Ionnsachadh Gàidhlig ann an Inbhir Theòrsa

Tha Clas Gàidhlig, a tha gu sònraichte ag amas air pàrantan chloinne ann am Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig, an dà chuid ann an solar fo-sgoile agus bun-sgoile, air tòiseachadh ann an Inbhir Theòrsa.

 

Tha Clas Gàidhlig, a tha gu sònraichte ag amas air pàrantan chloinne ann am Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig, an dà chuid ann an solar fo-sgoile agus bun-sgoile, air tòiseachadh ann an Inbhir Theòrsa. Leanaidh an clas air adhart gu deireadh teirm na sgoile agus tòisichidh e a-rithist aig toiseach na Sultain. Tha Comhairle na Gàidhealtachd a’ maoineachadh a’ chlas gu h-iomlan.  

Mar phàirt de phrògram a’ chlasa, ghabh na pàrantan agus an cuid chloinne com-pàirt ann an tachartas ionnsachaidh Gàidhlig far an robh cothrom aca an cuid sgilean cànain a ghleusadh is a leasachadh ann an suidheachadh neo-fhoirmeil.  

Thuirt a’ Bh-uas Laura NicAoidh, Cathraiche Cròileagan Inbhir Theòrsa agus pàrant Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig, “Tha sinn fìor thoilichte gu bheil a’ chlann air toiseach tòiseachaidh cho math fhaighinn ann am Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig agus mar phàrantan tha sinn air ar brosnachadh gu bheil iad a’ cleachdadh a’ chànain gu làitheil is gu bheil iad cho misneachail ann a bhith a’ cleachdadh na Gàidhlig.”