A' GHÀIDHEALTACHD A' CUR FÀILTE AIR AN T-SAOGHAL

Eadar coin-chaorach is coimhead nan reultan, fìdhlearan is itealain, ceatharnaich threuna is seiseanan ciùil, tha a' Ghàidhealtachd deiseil airson a taisbeanadh fhèin don t-saoghal san t-Sultain is san Dàmhair rè prògram fad dà mhìos a chuireas fàilte air Bliadhna an Tilleadh Dhachaigh.

 

Eadar coin-chaorach is coimhead nan reultan, fìdhlearan is itealain, ceatharnaich threuna is seiseanan ciùil, tha a' Ghàidhealtachd deiseil airson a taisbeanadh fhèin don t-saoghal san t-Sultain is san Dàmhair rè prògram fad dà mhìos a chuireas fàilte air Bliadhna an Tilleadh Dhachaigh.  

Thèid nuadh-ealain, litreachas, spòrs is ceòl, cho math ri dualchas beairteach na dùthcha, a thaisbeanadh rè an Tilleadh Dhachaigh don Ghàidhealtachd.  

Chaidh maoin luach £170,000 a chur mu choinneimh 13 tachartasan is fèisean an lùib an Tilleadh Dhachaigh don Ghàidhealtachd san t-Sultain agus san Dàmhair airson am prògram àibheiseach seo a thaisbeanadh anns a bheil tachartasan sean is ùr agus gleans Tilleadh Dhachaigh orra airson 2014.  

Thèid cùisean a chur air chois le Farpaisean Chon-chaorach an t-Saoghail (3-6 Sultain) ann am Baile Dhubhthaich. Thèid fàilte a chur air 240 farpaiseach à 25 dùthchannan anns a' cho-fharpais seo, a tha ann an Alba airson a' chiad turais a-riamh, anns am faicear an cùram, an sgil is an dealas a th' anns na coin àraid, laghach seo.  

Camain, Cinnidhean agus Cùrsaichean Co-fharpais

Bidh tachartasan spòrs nam pàirt mhòr den Tilleadh Dhachaigh don Ghàidhealtachd. Thèid a' cho-fharpais bhaidhsagalan-beinne, WEMBO World Solo 24Hr MTB Championship, a chumail air na slighean baidhsagail a tha aithnichte air feadh an t-saoghail air Monadh Nibheis, faisg air Gearastan Loch Abar (11-12 Dàmhair). Leis na tha a' tighinn de dh'fharpaisich às gach ceàrnaidh den t-saoghal, a leithid an rothaiche a ghlèidh a' cho-fharpais an-uiridh, Jess Dhùghlas às Astràilia, agus farpaisich eile à Lituàinia, na Stàitean Aonaichte, an Fhraing is Sealainn Nuadh, cuiridh an Gearastan fàilte is furan air muinntir an t-saoghail don tachartas dhùbhlanach seo.  

Anns a' gheama as motha rè bliadhna na h-iomain, Cupa na Camanachd (13 Sultain), cuiridh dà sgioba cath feuch cò a ghlèidheas tè de na cuachan spòrs as sine agus as iomraitiche ann an Alba. Bidh iomain na pàirt mhòr den deicheamh Fèis Blas (5-13 Sultain) cuideachd. Chithear cuid den luchd-ciùil, na dealbhan is na seinneadairean as cliùitiche còmhla airson 'Glòir nan Caman' a thaisbeanadh ann an Taigh na Bruaich, Inbhir Ìonaid is Inbhir Nis rè seachdain geama deireannach Cupa na Camanachd. Bidh an geama bliadhnail eadar-nàiseanta iomain/iománaíocht eadar Alba is Èirinn ann an Inbhir Nis am-bliadhna air latha mu dheireadh a' Mhòid Nàiseanta (18 Dàmhair). 
Bidh prògram air leth de thachartasan ri fhaicinn aig 13s Maraton is Fèis Ruith Loch Nis le Baxters (28 Sultain), cho math ris a' mharaton fhèin, na rèisean 10k, 5k is Nessie Beag agus Fèis Bidhe is Deoch le Baxters. Am measg nan tachartasan eile, bidh Rèis nam Fineachan Gàidhealach ann agus Fèis Uisge-beatha airson Bliadhna an Tilleadh Dhachaigh a chomharrachadh.   

