Agendas, reports and minutes

Buidheann Buileachaidh na Gàidhlig

Date: Thursday, 19 February 2015

Minutes: Read the Minutes

Geàrr-chunntas coinneamh Buidheann Buileachaidh na Gàidhlig a chumadh ann an Seòmar na Comhairle, Rathad Ghlinn Urchadain, Inbhir Nis, air Diardaoin, 19 Gearran 2015 aig 10.30m.

An làthair:

Mgr D Fallows, Mgr G Farlow, Mgr C Friseal, Mgr S Friseal, Mgr I Gòrdan, Mgr S MacGilleBhrath, Mgr C MacLeòid, Mgr F Parr, A’ Bh-uas M E NicPheadrais, An Dr A Nic na Ceàrdaich, A’ Bh-uas C Stephen

Cuideachd an làthair:

A’ Bh-uas I Chaimbeul, Mgr D Mac a’ Mhuilleir

A’ frithealadh na coinneimh:

A’ Bh-uas C NicDiarmaid, Ceannard Poileasaidh agus Ath-leasachaidh, Seirbheis an Àrd-Oifigeir
Mgr C A Moireach, Manaidsear Leasachaidh na Gàidhlig, Seirbheis an Àrd-Oifigeir
A’ Bh-uas M A NicLeòid Mitchell, Oifigear Leasachaidh na Gàidhlig, Seirbheis an Àrd-Oifigeir
A’ Bh-uas J NicDhòmhnaill, Prìomh Oifigear Eadar-theangachaidh, Seirbheis an Àrd-Oifigeir
A’ Bh-uas M Mulholland, Oifigear Ionnsachaidh & Leasachaidh Coimhearsnachd Gàidhlig, Seirbheis an Àrd-Oifigeir
A’ Bh-uas M NicConaill, Neach-cuideachaidh Stòrasan Gàidhlig, Seirbheis an Àrd-Oifigeir
A’ Bh-uas S NicPheadrais, Oifigear Ionnsachaidh & Leasachaidh Coimhearsnachd Gàidhlig, Seirbheis an Àrd-Oifigeir
A’ Bh-uas S NicIllinnein, Prìomh Rianaire, Seirbheis an Leasachaidh Chorporra
A’ Bh-uas F NicBheathain, Rianaire Comataidh, Seirbheis an Leasachaidh Chorporra

Cuideachd a’ frithealadh na coinneimh:

A’ Bh-uas M Nic Ille Mhaoil, Leasaiche Foghlaim is Ionnsachaidh, Bòrd na Gàidhlig
Mgr I Moireasdan, Àrd-Oifigear, An Comunn Gàidhealach
Mgr S Greumach, Manaidsear Leasachaidh a’ Mhòid, An Comunn Gàidhealach
Mgr A Caimbeul, Cathraiche, Comataidh Eagrachaidh Mòd Ionadail Inbhir Nis
Mgr D Mac an t-Saoir, The Market Specialists

Tha rionnag air iomall na duilleige a’ comharrachadh moladh a thèid chun na Comhairle.  Tha co-dhùnaidhean gun chomharradh fo ùghdarras na Buidhne.

Gnothach

1. Leisgeulan

Cha robh leisgeulan ann.

2. Foillseachaidhean Com-pàirt

Cha robh Foillseachaidhean Com-pàirt ann.

3. Naidheachdan Matha

Chaidh liosta de ghnothaichean Naidheachdan Matha a chur air a’ bhòrd aig a’ choinneimh agus, às dèidh dhan Chathraiche aire shònraichte a tharraing gu diofar chùisean, THUG a’ Bhuidheann FA-NEAR dha na Naidheachdan Matha.

