Agendas, reports and minutes

Buidheann Buileachaidh na Gàidhlig

Date: Thursday, 19 February 2015

Agenda: Read the Agenda

Cumar coinneamh de Bhuidheann Buileachaidh na Gàidhlig ann an Seòmar na Comhairle, A’ Phrìomh Oifis, Rathad Ghlinn Urchadain, Inbhir Nis air Diardaoin 19 Gearran 2015 aig 10.30m.

Brath Craoladh-lìn:  Thèid a’ choinneamh seo a chlàradh is a chraoladh thar an Eadar-lìn air làrach-lìn Chomhairle na Gàidhealtachd. Thèid an clàradh a thasgadh is chithear e airson 12 mìosan às dèidh sin.

Tha cuireadh agaibh chun na coinneimh agus tha clàr de na gnothaichean air an tèid beachdachadh an cois seo.

Leis gach deagh dhùrachd,

Michelle Morris
Iar-Àrd-Oifigear/
Stiùiriche an Leasachaidh Chorporra

Thoiribh an aire gum bi a’ choinneamh air a cumail sa Ghàidhlig, le eadar-theangachadh mar-aon gu Beurla.

Gnothachas

1. Leisgeulan

2. Foillseachaidhean Com-pàirt

Thathar ag iarraidh air Buill beachdachadh a bheil com-pàirt aca a bu chòir dhaibh fhoillseachadh co-cheangailte ri gnothaich sam bith air clàr na coinneimh seo.  Bu chòir do Bhuill a dhèanamh soilleir an e com-pàirt ionmhasail no neo-ionmhasail a tha seo agus beagan innse mu nàdar na com-pàirt.  Gheibhear comhairle a thaobh seo bho Oifigearan mus tòisich a’ choinneamh.

3. Naidheachdan Matha

4. Bòrd na Gàidhlig – Taisbeanadh

Bheir Mgr Iain Aonghas MacAoidh OBE, Ceannard Bhòrd na Gàidhlig seachad taisbeanadh mu leasachaidhean nàiseanta ann am Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig.

Thathar ag iarraidh air a’ Bhuidhinn beachdachadh air an Taisbeanadh.

5. Plana Gàidhlig 2012-16 – Aithisg Bhuileachaidh Bhliadhnail 2014-15 airson Bòrd na Gàidhlig                                                            

Tha Aithisg Àir. GIG/1/15 le ceann-latha 9 Gearran 2015 ga cuairteachadh le Stiùiriche a’ Chùraim agus an Ionnsachaidh, a’ toirt seachad dreachd Aithisg Bhuileachaidh Bhliadhnail 2014-15 a thaobh Plana Gàidhlig Chomhairle na Gàidhealtachd 2012-16, airson aonta. Tha an Aithisg a’ gabhail a-steach adhartas ann a bhith a’ buileachadh còig cuspairean a’ Phlana, bho 1 Faoilleach 2014 gu 31 Faoilleach 2015.

Thathar ag iarraidh air a’ Bhuidhinn:-

i.  beachdachadh air an Dreachd Aithisg Bhuileachaidh Bhliadhnail a tha a’ còmhdach an ama 1 Faoilleach 2014 gu 31 Faoilleach 2015; agus
ii. aonta a thoirt dhan Aithisg Bhuileachaidh Bhliadhnail.

6. An Comunn Gàidhealach – Taisbeanadh

Bheir Mgr Iain Moireasdan, Àrd-Oifigear a’ Chomuinn Ghàidhealaich agus Mgr Daibhidh Mac an t-Saoir seachad taisbeanadh às leth a’ Chomuinn Ghàidhealaich, le measadh air buaidh eaconamach a’ Mhòid Nàiseanta Rìoghail a chumadh san Dàmhair 2014 ann an Inbhir Nis. Bidh Mgr Iain MacLeòid, Ceann-suidhe a’ Chomuinn Ghàidhealaich agus Mgr Ailean Caimbeul, Cathraiche Comataidh Eagrachaidh Mòd Ionadail Inbhir Nis, an làthair gus ceistean a fhreagairt.

Thathar ag iarraidh air a’ Bhuidhinn beachdachadh air an Taisbeanadh.