Mar phàirt de Bhliadhna an Tilleadh Dhachaigh agus Geamannan Inbhir Nis (12-14 Sultain), bidh Inbhir Nis a' cur fàilte bhlàth air Geamannan Gàidhealach an t-Saoghail (MWC) a-rithist, na geamannan Gàidhealach as motha anns an t-saoghal. Thèid an cur air dòigh le Scottish Masters International a tha stèidhichte ann an Illinois anns na Stàitean Aonaichte. Bidh MWC a' tarraing lùth-chleasaichean às a h-uile ceàrnaidh den t-saoghal is thathar an dùil gum bi farpaisich ann à Sealainn Nuadh is Iapan cho math ri lùth-chleasaichean às Ameireagaidh a Tuath agus an Roinn Eòrpa. Thig na Geamannan gu crìch le 'Cur Car de na Cabair' le taic bho Thaigh-staile Thom Aitinn - oidhirp àraid air an uiread as motha a-riamh de chabair a chur aig an aon àm - agus car ga chur dhe 180 cabar, dùbhlan nach do rinneadh riamh roimhe. 

Thèid Geamannan Inbhir Nis a chur air chois le caismeachd nam Fineachan, a bhios aig teis-meadhan an tachartais air leth seo mar chomharra air fosgladh Pàirc a' Chinn a Tuath, a' phàirc gheamannan Gàidhealach as sine san t-saoghal, o chionn 150 bliadhna.

 

Cultar, Craic, Clàrsach is Cèilidh

Bidh an fhèis Ghàidhlig as motha ann an Alba, Am Mòd Nàiseanta Rìoghail, ann an Inbhir Nis as t-fhoghar (10-18 Dàmhair) airson a' chiad turais bho 1997. 'S e seo an 122na bliadhna den a' Mhòd, agus bidh co-fharpaisean Dannsa Gàidhealach, Ceòl is Òrain na Gàidhlig, Spòrs, Litreachais agus Dràma ann, anns am bi an dà chuid, fileantaich is luchd-ionnsachaidh a' gabhail pàirt. Am measg nan tachartasan rè seachdain a' Mhòid, bidh Caismeachd nan Lòchran ann, cleasachd air an t-sràid, Cuirm nam Fìdhlearan aig Eden Court agus ceòl bho Skerryvore, Eòghann MacEanruig, Barluath agus an sàr chluicheadair clàrsaich, Catrìona NicAoidh.

  Thèid Caismeachd Shaighdearach na Gàidhealtachd a chumail aig Gearastan Àird nan Saor (4-7 Sultain) mar phàirt de Thilleadh Dhachaigh don Ghàidhealtachd. Thig buidhnean ionadail, saighdearach is eadar-nàiseanta cruinn còmhla agus thèid cultar dùthchasach is cultar ùr na Gàidhealtachd a thaisbeanadh do luchd-turais is muinntir na sgìre, eadar fìdhlearan is pìobairean, dannsairean Gàidhealach is seinneadairean Gàidhlig. Thèid an oidhche shònraichte seo a chur air chois le cuairt itealain Typhoon an RAF agus thig e gu crìch le lasadh àlainn de chleasan-teine.  

Bidh Fèis Blas (5-13 Sultain) a' tachairt ann an iomadh àite eadar-dhealaichte a leithid Inbhir Nis, Ceann a' Ghiùthsaich, Goillspidh  is Ulapul, agus bidh taisbeanadh ciùil is dhealbhan ùr ann, Mìorbhail nam Beann, stèidhichte air fear de na dàn as iomraitiche anns a' Ghàidhlig, Moladh Beinn Dòbhrain, le Donnchadh Bàn Mac an t-Saoir. Thig Blas 2014 gu crìch le Ceòl nam Fèis, taisbeanadh den luchd-ciùil is na seinneadairean òga as fheàrr anns na Fèisean an-dràsta.  

