Bun-sgoil Shlèite nan Treòirichean

Read this in English

Dh’fhosgail an Comh. Hamish Friseal, ann an co-bhann le Comhairle Phàrantan Bun-sgoil Shlèite, uidheamachd ùr cluiche “Timber Trim,” anns a bheil 20 meatar de dh’fhaid, aig an sgoil an-diugh.

Tha Slighe an Timber Trim na mheasgachadh de uidheamachd iomadh-chleachdaidh raoin-chluiche, anns a bheil frèamaichean fiodha, spàrran muncaidh, balla sreap agus tunail lìn.

Thuirt An Comh. Hamish Friseal, a tha na Chathraiche air Comataidh Buileachaidh na Gàidhlig aig Comhairle na Gàidhealtachd: “’S e leasachadh ionmholta a tha seo don sgoil, leis gun toir e buannachd do na sgoilearan nan cuid eacarsaich agus cluiche air a’ bhlàr a-muigh. Tha e cuideachd a’ cur ris na tha de ghoireasan aig an sgoil air am faigh na daoine òga cothrom”, lean e air, “Bu mhath leam an cothrom seo a ghabhail taing a thoirt do Chomhairle Phàrantan Bun-sgoil Shlèite airson mar a thog iad airgead airson an leasachadh seo a thoirt gu buil, agus thug e toileachas don Chomhairle taic-airgid a chur ris a’ phròiseact.”

Thuirt Fiona Hanson, a tha na Cathraiche air Comhairle Phàrantan Bun-sgoil Shlèite: “Tha seo mìorbhailleach don chloinn agus don sgoil, gu seachd-àraid agus sinn a’ comharrachadh 30 bliadhna den sgoil. Tha eacarsaich phiosaigeach cho cudromach airson falainneachd, agus tha an Trim Trail ga dhèanamh spòrsail don chloinn cuideachd. Bu mhath leam taing a thoirt don a h-uile duine agus buidheann a chuidich leinn ‘s sinn a’ togail airgid airson seo a thoirt gu buil.”

Fhuair Comhairle Phàrantan Bun-sgoil Shlèite taic-airgid bho Stòras Coimhearsnachd an Landfill, Stòras Coimhearsnachd Coille an Tòrr Mhòir ann an Slèite, Comhairle na Gàidhealtachd, agus tabhartasan prìobhaideach. ‘S iad Sutcliffe Play Scotland a lìbhrig agus a chuir an sàs an uidheamachd.

Thuirt Ceannard na Sgoile, Gwen Culbertson: “’S e rud mìorbhailleach a th’ anns an Trim Trail, agus tha na sgoilearan mar thà ga chur gu feum. Tha an luchd-obrach agus na sgoilearan gu math taingeil airson na taice a fhuair iad bho na compàirtichean maoineachaidh.  Chuir Comhairle nam Pàrantan, gu h-àraid an Cathraiche Fiona Hanson, an t-uabhas obrach an sàs, agus cuiridh an uidheamachd raoin-chluiche gu mòr ris na bhios a’ chlann a’ dèanamh ‘s iad ri foghlam air a’ bhlàr a-muigh. Mòran taing dhuibh uile.”

26 Aug 2013