Agendas, reports and minutes

Buidheann Buileachaidh na Gàidhlig

Date: Thursday, 29 May 2014

Agenda: Read the Agenda

Cumar coinneamh de Bhuidheann Buileachaidh na Gàidhlig ann an Seòmar na Comhairle, Taigh Loch Abar, An Àrd-Shràid, An Gearasdan, air Diardaoin 29 Cèitean 2014 aig 10.30m.

Brath Craoladh-lìn:  Thèid a’ choinneamh seo a chlàradh is a chraoladh thar an Eadar-lìn air làrach-lìn Chomhairle na Gàidhealtachd. Thèid an clàradh a thasgadh is chithear e airson 12 mìosan às dèidh sin.

Tha cuireadh agaibh chun na coinneimh agus tha clàr de na gnothaichean air an tèid beachdachadh an cois seo.

Leis gach deagh dhùrachd,

Michelle Morris
Iar-Àrd-Oifigear/
Stiùiriche an Leasachaidh Chorporra

Thoiribh an aire gum bi a’ choinneamh air a cumail sa Ghàidhlig, le eadar-theangachadh mar-aon gu Beurla.

Gnothachas

1. Leisgeulan

2. Foillseachaidhean Com-pàirt

Thathar ag iarraidh air Buill beachdachadh a bheil com-pàirt aca a bu chòir dhaibh fhoillseachadh co-cheangailte ri gnothaich sam bith air clàr na coinneimh seo.  Bu chòir do Bhuill a dhèanamh soilleir an e com-pàirt ionmhasail no neo-ionmhasail a tha seo agus beagan innse mu nàdar na com-pàirt.  Gheibhear comhairle a thaobh seo bho Oifigearan mus tòisich a’ choinneamh.

3. Naidheachdan Matha

4. Plana Gàidhlig 2012-16, Cuspair 2 “Na nì sinn airson na Gàidhlig ann am Foghlam” – Aithisg Bhuileachaidh

Tha Aithisg Àir. GIG-08-14  le ceann-latha 21 Cèitean 2014 ga cuairteachadh fa leth le Stiùiriche an Fhoghlaim, a’ Chultair agus an Spòrs le fios às ùr mu bhuileachadh Plana na Gàidhlig 2012-16, Cuspair 2 “Na nì sinn airson na Gàidhlig ann am Foghlam” agus fiosrachadh mu raon farsaing iomairtean ionadail agus nàiseanta. Tha fiosrachadh san Aithisg cuideachd mu cheangal leantainneach le Riaghaltas na h-Alba, Bòrd na Gàidhlig agus Foghlam Alba, mu adhartas le leasachaidhean sna roinnean Ro-sgoile, Bun-sgoile agus Àrd-sgoile agus mu phlanaichean gus gealltanas a ghleidheadh airson barrachd chothroman trèanaidh agus Leasachadh Dreuchdail Leantainneach do thidsearan ann an Inbhir Nis, a bharrachd air an fheadhainn a thathar a’ lìbhrigeadh mar-thà aig Sabhal Mòr Ostaig agus taobh a-muigh na Gàidhealtachd.

Thathar ag iarraidh air a’ Bhuidhinn:

i. beachdachadh air adhartas ann a bhith a’ buileachadh Cuspair an Fhoghlaim
    ann am Plana na Gàidhlig;
ii. aontachadh gun leanar air adhart leis a’ chom-pàirteachas shoirbheachail le
    Bòrd na Gàidhlig san earrainn breith gu trì agus pasgan taic maoineachaidh a
    chur ri chèile a’ dol air adhart;
iii. aontachadh gun dèanar cinnteach gu bheil riatanasan Gàidhlig air an gabhail
    a-steach ann an co-chomhairleachaidhean 600 uair a thìde Ro-sgoile aig
    Riaghaltas na h-Alba sa Ghàidhealtachd;
iv. aontachadh gun dèanar measadh air na Pìolaitean Fèisgoil ann an Loch Abar
    agus Gallaibh agus Cataibh;
v. aontachadh gun toirear taic do bhith a’ com-pàirteachadh na Gàidhlig air
    stèidh leantainnich ann an iomairtean a dh’fhaodadh buaidh mhath a thoirt
    air ionnsachadh Gàidhlig ann am Bun-sgoiltean agus Àrd-sgoiltean; a’ gabhail
    a-steach GLPS, solar do Luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig ann an
    Àrd-sgoiltean agus poileasaidh Ionnsachadh Cànain 1+2 aig Riaghaltas na h-
    Alba; agus
vi. aontachadh gun toirear air adhart còmhraidhean le Bòrd na Gàidhlig,
    Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean/Sabhal Mòr Ostaig a thaobh
    Teisteanas agus Trèanadh Thidsearan Gàidhlig ann an Inbhir Nis.