Bidh Blazin' in Beauly (11-18 October) a' tarraing nam mìltean de dhaoine a-rithist don Mhanachainn airson deagh bhlasad de Blazin' Fiddles fhaighinn! Bidh Blazin' Fiddles fhèin am measg an t-sàr luchd-teagaisg a bhios ann; cuide ri consartan, cèilidhean, seiseanan, sàr-chlasaichean, comadaidh is cothrom gu leòr air beagan craic. Cha bhi muinntir na sgìre no luchd-turais airson an cothrom àraid seo a chall!  

Sinnsirean, Speuran is Luchd-ealain nan Sràidean

Gheibh luchd-tadhail aig Tilleadh a Chùil Lodair (6-7 Sultain) an cothrom air an sinnsearachd aca fhèin a rannsachadh cho math ri cothrom coiseachd tro champa Seumasach is beatha dhaoine san 18mh linn fhaicinn. 

Thèid dualchas Cruithneach is Lochlannach a' Chinn a Tuath a thaisbeanadh aig Taigh-tasgaidh Caithness Horizons ann an Inbhir Theòrsa gu 25 Dàmhair. Bidh fèis foghair Lochlannach air a bheil "Vetrablot" ann (24 is 25 Dàmhair), far am bi seanchas, òraidean is clasaichean còcaireachd.  

Nam b' fheàrr leat sealladh fhaighinn den Reul-iùil no den Chrann, bidh Pàrtaidh Dark Skye (25 Dàmhair) aig Ionad Chlann Dòmhnaill, Armadal, far am bi òraidean, planetarium agus reul-eòlas le cuideachadh bho eòlaichean proifeiseanta is neo-phroifeiseanta air na reultan.  

Bidh an còigeamh Fèis Dràma-sràid ann an Inbhir Nis a-rithist (16-18 Dàmhair), anns am bi iomadh neach-ealain sràide nàiseanta is eadar-nàiseanta a' gabhail pàirt. 

Thuirt Ministear na Turasachd, Fearghas MacEòghainn:  "'S e taisbeanadh air leth de chultar na Gàidhealtachd san latha an-diugh a th' anns an Tilleadh Dhachaigh don Ghàidhealtachd, a bhios a' tachairt san t-Sultain is san Dàmhair, agus tha cothrom eaconamach sònraichte na lùib don sgìre agus do dh'Alba. Tha mi cinnteach gun còrd am measgachadh farsaing de thachartasan ris a h-uile neach-tadhail.  

"Tha rudeigin a bhios tarraingeach don a h-uile duine ann am prògram an Tilleadh Dhachaigh 2014, anns a bheil 970 tachartasan fad na bliadhna, air feadh na dùthcha, eadar na buannachdan a thig an cois Cupa Ryder is Geamannan a' Cho-fhlaitheis, thèid Alba a thaisbeanadh don t-saoghal gu lèir mar dhùthaich a tha an dà chuid tionnsgalach agus cruthachail."  

Thuirt Probhaist Inbhir Nis, An Comhairliche Ailig Greumach: "Tha prògram an Tilleadh Dhachaigh don Ghàidhealtachd farsaing is brosnachail, agus tachartasan inntinneach ann a bhios a' tarraing muinntir na sgìre is luchd-tadhail. Thèid an àrainneachd eireachdail, an eachdraidh àraid is an cultar Gàidhlig againn a thaisbeanadh. Bidh rudeigin ann airson a h-uile duine ann am baile mòr Inbhir Nis agus air feadh na Gàidhealtachd, agus a bharrachd air na tachartasan air leth, tha mise an dùil gun tig piseach mòr na chois do dh'eaconamaidh na Gàidhealtachd."  

