An t-Iar-Phrìomh Mhinistear a’ fosgladh Bun-Sgoil Ghàidhlig Phort Rìgh gu h-oifigeil

.

Read this in English

Chaidh Bun-Sgoil Ghàidhlig Phort Rìgh fhosgladh gu h-oifigeil air Diluain 3 Sultain 2018 le Comhairle na Gàidhealtachd ann an com-pàirteachas le Riaghaltas na h-Alba.

’S i Bun-Sgoil Ghàidhlig Phort Rìgh an treas sgoil airson Foghlam tron Ghàidhlig a tha a’ seasamh leatha fhèin anns a’ Ghàidhealtachd agus tha i na pàirt de Phlana Gàidhlig Chomhairle na Gàidhealtachd.

Tha 133 sgoilear bun-sgoile san sgoil an-ceartuair agus 47 san sgoil-àraich, le comas meudachadh sna bliadhnaichean ri teachd.

Thuirt an t-Iar-Phrìomh-Mhinistear, Iain Swinney:

“Tha e na thlachd dhomh com-pàirt a ghabhail ann a bhith a’ toirt taic do Chomhairle na Gàidhealtachd is i a’ toirt a lèirsinn airson na Gàidhlig gu buil.

“Tha sinn a’ faicinn gu bheil iarrtas bho phàrantan airson Foghlam tron Ghàidhlig a’ sìor fhàs air feadh na dùthcha agus tha seo a’ taisbeanadh gu bheil gealltanasan Riaghaltas na h-Alba do bhith a’ toirt taic dhan chànan a’ dèanamh feum.

“Tha mi a’ moladh Chomhairle na Gàidhealtachd airson na tha i a’ dèanamh agus a’ coimhead air adhart ri bhith ag obair còmhla rithe air pròiseactan san àm ri teachd.”

Thuirt an Comhairliche Alasdair MacFhionghuin, Ceannard Buidseit, Cathraiche Buidheann Buileachaidh & Ro-innleachd na Gàidhlig agus Cathraiche nan Goireasan Corporra aig Comhairle na Gàidhealtachd: 

“’S e fìor bhuannachd dhan choimhearsnachd a th’ ann am Bun-Sgoil Ghàidhlig Phort Rìgh agus tha i a’ toirt cothrom do dhaoine òga agus an teaghlaichean an cuid ionnsachaidh fhaighinn ann an àrainneachd a tha gu tur Gàidhlig.”

Thuirt Frank Reid, Àrd-Stiùiriche, Robertson Northern:

“Bidh prìomh àite aig an Sgoil Ghàidhlig ùir ann am Foghlam tron Ghàidhlig agus tha Robertson moiteil gu bheil cothrom air a bhith aca a bhith na lùib. Tha muinntir an àite mar-thà air fàilte chridheil a chur air an sgoil agus tha sinn den bheachd gu bheil i a’ comharrachadh dualchas beòthail an Eilein Sgitheanaich agus coimhearsnachd na Gàidhealtachd an Iar. 

“Ged a tha an obair againn aig Bun-Sgoil Ghàidhlig Phort Rìgh a-nis deiseil, tha sinn toilichte a ràdh gu bheil sinn a’ leantainn air adhart ag obair le Comhairle na Gàidhealtachd air pròiseactan cudromach eile, nam measg Bun-Sgoil agus Ionad-teaghlaich Mharc-Innis ann an Inbhir Nis, pròiseact a tha air a sholarachadh tro fhrèam Phrìomh Obraichean Scape – Alba, a tha na phàirt den fhrèam Thogail Nàiseanta.”