5. Cothrom a thaobh Seirbheisean Co-roinnte le Comhairle Earra-Ghàidheal agus Bhòid

Tha Aithisg Àir. GIG-9-14  le ceann-latha 19 Cèitean 2014 ga cuairteachadh le Stiùiriche an Fhoghlaim, a’ Chultair agus an Spòrs a’ toirt fiosrachadh mu chòmhraidhean le Comhairle Earra-Ghàidheal agus Bhòid mu chothrom a bhith a’ co-roinn goireas Oifigear Foghlaim Gàidhlig eadar an dà Ùghdarras.

Thathar ag iarraidh air a’ Bhuidhinn:

i. beachdachadh air na molaidhean a thaobh seirbheis cho-roinnte; agus
ii. aontachadh gun toirear còmhraidhean Eadar-Ùghdarrais air adhart gu luath,
    a thaobh fuasglaidhean a tha a’ freagairt air an dà ùghdarras.

6. Taisbeanadh le Bòrd na Gàidhlig      

Tha Aithisg Àir. GIG-10-14 (28kb pdf) le ceann-latha 19 Cèitean 2014 ga cuairteachadh le Stiùiriche an Fhoghlaim, a’ Chultair agus an Spòrs, a’ cur fàilte air Iain Aonghas MacAoidh OBE, Ceannard, agus a’ Bh-uas Màiri NicIlleMhaoil, Leasaiche Foghlaim agus Ionnsachadh aig Bòrd na Gàidhlig.  Bheir a’ Bh-uas NicIlleMhaoil mìneachadh air adhartas is dùbhlain leantainneach a’ buntainn ri Foghlam Gàidhlig, cho cudromach ’s a tha an com-pàirteachas againn agus am feum a th’ ann gus tuilleadh leasachaidh a thoirt air dòigh-obrach cholaisteach a thaobh modhan fàis is taic ann am Foghlam Gàidhlig.

Thathar ag iarraidh air a’ Bhuidhinn:

i. beachdachadh air an taisbeanadh aig a’ Bh-uas NicIlleMhaoil; agus
ii. aontachadh tuilleadh leasachaidh a thoirt air dàimhean-obrach dlùtha an dà
    chuid aig ìrean ionadail agus nàiseanta.

7. Taisbeanadh leis a’ Chomunn Ghàidhealach

Tha Aithisg Àir. GIG-11-14 (38kb pdf) le ceann-latha  19 Cèitean 2014 ga cuairteachadh le Stiùiriche an Fhoghlaim, a’ Chultair agus an Spòrs, a’ cur fàilte air Mgr Iain Moireasdan, Àrd-Oifigeir a’ Chomuinn Ghàidhealaich. Bheir Mgr Moireasdan seachad fios às ùr do Bhuill mu adhartas gu ruige a bhith a’ lìbhrigeadh Mòd Nàiseanta Rìoghail soirbheachail ann an Inbhir Nis agus san sgìre mun cuairt san Dàmhair 2014.

Thathar ag iarraidh air a’ Bhuidhinn:

i. beachdachadh air taisbeanadh Mhgr Mhoireasdain; agus
ii. aontachadh na dàimhean-obrach matha a leantainn air adhart agus a
    leasachadh gus Mòd Nàiseanta Rìoghail cho math ’s a ghabhas a lìbhrigeadh
    ann an Inbhir Nis ann an 2014.

