Fèill mhòr air Làithean Spòrsail Gàidhlig

Read this in English

Bha tòrr an làthair aig dà Latha Spòrsail Gàidhlig a chumadh ann an Àrainn Fhinn ann an Àrd-sgoil Phort Rìgh agus ann an Talla a’ Phluic air an 10mh agus an 14mh den t-Samhain.

Bha na làithean spòrsail, a chuireadh air dòigh le Comhairle na Gàidhealtachd, Bòrd na Gàidhlig, Comunn nam Pàrant, agus an Care and Learning Alliance, ag amas air pàrantan chloinne aois 0-5.  Fhuair pàrantan a bha an làthair fiosrachadh mu dhà-chànanas, foghlam Gàidhlig, fiosrachadh is eisimpleirean de ghoireasan, a’ gabhail a-steach leabhraichean is làraich-lìn a dh’fhaodas iad a chleachdadh nuair a tha iad a’ cluiche len cuid chloinne is gan oideachadh.

Bha tòrr an làthair aig an dà thachartas.  Thàinig còrr is 40 pàrant gu Latha Spòrsail Gàidhlig Phort Rìgh agus ghabh clann bho Sgoil-àraich Ghàidhlig a’ Phluic com-pàirt ann an latha a’ Phluic a fhuair taic bho Ina NicRath, Neach-obrach Leasachaidh Pàrant is Pàiste airson an Care and Learning Alliance.

Am measg nan tachartasan bha peantadh aodainn, caisteal leum, bèicearachd taighe, agus fiosrachadh mu bhuannachdan dà-chànanais.  Bha a’ Bh-uas Ceitidh Hutton anns a’ Phloc agus chum i a’ chlann air an dòigh le sgeulachdan is le bhith a’ seinn òrain Ghàidhlig.  Thug seo cothrom dha na pàrantan agus dhan a’ chloinn com-pàirt a ghabhail leis a’ chànan.

Thuirt Shona NicPhàdraig, Oifigear Gàidhlig Chomhairle na Gàidhealtachd (Sgìre a Tuath): “Tha an roinn 0–5 fìor chudromach a thaobh na Gàidhlig seach gur e sin luchd-labhairt Gàidhlig an ama ri teachd. Tha dàrna Plana Gàidhlig Chomhairle na Gàidhealtachd a’ soilleireachadh cho cudromach ’s a tha e a bhith a’ meudachadh àireamhan luchd-labhairt na Gàidhlig agus tha Làithean Spòrsail a’ toirt seachad cothroman practaigeach gus seo a chur an gnìomh.”

Thuirt Fay NicDhiarmaid, Oifigear 0-3 aig Bòrd na Gàidhlig: “Tha na làithean seo nan deagh eisimpleir de ghrunn bhuidhnean ag obrachadh còmhla gus a’ Ghàidhlig a chur air adhart ann an dòigh spòrsail a bheir fiosrachadh seachad aig an aon àm.”

CRÌOCH

26 Nov 2012