Thuirt Mike Cantlay, Cathraiche VisitScotland: "Tha coltas anabarrach math air tachartasan an Tilleadh Dhachaidh don Ghàidhealtachd. Eadar sinnsireachd is na speuran, baidhsagalan-beinne is rèisean maraton, cèilidhean is cur car den chabar, bidh a' Ghàidhealtachd a' boillsgeadh le seallaidhean is fuaimean na h-Alba san t-Sultain agus san Dàmhair.  

'S e bliadhna air leth a th' ann an 2014 do dh'Alba a tha a' cur na dùthcha fa chomhair an t-saoghail. Tha e a' toirt tlachd dhomh an uimhir a chuspairean sa phrògram fhaicinn - spòrs, sinnsireachd, cruthachadh, nàdar, biadh is deoch - ann am Bliadhna an Tilleadh Dhachaigh, agus tha mi a' dèanamh fiughair mhòr ri na tachartasan seo agus ri cultar is aoidheachd ainmeil na Gàidhealtachd."  

Thuirt Eòghann MacFhionghain, Farpaisean Chon-chaorach an t-Saoghail: "Tha e na thlachd mòr dhuinn a bhith an sàs anns an Tilleadh Dhachaigh don Ghàidhealtachd a tha a' tachairt anns an t-Sultain agus anns an Dàmhair am-bliadhna. Tha cothrom math dha-rìreabh aig Alba fàilte a chur air an t-saoghal mar phàirt de Bhliadhna an Tilleadh Dhachaigh, agus tha Farpaisean nan Con-chaorach toilichte fàilte chridheil a chur air farpaisich à dùthchannan a leithid an Spàinn is Afraga a Deas airson a' chiad turais.  

"Nuair a chuireas tu na tachartasan sgoinneil sin cuide ris an iomadh rud a tha ri dhèanamh is àite a tha ri fhaicinn san sgìre, a leithid na lochan ainmeil, làraichean eachdraidheil, spòrs sa bhlàr a-muigh is beathaichean fiadhaich na sgìre, is cinnteach gun còrd an Tilleadh Dhachaigh leis a h-uile duine!"  

A bharrachd air na tachartasan maoinichte, bidh mòran thachartasan ann le com-pàirtichean an Tilleadh Dhachaigh a gheibh buannachd às a' mhargaideachd is an t-sanasachd san iomairt eadar-nàiseanta seo, a leithid Nature Nippers ann an Gleann Comhann (gu 5 Dùbhlachd), The Famous Scottish Showtime (gu 31 Dàmhair), Taisbeanadh Samhraidh Caisteal Dhùn Bheagan (gu 26 Dàmhair), The Living History Clansmen Displays (gu 7 Sultain), Taisbeanadh Ealain GENERATION (gu 31 Dàmhair), Bodaich-ròcais/Tattie Bogal (gu 22 Sultain), Fèis Leabhraichean is Ealain Inbhir Narann (2-7 Sultain), Fèis Leabhraichean an Eilein Sgitheanaich (4-6 Sultain), Kilts up Ben Macdui (6 Sultain), Knights of the North Highland Way Duathalon (7 Sultain), Geamannan Inbhir Charrann (20 Sultain), Skye’s the Limit (20 Sultain), Living Food aig Caisteal Chaladar (20 Sultain), Fèis Leabhraichean Turning Leaves (26-28 Sultain), Feis in the Fort (4 - 5 Dàmhair), Beer n’ Folk (17-19 Dàmhair), Homecoming Textile Art (18-31 Dàmhair), Rèis Chùil Lodair (26 Dàmhair), Skye Swing Jazz Festival (30 Dàmhair-2 Samhain) agus Oidhche Shamhna Inbhir Nis (30 is 31 Dàmhair).  

Tha Prògram Com-pàirteachaidh an Tilleadh Dhachaigh don Ghàidhealtachd fosgailte fhathast do thachartasan ùra. Airson pàirt a ghabhail, theirig gu www.eventscotland.org/partner_programme airson tuilleadh fiosrachaidh no tadhail air www.homecomingscotland.com.

  CRÌOCH