Cathraiche Comataidh Gàidhlig na Comhairle a’ cur fàilte air crùnadh a’ bhàird

Read this in English

Chuir an Comhairliche Sheumais Friseal, Cathraiche Comataidh Gàidhlig Chomhairle na Gàidhealtachd, meal-a-naidheachd air Lodaidh MacFhionghuin, Ceannard Oifis Iomairtean na Gàidhlig, Roinn nan Coimhearsnachdan, a’ Chultair agus an Dualchais ann an Roinn na h-Albainn Nuaidh, às dèidh dha bhith air a chrùnadh mar Bhàrd a’ Mhòid.

Thuirt an Comhairliche Friseal: “Tha mi fìor thoilichte gun deach an t-urram seo a chur air Lodaidh oir tha e airidh air is e cho tàlantach mar bhàrd, agus cho ealanta mar neach-ciùil.”

Tha ceangalan dlùth aig a’ Chomhairle le Oifis Iomairtean na Gàidhlig ann an Alba Nuaidh agus tha Meòmhrachan Tuigse (MT) an-dràsta eadar an dà bhuidhinn.”

Bidh buill agus oifigearan a’ coinneachadh ris a’ Cheannard gus am MT ùrachadh, a rèir theicneolasan ùra agus na cothroman a tha nan lùib.

Thuirt Lodaidh MacFhionghuin: “Thathar a’ cur luach mòr air dàimh na h-Albainn Nuaidh le Comhairle na Gàidhealtachd.  Tha e a’ togail mo chridhe a bhith a’ faighinn an aithneachaidh phearsanta a tha seo bhon a’ Chomhairle.  Tha mi a’ coimhead air adhart ri bhith a’ coimhead air a’ Mheòmhrachan Thuigse a-rithist agus leantainn air adhart a’ lorg dhòighean gus na ceangalan eadar an dà dhùthaich a neartachadh.”

-Crìoch-


 


 

20 Oct 2011