Sgeama Greis Gnìomhachais nan Oileanach air a chuir air bhog son 2012

Read this in English

Tha an sgeama a tha seo, a th’ air a bhith a’ ruith gu soirbheachail airson 10 bliadhna, a’ toirt cothrom do oileanaich aig a bheil Gàidhlig, 10 seachdainean a chuir seachad ag obair còmhla ri buidhnean a tha an sàs ann an leasachadh Gàidhlig agus leasachadh coimhearsnachd. 
 
Chan e a-mhàin gu bheil an sgeama a’ toirt cosnadh do na h-oileanaich, tha i cuideachd a’ toirt a’ chothrom dhaibh eòlas a thogail air a bhith an luib àite-obrach, na sgilean Gàidhlig aca a leasachadh, eòlas fhaighinn air an seòrsa obair a tha na buidhnean ris agus cuideachd a’ toirt a’ chothrom dhaibh na tha seo a dhèanamh  nan coimhearsnachdan fhèin. 

A thuilleadh air na buannachdan a th’ann do na h-oileanaich, tha buannachd san sgeama do luchd fastaidh leis gu bheil an cothrom aca oileanaich aig am bheil sgilean sònraichte fhastadh airson mìosan an t-samhraidh gu buannachd na buidhne.  Tha e cuideachd a’ toirt a’ chothrom dhaibh sùil a thoirt air oileanaich a bhios a’ ceumnachadh ann an ùine nach bidh ro fhada, le sùil air dreuchdan a bhios iad airson a lìonadh sna bliadhnachan ri teachd.

Thuirt Dòmhnall MacNèill, Ceannard ChnaG, “Se sgeama air leth chudromach a tha seo bho thaobh gach cuid a’ Ghàidhlig agus ag ullachadh oileanaich airson cothroman obrach aon uair agus gun ceumnaich iad.  Sa chiad dol a-mach, tha an sgeama a’ toirt cothrom do na h-oileanaich an cuid Gàidhlig a neartachadh an àrainneachd far am bheil iad mun cuairt a’ Ghàidhlig fad an latha, ach cuideachd, tha na h-oileanaich a’ faighinn eòlas air na seòrsan obraichean a tha ri fhaighinn an diofar cheàrnaidhean de dh’ Alba do dhaoine òg aig am bheil deagh Ghàidhlig.”

Thuirt Niall Ros, Ceannard Fàs Coimhearsnachd aig Iomairt na Gàidhealtachd’s nan Eilean, “Tha HIE a’ cur luach mhòr air an sgeama sa gach cuid airson a’ bhuannachd a th’ann dhan chànan ach cuideachd, agus gu sònraichte cudromach do HIE, a bhuannachd a th’ann bho thaobh coimhearsnachd. Tha an sgeama seo a’ toirt oileanaich air ais dhan coimhearsnachdan aca fhèin, air feadh a’ Ghàidhealtachd’s nan eilean, airson mìosan an t-samhraidh, gus minig, oileanaich a tha a’ frithealadh  colaistean is oilthighean am meadhan na h-Alba agus a dh’ fheumadh fuireach air Ghalltachd airson obair samhraidh fhaighinn mìosan an t-samhraidh mur a biodh an sgeama sa. Le bhith a’ cur mìosan an t-samhraidh seachad nan coimhearsnachdan fhèin, tha e nas dualtach gun till air ais iad dhan coimhearsnachdan aca fhèin, an dèidh dhaibh ceumnachadh, mas e agus gum bidh na cothroman ann dhaibh.  Seo dòigh air leth math a tha seo airson ar coimhearsnachdan a neartachadh.”

Thuirt an Comhairliche Hamish Friseil, Cathraiche Comataidh Gàidhlig, Chomhairle na Gàidhealtachd, “Tha a’ Chomhairle toilichte a bhith a’ cur an taic ri Sgeama Greis Gnìomhachais nan Oileanach aon uair eile, agus gu sònraichte agus i a’ comharrachadh an deicheamh bliadhna.” Lean e air, “Tha e cudromach gu faigh oileanaich aig am bheil Gàidhlig an cothrom a cleachdadh an àrainneachd far am bheilear ga cleachdadh gu cunbhalach.  A thuilleadh air an sin tha an sgeama a’ toirt a chothrom dhaibh eòlas fhaighinn san àite obrach am measg ghnìomhachasan, buidhnean h-ealain is leasachadh coimhearsnachd agus an roinn phoblach.  Thig na h-oileanaich air adhart bho thaobh fileantas cànain agus nan giùlain fhèin agus bidh seo gu mòr na bhuannachd dhaibh ag ullachadh airson margaidh cosnaidh an latha an diugh.”  

Bu chòir do dh’ oileanaich a tha airson pàirt a ghabhail ann an sgeama na bliadhna-sa iarrtas a chuir gu Comunn na Gàidhlig, 5 Caolshràid Mhìcheil, Inbhir Nis, IV2 3HQ, ro 23 Màrt 2012. Airson tuilleadh fiosrachaidh agus Foirmean Iarrtais, thigibh gu làrach-lìn ChnaG aig http://www.cnag.org.uk

Bu chòir do bhuidhnean, a tha a’ stiùireadh an gnìomhachas tro mheadhan na Gàidhlig, a tha airson pàirt a ghabhail san Sgeama fios a chuir gu CnaG aig an oifis ann an Inbhir Nis. 
Fon: 01463 234138 agus P-dealain: oifis@cnag.org.uk

Tha Sgeama Greis Gnìomhachais nan Oileanach 2012 air a mhaoineachadh le Iomairt na Gàidhealtachd’s nan Eilean, Bòrd na Gàidhlig, Comhairle na Gàidhealtachd agus Comhairle nan Eilean Siar agus air a stiùireadh le Comunn na Gàidhlig.

CRÌOCH

17 Feb 2012