Glòir nan caman – bho churaidhean gu Copacabana

Ann an seachdain cuairt dheireannach Cupa na Camanachd an Inbhirnis san t-Sultain, thèid trì cuirmean-ciùil is camanachd a chumail a tha an dà chuid a’ comharrachadh cho cudromach sa tha an gèam san latha th’ann ach cuideachd, ceud bliadhna an dèidh toiseach a’ Chogaidh Mhòir, thèid eachdraidh àraid shaighdearan na Gàidhealtachd a chur air an àrd-ùrlar tro cheòl, òrain agus dealbhan aig Fèis Blas 2014.

 

Ann an seachdain cuairt dheireannach Cupa na Camanachd an Inbhirnis san t-Sultain, thèid trì cuirmean-ciùil is camanachd a chumail a tha an dà chuid a’ comharrachadh cho cudromach sa tha an gèam san latha th’ann ach cuideachd, ceud bliadhna an dèidh toiseach a’ Chogaidh Mhòir, thèid eachdraidh àraid shaighdearan na Gàidhealtachd a chur air an àrd-ùrlar tro cheòl, òrain agus dealbhan aig Fèis Blas 2014.  

Thèid na trì cuirmean a chumail ann an ann an Taigh na Bruaich an Earra-Ghàidheal oidhche Chiadain 10 Sultain) , ann an Inbhir Ionaid an taobh siar Rois oidhche Dhiardaoin (11mh) agus ann an Inbhir Nis air an oidhche ron chuairt dheireannach (Dihaoine 12mh).   Thèid na cuirmean a lìbhrigeadh le Ùisdean MacIllInnein agus am measg na bhios air an àrd-ùrlar còmhla ris bidh Megan NicEanruig, Gary Innes, Linda NicLeòid agus an teaghlach ainmeil Clann Ic Ille Bhrath à Calrossie an Taobh Sear Rois.  Bidh “Glòir nan Caman – Home and Away” a’ luaidh cuid de shàr-chluicheadairean na camanachd tro cheòl is òrain agus a’ measadh buaidh a’ Chiad Chogaidh air coimhearsnachdan na camanachd.  

Thuirt Uisdean: “Bha fèill mhòr air “Curaidhean na Camanachd” aig Fèis Bhlas roimhe seo, agus am bliadhna tha sinn ro-thoilichte Glòir nan Caman a thoirt air thuras a dh’Earra-Ghàidheal agus a thaobh Siar Rois agus sinn ag innse mar a thug muinntir na sgìre sin an dreach fhèin air saoghal na camanachd agus mar a dh’fhuiling iad tron Chogadh Mhòr.  Tha dreach às-ùr air na cuirmean ged a bhios sinn ag innse sgeulachd no dha air a bheil daoine eòlach. agus cuiridh Megan a dreach fhèin air cùisean mar stiùiriche a’ chiùil.”  

Am measg nan sgeulachd a thèid innse tha aithrisean camanachd bho air feadh an t-soghail, agus eachdraidh Cupa Mhic Ille Bhrath, tè de phrìomh dhuaisean na camanachd, a chaidh a thoirt do Chomunn na Camanachd le càirdean dhan t-sàr Phìobaire Dunnchadh MacIlleBhrath. Agus còmhla ri Dunnchadh air an ard-ùrlar am bliadhna bidh na gillean aige fhèin agus bidh a mhac Iain a’ seinn na pìoba ainmeil a bh’ aig cluidheadairean sgioba Camanachd na Manachain anns a Cheud Chogadh – pìoban a tha Iain fhein air a bhith a’ seinn eadar tràigh a’ Chopacabana am Brazil, air a’ Ghrand Canyon agus a nis aig cridhe saoghal na Camanachd.  

Thuirt Ùisdean MacIllInnein: “Tha sinn a’ snìomh eachdraidh na camanachd agus saoghal a’ Chogaidh Mhòir, agus `s e fìrinn na cùise gun tàinig iad còmhla airson an dà chuid buillean cruaidh a thoirt do choimhearsnachdan na camanachd, ach air an làimh eile, bha rudeigin anns a’ cheangal eadar an gèam, an ceòl agus an eachdraidh a thug daoine beò. Cluinnidh sinn cuideachd mar bha leithid na camanchd cudromach do Ghàidheil air feadh an t-saoghail, gu h-àraidh aig  àm na blaidhn’ ùire.  Agus tha sin air leth iomchaidh anns a’ bhliadhna seo is Geamaichean a’ Cho-fhlaitheis an Alba.”  

‘S e fèis eadar-nàiseanta a th’ann am Blas a-nis, le tachartasan ann an 100 àite air feadh na Gàidhealtachd agus an Earra-Ghàidheal eadar 5 agus 13 Sultain, agus am-bliadhna bidh an fhèis a’ tilleadh gu mar a bha bha cùisean bho thùs, le cuideam ga chur air coimhearsnachdan, òigridh agus Gàidhlig.  

Thèid cuairt dheireannach Cupa na Camanachd a chumail ann an Inbhir Nis air an latha an dèidh cuirm camanachd Bhlas.  Thuirt Ceannard Fèisean nan Gàidheal, Art MacCarmaig: “Tha sinn toilichte a bhith a’ ceangal saoghal na camanachd agus saoghal a’ chiùil tro na cuirmean seo ann an co-bhonn ri Comann na Camanachd. Tha fhios agam gu robh iomadach neach a bha airson na cuirmean a rinn sinn roimhe fhaicinn nach d’fhuair an cothrom agus tha sinn air leth toilichte a bhith a’ sìneadh gu Earra-Ghàidheal agus Taobh Siar Rois an turas seo.  Bhiidh e àraid buileach cuideachd nam biodh sgiobaidhean bhon na sgìrea sin anns a’ Chuairt Dheireannaich air an treas latha deug!”  

Tha tuilleadh fiosrachaidh mu Bhlas 2014 ri fhaotainn aig http://www.blas-festival.com/, leithid mar a thèid aig daoine air tiogaidean a cheannach, agus làn-fhiosrachadh mun phrògram fhèin.   

… a’ chrìoch