Bùithtean-obrach air feadh na Gàidhealtachd do phàrantan chloinne ann am Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig

Bho Dhiciadain (22 Faoilleach) gu deireadh a’ Mhàirt bidh luchd-obrach Ionnsachadh agus Leasachadh Coimhearsnachd Gàidhlig Chomhairle na Gàidhealtachd a’ ruith sreath de bhùithtean-obrach air feadh na Gàidhealtachd do phàrantan chloinne ann am foghlam tro mheadhan na Gàidhlig.

’S e prìomh amas nam bùithtean-obrach pàrantan a bhrosnachadh gus barrachd com-pàirt a ghabhail ann a bhith a’ toirt taic do dh’fhoghlam Gàidhlig an cuid chloinne le bhith a’ brosnachadh cleachdadh na Gàidhlig san dhachaigh.

Bidh na bùithtean-obrach a’ gàbhail a-steach seisean dà uair a thìde fon tiotal ‘A’ Toirt Taic do Chloinn a’ Bruidhinn na Gàidhlig – Rudan ri Dhèanamh.’  Bidh grunn stèiseanan-obrach ann far am faighear cothrom coimhead air raon ghoireasan matha, nam measg leabhraichean is CDan, làraich-lìn leithid Gaelic4Parents, geamaichean BBC Alba agus fiosrachadh coitcheann mu chleasan cultarail is mu thachartasan eile anns am faodadh an cuid chloinne com-pàirt a ghabhail.

Seallaidh luchd-stiùiridh nam Bùithtean-obrach mar a dh’fhaodas na goireasan a bhith air an cleachdadh san dachaigh gus taic a thoirt do dh’fhoghlam Gàidhlig an cuid chloinne.

Ged nach eil fios deimhinnte fhathast air dearbh chinn-latha nan seiseanan uile, bidh an seisean Diciadain a’ gabhail àite ann an Inbhir Nis agus ’s e an t-amas aon bhùth-obrach a ruith anns gach sgìre far a bheil foghlam tro mheadhan na Gàidhlig ri fhaotainn an-dràsta, agus co-dhiù dà bhùth-obrach ann an àiteachan mar Port Rìgh agus Inbhir Nis far a bheil barrachd dhaoine òga air an oideachadh tro mheadhan na Gàidhlig.

Thuirt an Comhairliche Sheumais Friseal, Cathraiche Buidheann Buileachaidh na Gàidhlig aig a’ Chomhairle: “Bidh na Bùithtean-obrach feumail dha-rìribh do phàrantan le clann ann am Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig agus tha mi ’n dòchas gun gabh pàrantan an cothrom tighinn gu na bùithtean-obrach a bhios san sgìre aca. 

“Tha e cudromach gu bheil àrainneachd thaiceil ann dhan cuid chloinne a thaobh na Gàidhlig san dachaigh, gu h-àraid tro bhith a’ cruthachadh deagh fhaireachdainn mun Ghàidhlig agus le bhith a’ dèanamh cinnteach gum bi a’ Ghàidhlig na pàirt de bheatha na dachaigh.”

Gheibhear tuilleadh fiosrachaidh mu na Bùithtean-obrach a bhios sna sgìrean agaibh bho luchd-obrach Ionnsachadh is Leasachadh Coimhearsnachd Gàidhlig na Comhairle aig:  gaelic@highland.gov.uk  no le fòn gu 01463 703663.

CRÌOCH

20 Jan 2014