Bun-sgoil Stafainn a’ Soirbheachadh aig a’ Mhòd Nàiseanta Rìoghail, Dùn Omhain

Read this in English

Tha còmhlan-ciùil Bun-sgoil Stafainn às an Eilean Sgitheanach air an duais as àirde a chosnadh ann am farpais nan còmhlan-ciùil dhaibhsan fo aois 13, aig a’ Mhòd Nàiseanta Rìoghail ann an Dùn Omhain.

Airson an ceathramh bliadhna ann an sreath, tha Comhairle na Gàidhealtachd air sponsaireachd a thoirt dhan fharpais seo ann an com-pàirteachas le Fujitsu a tha air duais £500 ann am bileag-fianais a thoirt seachad dhan chòmhlan shoirbheachail.  

Thuirt Ailean Trappit, Manaidsear Liubhairt Sheirbheisean aig Fujitsu: “Tha Fujitsu air leth toilichte a bhith a’ brosnachadh òigridh gus com-pàirt a ghabhail anns na Mòdan Nàiseanta uile tro bhith a’ co-sponsaireachd Farpais nan Còmhlan-ciùil dhaibhsan a tha fo aois 13.  Tha mi a’ guidhe gach soirbheachas do chòmhlain à sgoiltean na Gàidhealtachd, agus gach neach fa leth às a’ Ghàidhealtachd a bhios a’ gabhail com-pàirt sa Mhòd.”

Thuirt an Comhairliche Sheumais Friseal, an Cathraiche air Buidheann Buileachaidh na Gàidhlig aig Comhairle na Gàidhealtachd, a bhios a’ frithealadh a’ Mhòid: “Tha Comhairle na Gàidhealtachd a’ guidhe gach soirbheachas do ar co-obraichean ann an Earra-Ghàidheal is Bòid aig Mòd na bliadhna seo agus tha mi a’ coimhead air adhart ri coinneachadh ri mòran dhaoine a bhios a’ frithealadh a’ Mhòid ann an Dùn Omhain.  Tha co-chòrdadh aig Comhairle na Gàidhealtachd leis a’ Chomunn Gàidhealach a thaobh liubhairt a’ Mhòid Nàiseanta Rìoghail air Ghàidhealtachd, agus bidh sinn ag ullachadh airson an ath Mhòd Ghàidhealach a thèid a chumail an Inbhir Nis ann an 2014.”  

“An-dè bha mi moiteil cothrom fhaighinn na farpaisich uile a choimhead a’ gabhail com-pàirt anns an fharpais.  Rinn Bun-sgoil Stafainn fìor mhath le bhith a’ cosnadh na duais as àirde agus bha an ìre àrd dha-rìribh.  Tha gach còmhlan a ghabh com-pàirt air leth tàlantach agus tha sinn làn chreidsinn gun tèid gu math leotha agus gum bi iad nan tosgairean soirbheachail airson na Gàidhlig san àm ri teachd.”

Tha cuid de na sgoilearan agus na còmhlain bhon Ghàidhealtachd a bhios a’ gabhail com-pàirt ann am farpaisean aig a’ Mhòd Nàiseanta Rìoghail ann an Dùn Omhain a’ tighinn bho Bhun-sgoil Chille Mhoire agus Bun-sgoil Stafainn san Eilean Sgitheanach; Bhun-sgoil Chnoc na Creige am Baile Dhubhthaich; agus Acadamaidh Rìoghail Bhaile Dhubhthaich. 


-crìoch-

19 Oct 2012