnachd ionadail. 
 
Chuir an Comhairliche Alasdair Christie, Cathraiche Comataidh Sheirbheisean Inbheach is Chloinne aig Comhairle na Gàidhealtachd, meala-naidheachd air Bun-sgoil Stafainn airson cho math ’s a rinn iad, ag ràdh “’S e naidheachd mhìorbhaileach a tha seo do Stafainn.  Tha còrr is 1,200 sgoil a’ gabhail pàirt san Dùbhlan seo air feadh na RA agus na h-Èireann.  Tha sgoilearan air Ghàidhealtachd rim moladh airson a bhith beachdachadh air a’ bhuaidh a th’ aig am beatha làitheil air gnothaichean cho cudromach ri atharrachadh gnàth-shìde agus dlùth-choilltean an t-saoghail.   
 
-crìoch-

22 Aug 2012