8. Tachartasan Ealain, Meadhanan is Cultarail Nàiseanta agus Eadar-nàiseanta a’ Buntainn ris a’ Ghàidhlig a tha a’ Gabhail Àite sa Ghàidhealtachd ann an 2014/15

Tha Aithisg Àir. GIG-12-14 (38kb pdf) le ceann-latha 19 Cèitean 2014 ga cuairteachadh le Stiùiriche an Fhoghlaim, a’ Chultair agus an Spòrs, a’ toir fios às ùr mu bhuileachadh Cuspair 3 ann am Plana na Gàidhlig 2012-16, “Na nì sinn airson na Gàidhlig sna h-Ealain, sna Meadhanan agus ann an Dualchas”.  Tha an Aithisg a’ toirt fiosrachadh do Bhuill mu thachartasan nàiseanta agus eadar-nàiseanta a’ buntainn ris a’ Ghàidhlig, a bhios a’ gabhail àite sa Ghàidhealtachd eadar toiseach an t-Sultain 2014 agus meadhan a’ Ghiblein 2015. Bidh cànan agus cultar na Gàidhlig aig cridhe nan tachartasan seo.

Thathar ag iarraidh air a’ Bhuidhinn:

i. beachdachadh air an raon thachartasan dhan bheil Comhairle na
    Gàidhealtachd a’ toirt taic is aoigheachd sa bhliadhna air thoiseach;
ii. aontachadh gun tèid Buidheann Oifigearan Comhairle Thar-Seirbheis a
    steidheachadh, a bheir seachad dòigh-obrach cho-òrdanaichte gus taic is
    comhairle a thoirt do Bhuill, an Sgioba Cheannardais Ghnìomhaich agus
    luchd-eagrachaidh nan tachartasan a tha air am mìneachadh san aithisg;
iii. aontachadh gun leanar air adhart a’ cur taic ri margaideachd chom-pàirteach
    le ìomhaigh àrd, agus ri gnìomhachd foillseachaidh agus com-pàirteachas
    airson nan tachartasan nàiseanta is eadar-nàiseanta seo; agus
iv. aontachadh gun obraich a’ Chomhairle le com-pàirtichean gus leantainn air
    adhart a’ tarraing thachartasan ìomhaigh àird sna h-ealain, na meadhanan is
    dualchas, a’ buntainn ris a’ Ghàidhlig, dhan Ghàidhealtachd gus
    buannachdan eaconamach a thoirt seachad taobh a-staigh sgìre na
    Comhairle.


9. Maoin Gnìomhachaidh Achd na Gàidhlig – Aithisgean Bliadhnail airson 2013/14 agus Iarrtasan Pròiseict airson 2014/15

Tha Aithisg Àir. GIG-13-14 (114kb pdf) le ceann-latha 19 Cèitean 2014 ga cuairteachadh le Stiùiriche an Fhoghlaim, a’ Chultair agus an Spòrs, a’ toirt seachad nan Aithisgean Adhartais as ùire airson Pròiseactan Maoin Gnìomhachaidh Achd na Gàidhlig airson 2013/14 agus na h-Iarrtasan Pròiseict a chuir a’ Chomhairle a-steach airson cuairt mhaoineachaidh 2014/15.

Thathar ag iarraidh air a’ Bhuidhinn:

i. beachdachadh air Aithisgean Pròiseict 2013/14;
ii. beachdachadh air na h-Iarrtasan Pròiseict airson 2014/15 a chuir a’
    Chomhairle a-steach; agus
iii. còmhraidhean fhosgladh le Bòrd na Gàidhlig agus Riaghaltas na h-Alba mu
    chothroman maoineachaidh a’ dol air adhart agus mu amasan, miannan agus
    targaidean Maoin Gnìomhachaidh Achd na Gàidhlig airson an ama ri teachd.