Chomharraich Buill cuideachd gun deach gabhail gu math ri taisbeanadh mu luach eaconamach agus sòisealta na Gàidhlig mar sho-mhaoin an latha roimhe aig Comataidh an Dealbhaidh, an Leasachaidh agus a’ Bhun-structair. Bha a’ Chomataidh air aontachadh taic a chur ri brosnachadh leantainneach na Gàidhlig mar sho-mhaoin eaconamach agus sòisealta tro lìbhrigeadh Phlana Gàidhlig na Comhairle.

4. Bòrd na Gàidhlig – Taisbeanadh

Thug a’ Bh-uas Màiri Nic Ille Mhaoil, Leasaiche Foghlaim is Ionnsachaidh aig Bòrd na Gàidhlig seachad taisbeanadh mu leasachaidhean nàiseanta ann am Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig. Mhìnich a’ Bh-uas Nic Ille Mhaoil an adhartas is na dùbhlain a bha a’ buntainn ri Foghlam Gàidhlig agus dh’innis i mu na sia Raointean Leasachaidh ann am Plana Cànain Nàiseanta Gàidhlig 2012/17: An Dachaigh agus Tràth-bhliadhnaichean; Foghlam; Coimhearsnachdan; an t-Àite-obrach; Ealain agus na Meadhanan, Dualchas agus Turasachd; agus Dealbhadh Corpais.

Bha àrdachadh cas sna h-àireamhan a bha a’ dol a-steach gu Clas 1 FMG bho 2011 agus toiseach na dreachd mu dheireadh de Phlana Cànain Nàiseanta na Gàidhlig. Thugadh iomradh cuideachd air Cunntas-sluaigh 2011 agus ged a bha lùghdachadh beag air bheag ann an àireamhan luchd-labhairt na Gàidhlig gu h-iomlan sna 30 bliadhna mu dheireadh, chaidh aithris gun robh na h-àireamhan ann an earrainn aoise 3-24 air a bhith an ìre mhath seasmhach thairis air an ùine sin. Thugadh fa-near do leasachaidhean nàiseanta o chionn ghoirid, a’ gabhail a-steach co-chomhairleachadh mu làn-chòir phàrantan do Fhoghlam tro Mheadhan na Gàidhlig (FMG), Stiùireadh Mhinistreil mu FMG ri ullachadh le Bòrd na Gàidhlig, Stiùireadh bho Fhoghlam Alba mu Fhoghlam Gàidhlig agus obair Buidheann-Stiùiridh Ro-innleachd Foghlaim Gàidhlig Nàiseanta.

Rè a’ chòmhraidh, chuir Buill fàilte air na leasachaidhean a bha air an soilleireachadh san taisbeanadh agus thog iad na beachdan a leanas:-

• a’ toirt iomradh air Bile Foghlaim tro Mheadhan na Gàidhlig a dheidheadh a thaisbeanadh do Phàrlamaid na h-Alba a dh’aithghearr, bhathar an dòchas gun deidheadh an aon inbhe a thoirt dhan Ghàidhlig ’s a bha aig Cuimris agus gun deidheadh gach oidhirp a dhèanamh gus Riaghaltas na RA a bhrosnachadh gus a’ Ghàidhlig aithneachadh mar sho-mhaoin eaconamach, cultarail agus sòisealta thar Alba;
• bha mòran thidsearan sa Ghàidhealtachd a’ gabhail ghealltanasan mòra pearsanta os làimh gus cùrsaichean Ùlpan a fhrithealadh agus, a thaobh obair chom-pàirteach, bu chòir gach oidhirp a dhèanamh gus taic is brosnachadh a thoirt dhan dealas seo. A thaobh seo, is a’ togail air astaran siubhail do thidsearan gus oideachadh Gàidhlig fhaighinn, chaidh ceist a thogail co-dhiù a dh’fhaodadh teicneòlas ùr-nodha a chleachdadh gus ionnsachadh air astar a thoirt seachad gus siubhal a lùghdachadh no a sheachnadh;
• nuair a bha teaghlaichean a bha a’ gabhail com-pàirt ann am Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig a’ gluasad air falbh bho choimhearsnachdan beaga, bha seo a’ toirt buaidh mhòr air neart is seasmhachd FMG san sgìre. Ann an suidheachaidhean leithid seo, chaidh ceist a thogail mu chomas gus buidheann-ghnìomha èiginn a leasachadh no maoin gus taic a chur ri seasmhachd far an robh pàrantan a’ faireachdainn gum faodadh ceistean seasmhachd a bhith ann; agus
• chaidh ceist a thogail mu na h-ullachaidhean a dh’fhaodadh a bhith suidhichte gus dèanamh cinnteach gun robh tagraichean le teisteanasan iomchaidh rim faotainn gus cur a-steach airson dreuchdan Ceannard-sgoile sna sgoiltean FMG ùra a bha a’ tighinn am bàrr ann am Port Rìgh agus anns a’ Ghearasdan.

