Successful Gaelic Open Day in Portree

photo from event

A successful Gaelic Open Day in Portree was well attended by both adults and children.

The event, which was aimed at parents and guardians’ of 0-5 year old children, gave parents who came along the opportunity to find out about the benefits of Gaelic Medium Education. As well as speaking to council staff they were able to pick up CD’s, books and leaflets and get information on specific websites featuring preschool Gaelic activities.

Over 40 toddlers and young children came along too and had lots of fun getting their faces painted, playing on a bouncy castle and taking part in games.

Refreshments and home baking were provided on the day by the local Gaelic early years group Croileagan Phortrìgh with proceeds raised going towards funds for the group. The Croileagan also held an open day for parents to have a look around the facility and meet the staff who run the group.

Council Hamish Fraser Chair of the Gaelic Implementation Group said: “The Open Days which are organised by the Gaelic Team are important as they give parents the opportunity to see the resources which are available and also the support which the Council and other agencies provide in relation to Gaelic Education, this is very relevant, especially as the Council embarks on building a new Gaelic School and the contract which has been recently announced is part of an overall capital investment programme of £14.8 million in Portree.”

Amy Macnab, from Portree who has three children, Ceitidh in Croileagan, Poppy attending Sgoil Araich, Emma in Gaelic Medium in Portree Primary said: “Today was hugely successful as it provided parents with the opportunity to liaise with the Gaelic Team, and find out more information on Gaelic education and the benefits of bilingualism. The pre-school children had real fun on the bouncy castle and enjoyed the face-painting sessions and games, it was great to see the young children having fun whilst interacting in Gaelic.”

ENDS

For further information please contact shona.paterson@highland.gov.uk

Read this in Gaelic……..

Chaidh Latha Fosgailte Gàidhlig a chumail aig Àrd-Sgoil Phort Rìgh aig Àrainn Fhinn Disathairne sa chaidh, le fiosrachadh do phàrantan agus luchd-cùraim chloinn aois 0-5.

Bha còrr is 40 pàiste is leanabh òg aig an tachartas agus bha cothrom aig pàrantan faighinn a-mach mu bhuannachdan Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig agus stòrasan, CDan, leabhraichean is bileagan a thogail, fiosrachadh fhaighinn mu làraich-lìn shònraichte a thaobh tachartasan ro-sgoile Gàidhlig agus fada a bharrachd.

Bha cothrom aig na pàistean beaga com-pàirt a ghabhail ann an seiseanan peantadh-aodainn agus bha tòrr spòrs aca air caisteal bogadaich.

Thug Cròileagan Phort Rìgh, buidheann pàrant is pàiste na sgìre, seachad deochan is bèicearachd air an latha, is bha airgead sam bith a dheidheadh a thogail a’ dol chun na buidhne. Bha latha fosgailte aig a’ Chròileagan cuideachd airson cothrom a thoirt do phàrantan coimhead timcheall a’ ghoireis agus coinneachadh ris an luchd-obrach a bha a’ ruith na buidhne.

Thuirt an Comhairle Sheumais Friseal, Cathraiche Buidheann Buileachaidh na Gàidhlig, “Tha na Làithean Fosgailte a tha Sgioba na Gàidhlig a’ cur air dòigh cudromach seach gu bheil iad a’ toirt cothrom do phàrantan coimhead air na goireasan a tha ri fhaotainn agus cuideachd an taic a tha a’ Chomhairle agus buidhnean eile a’ toirt seachad a thaobh Foghlam Gàidhlig. Tha seo iomchaidh dha-rìreabh, gu h-àraid seach gu bheil a’ Chomhairle a’ tòiseachadh air Sgoil Ghàidhlig ùr a thogail agus tha an cunnradh a chaidh ainmeachadh o chionn ghoirid mar phàirt de phrògram tasgadh calpa iomlan de £14.8 millean ann am Port Rìgh.”

Thuirt Amy Nic an Aba, à Port Rìgh, aig a bheil triùir chloinne: Ceitidh sa Chròileagan, Poppy san Sgoil-àraich agus Emma ann am FMG ann am Bun-Sgoil Phort Rìgh, “Bha an latha an-diugh fìor shoirbheachail seach gun robh cothrom aig pàrantan ceangal a thogail le Sgioba na Gàidhlig, agus gus barrachd fiosrachaidh fhaighinn mu fhoghlam Gàidhlig agus na buannachdan a tha an lùib dà-chànanais. Chòrd an caisteal bogadaich, am peantadh-aodainn agus na geamaichean glan ris a’ chloinn ro-sgoile. Bha e sgoinneil a bhith a’ faicinn na cloinne a’ gabhail tlachd cho mòr às na cleasan is a bhith a’ conaltradh tro mheadhan na Gàidhlig.”

Gheibhear tuilleadh fiosrachaidh bho: shona.paterson@highland.gov.uk

8 Mar 2016
Tell us something about this topic How is this webpage?