Thug an Cathraiche taing dhan Bh-uas Nic Ille Mhaoil airson an taisbeanaidh aice. Dh’innis e cuideachd do Bhuill gun robh Mgr Iain Aonghas MacAoidh OBE a’ leigeil dheth a dhreuchd mar Àrd-Oifigeir aig Bòrd na Gàidhlig agus, às leth na Buidhne, thug e taing dha airson a chom-pàirteachais chuideachail leis a’ Chomhairle ann a bhith a’ brosnachadh agus a’ leasachadh na Gàidhlig, agus gu h-àraid Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig.

Às dèidh sin THUG a’ Bhuidheann FA-NEAR dhan Taisbeanadh.

5. Plana Gàidhlig 2012-16 – Aithisg Bhuileachaidh Bhliadhnail 2014-15 airson Bòrd na Gàidhlig

Chuairticheadh Aithisg Àir. GIG/1/15 le ceann-latha 9 Gearran 2015 le Stiùiriche a’ Chùraim agus an Ionnsachaidh a’ toirt seachad dreachd Aithisg Bhuileachaidh Bhliadhnail 2014-15 a thaobh Plana Gàidhlig 2012-16 na Comhairle, airson aonta. Bha an Aithisg a’ gabhail a-steach adhartas ann a bhith a’ buileachadh còig Cuspairean a’ Phlana, bhon 1 Faoilleach 2014 gu 31 Faoilleach 2015. B’ e seo an dàrna aithisg chuimseach mu bhuileachadh a thaobh nan cuspairean uile sa Phlana agus tharraing Manaidsear Leasachaidh na Gàidhlig aire nam Ball gu grunn chuspairean.

Rè a’ chòmhraidh, nochd grunn Bhall an taing do Sgioba na Gàidhlig airson an cuid obrach air raon farsaing phròiseactan, is iad a’ togail gu sònraichte air an fhàs chunbhalach san àireimh a bha a’ taghadh Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig. Chaidh beachdan sònraichte a thoirt seachad mar a leanas:-

• b’ e goireas sònraichte a bh’ ann am BBC Alba airson a bhith a’ brosnachadh cànan na Gàidhlig;
• bha soirbheas nam Fèisean, Fèis Rois agus Fèis nam Meadhanan Ceilteach a’ toirt na Gàidhlig gu luchd-èisteachd nas fharsainge;
• bhathar a’ cur fàilte air na bha a’ dol an lùib Ionnsachadh Inbheach;
• bhathar an dòchas, mar phàirt de Phlana Gàidhlig 2017-21, gun deidheadh Meòrachain Tuigse a shireadh le dùthchannan mion-chànain eile, agus chaidh iomradh sònraichte a thoirt air Dùthaich nam Basgach;
• bha com-pàirteachas Neach-gairm na h-Òigridh cudromach seach gun robh foghlam cho cudromach do leasachadh na Gàidhlig. Bha cothrom aca a’ Ghàidhlig a bhrosnachadh barrachd tro Phàrlamaid Òigridh na Gàidhealtachd;
• seach gun robh Cupa Ball-coise na Gàidhlig – Cuach na Cloinne – cho soirbheachail, dh’iarr Buill gun deidheadh beachdachadh air farpais coltach ri seo airson camanachd, gu h-àraid seach gu bheil camanachd cho cudromach do chultar na Gàidhealtachd;
• bha an àireamh àrd de dh’inntrigidhean airson Farpais an Sgrìobhaidh Chruthachail fìor mhath airson na bha de sgoilearan an lùib FMG;
• bu chòir taic na Buidhne a chonaltradh do luchd-dèanaidh nan trì filmichean às a’ Ghàidhealtachd a tha air geàrr-liosta san earrainn airson Film Coimhearsnachd As Fheàrr ann am Farpais FilmG. Bhathar cuideachd a’ brosnachadh nam Ball gus bhòtadh airson filmichean nan sgoiltean às a’ Ghàidhealtachd;
• bhathar a’ sireadh adhartas le bhith a’ lìonadh dreuchd Oifigear nan Tràth-bhliadhnaichean;
• dh’fhaodte gum biodh e cuideachail do sgoilearan FMG ann an aonadan beaga dùthchail coimhearsnachdan ionnsachaidh a chruthachadh agus teicneòlas a chleachdadh gus obrachadh ann am buidhnean agus taic a thoirt dha chèile;
• b’ e goireas feumail do dhaoine òga a bha ann an lìonradh Taigh-cluich Gàidhlig na h-Òigridh, stèidhichte ann an Eden Court, agus bha seo a’ sgaoileadh gu sgìrean eile den Ghàidhealtachd far an robh iarrtas gu leòr; agus
• chaidh cuimhneachadh do Bhuill gun tug an t-Àrd-Ollamh Antonella Sorace bho Oilthigh Dhùn Èideann seachad taisbeanadh dhan Bhuidhinn san Dùbhlachd 2011 mu bhuannachdan dà-chànanais airson eanchainn leanaibh, gu h-àraid an comais gus cànanan eile ionnsachadh.

DH’AONTAICH a’ Bhuidheann:-

i. Aithisg Bhuileachaidh Bhliadhnail airson an ama 1 Faoilleach 2014 gu 31 Faoilleach 2015 a thaobh Plana Gàidhlig 2012-16 na Comhairle; agus
ii. gun deidheadh taic na Buidhne a chonaltradh do luchd-dèanaidh nan trì filmichean às a’ Ghàidhealtachd a bha air geàrr-liosta ann an earrann Film Coimhearsnachd As fheàrr aig farpais FilmG.

6. An Comunn Gàidhealach – Taisbeanadh

Thug Mgr Iain Moireasdan, Àrd-Oifigear a’ Chomuinn Ghàidhealaich agus Mgr Daibhidh Mac an t-Saoir seachad taisbeanadh às leth a’ Chomuinn Ghàidhealaich le measadh buaidh eaconamaich a’ Mhòid Nàiseanta Rìoghail a chumadh san Dàmhair 2014 ann an Inbhir Nis.

Bha còrr is 9,000 neach air a bhith an làthair aig a’ Mhòd agus chaidh còrr is £3.5m a chruthachadh ann an caiteachas, le mu £400 mìle san latha a’ tighinn a-steach gu gnothachasan a’ bhaile.  Bha seo a’ riochdachadh Piseach air Tasgadh de 25 gu 1 airson Inbhir Nis, agus airson na Gàidhealtachd gu h-iomlan, 19 gu 1. Bhathar air deagh fheum a dhèanamh de ghoireasan ionadail agus bhathar air ìrean àrda riarachais a choileanadh, agus thugadh toraidhean a’ buntainn ri eileamaidean sònraichte do Bhuill. Chaidh grunn dhuaisean ‘leis an t-sruth’ a chruthachadh, nam measg gun robh 70% de luchd-làthair a’ Mhòid air tighinn gu sònraichte airson a’ Mhòid agus bha aithrisean ann gun robh 60% air nochdadh gun tilleadh iad gu deimhinnte gu Inbhir Nis airson saor-làithean. Bha e soirbheachail gun teagamh sam bith, ach nuair a bhathar a’ dèanamh cho-dhùnaidhean mu sgìrean aoigheachd san àm ri teachd, dh’fheumadh cothromachadh a bhith eadar tarraingeachd àiteachan traidiseanta, agus an t-soirbheas eaconamach aca, agus tarraingeachd chinn-uidhe ùra do luchd-labhairt na Gàidhlig agus an cothrom margaidean ùra a thàladh.

Sa chòmhradh, dh’iarr Buill gun deidheadh an taing a chur an cèill dhan Chomunn Ghàidhealach, do Chomataidh Eagrachaidh Mòd Ionadail Inbhir Nis agus do Sgiobaidhean na Comhairle fhèin a tha an lùib Gàidhlig, Turasachd, Leasachadh Eaconamach agus Cathair-bhaile Inbhir Nis airson na rinn iad gus dèanamh cinnteach gun robh Mòd Nàiseanta Rìoghail Inbhir Nis agus Iomall a’ Mhòid cho fìor shoirbheachail. Chaidh moladh gum biodh Inbhir Nis na dheagh àite gus dachaigh mhaireannach a thoirt dhan Mhòd Nàiseanta ach bhruidhinn Buill eile an aghaidh seo, is iad a’ togail air na buannachdan cudromach eaconamach, sòisealta is cultarail a bha am Mòd a’ toirt gu grunn àiteachan air feadh na h-Alba. Chaidh iomradh a thoirt cuideachd air na Mòdan Ionadail a bha a’ sìor leudachadh seach gu bheil iad a’ toirt bun-structar taiceil dhan Mhòd Nàiseanta.

Thugadh na beachdan a leanas seachad:-

• bha còmhdach telebhisean air a bhith buannachdail dhan Mhòd agus tòrr fharpaisean air an craoladh airson a’ chiad uair;
• bha am Mòd air cur ri saor-làithean mòran luchd-turais is cuid ag ràdh gun tilleadh iad. Bha tòrr ghnothachasan ann am meadhan a’ bhaile cuideachd air buannachd fhaighinn às a’ Mhòd, ach bha e na bhriseadh dùil nach deach an Obair Casg Thuiltean air Abhainn Nis a chrìochnachadh mus do thòisich am Mòd;
• Thugadh taing do Mhgr Greumach, Manaidsear Leasachaidh a’ Mhòid aig a’ Chomunn Ghàidhealach, airson a chuid obrach gus dèanamh cinnteach gun robh tachartasan Iomall a’ Mhòid cho soirbheachail; agus
• Thugadh taing is meal-a-naidheachd do chom-pàirtichean a’ Mhòid airson an dreuchd riatanach ann an soirbheas an tachartais a dh’àrdaich ìomhaigh na Gàidhlig.

Às dèidh sin:-

i. THUG a’ Bhuidheann FA-NEAR dhan Taisbeanadh; agus
ii. DH’AONTAICH a’ Bhuidheann gun deidheadh taing na Buidhne a chur an cèill dhan Chomunn Ghàidhealach, do Chomataidh Eagrachaidh Mòd Ionadail Inbhir Nis agus do Sgiobaidhean na Comhairle fhèin a tha an lùib Gàidhlig, Turasachd, Leasachadh Eaconamach agus Cathair-bhaile Inbhir Nis airson na rinn iad gus dèanamh cinnteach gun robh Mòd Nàiseanta Rìoghail Inbhir Nis agus Iomall a’ Mhòid cho soirbheachail.

Chrìochnaich a’ choinneamh aig 12.25f.