27 Oileanaich a’ Faighinn Cothroman Obrach Fad Mìosan an t-Samhraidh

Fhuair 27 oileanaich obair samhraidh air Sgeama Greis Gnìomhachais nan Oileanach na bliadhna sa a tha Comunn na Gàidhlig a’ libhrigeadh fo chùmhnant do HIE.

Fhuair 27 oileanaich obair samhraidh air Sgeama Greis Gnìomhachais nan Oileanach na bliadhna sa a tha Comunn na Gàidhlig a’ libhrigeadh fo chùmhnant do HIE.   

Tha na h-oileanaich, a tha fileanta, neo ag ionnsachadh Gàidhlig, ag obair còmhla ri gnìomhachasan is buidhnean san treas roinn air feadh na Gàidhealtachd’s nan eilean.  Tha an obair a’ seasamh airson co-dhiù 10 seachdainean, rè mìosan an t-samhraidh.

Tha an sgeama ag amas air cothrom a thoirt do oileanaich cothrom obrach fhaighinn còmhla ri gnìomhachasan is buidhnean san treas roinn far a bheil a’ Ghàidhlig na prìomh cànain san àite-obrach.  Tha mòran bhuannachdan san sgeama do na h-oileanaich – gu faigh iad cothrom a bhith air am bogadh anns a’ chànan airson 10 seachdainean, a bheir piseach air an ìre fileantachd aca; gu faigh iad eòlas air àite-obrach; gu faigh iad cothrom tilleadh dhan coimhearsnachdan aca fhèin mìosan an t-samhraidh agus gu faigh iad beagan cosnadh a dhèanamh.  Tha buannachdan san sgeama dhan luchd-fastaidh cuideachd leis gu bheil iad a’ faighinn obraichean òga misneachail le sgilean sònraichte agus gu bheil iad a’ faighinn taic-airgid airson compàirteachadh san sgeama. Tha e cuideachd a’ toirt cothrom dhan luchd-fastaidh sealladh fhaighinn air oileanaich a bhios a’ ceumnachadh am beagan ùine le sùil ri bhith fastadh luchd-obrach sna bliadhnachan ri thighinn.

Thuirt Niall Ros, Ceannard Fàs Coimhearsnachd aig Iomairt na Gàidhealtachd’s nan Eilean: “Tha sinn toilichte a bhith a cruthachadh chothroman do oileanaich aig am bheil Gàidhlig, a dhol air greisean gnìomhachais mhath, fheumail  agus aig an aon àm a’ cuideachadh na gniomhachasan a tha a’ gabhail na h-oileanaich air aoigheachd, le taic fàs.  ‘S iad Comunn na Gàidhlig a bhios a’ comharrachadh na gnìomhachasan airson an sgeama.  Tha buannachd san sgeama do na h-oileanaich leis gu bheil iad a’ faighinn eòlas-obrach pàighte ann an àrainneachd gu ìre mhòr Gàidhlig agus tha buannachd ann do na gnìomhachasan leis gu bheil iad a’ faighinn oileanaich aig am bheil fiosrachadh acadeamaigeach ùr agus beachdan adhartach gus cuideachadh fàs a thoirt air na gnìomhachasan aca.  Tha an sgeama cuideachd a’ toirt cothroman a bharrachd do oileanaich obrachadh sna coimhearsnachdan aca fhèin thairis mìosan an t-samhraidh.  Tha buannachdan an sgeama cudromach a thaobh gach cuid eaconamaidh is gleidheadh is fàs a thoirt air sluagh, a’ cur ri neart na h-eaconamaidhean ionadail.”

Thuirt Annabel NicIllinnein, a tha na h-oileanach an Oilthigh Ghlaschu, agus a tha a’ dèanamh greis gnìomhachais còmhla ris a’ BhBC, fad an t-samhraidh: “Tha e a’ còrdadh rium gu mòr a bhith ag obair aig BBC Radio nan Gaidheal. Bho thòisich mi, tha na sgilean rannsachaidh agam air a thighinn air adhart agus tha mi air tòrr ionnsachadh a thaobh mar a tha prògraman air an cuir ri chèile. Mholainn an Sgeama Greis Gnìomhachais do dhuine sam bith a tha airson obrachadh ann an saoghal na Gàidhlig agus tha a’ miannachadh sgilean ùra ionnsachadh agus an fheadhainn a th’aca a leasachadh. Rud eile a tha sònraichte math mun sgeama se gu bheil e a’ toirt a’ chothrom do oileanaich, mar mi fhèin, a th’ ann an oilthigh am meadhan na h-Alba tilleadh dhan choimhearsnachd agam fhèin airson mìosan an t-samhraidh.  Mur a bitheadh an sgeama, tha gu leòr oileanaich a dh’ fheumadh fuireach air falbh, a’ dèanamh cosnadh air tìr-mòr.”

Thuirt Floraidh NicIlleathain, bhon BhBC, a th’ air a bhith a’ fastadh oileanaich fon sgeama thairis nam bliadhnachan: “Tha e math gu bheil cothrom againn saoghal craolaidh fhosgladh a-mach do dhaoine òga agus an cothrom a thoirt dhaibh eòlas fhaighinn air a’ ghnìomhachas agus bha e riamh cudromach dhuinn gu bheil sinn a' brosnachadh tàlant ùr. Tha sinn uabhasach toilichte leis na h-oileanaich òga a tha còmhla rinn gach Samhradh agus am bliadhna tha sinn air ceum eile a ghabhail le bhith còmhla ann an togalach ùr chruthachail Taigh Shìophort le cothroman fa leth airson gach oileanach".

Thuirt an Comhairliche Hamish Friseil, Cathraiche Buidheann Buileachadh Plana Gaidhlig Chomhairle na Gàidhealtachd: “Tha an Sgeama Greis Gnìomhachais a’ toirt deagh chothrom do dhaoine òga gach cuid eòlas fhaighinn san àite obrach agus an cuid Gàidhlig a cleachdadh gu làitheil ann an àrainneachd na h-àite-obrach.”  Lean e air, “tha cleachdadh Gàidhlig san àite-obrach air fear de na 5 prìomhachasan am Plana Gàidhlig Chomhairle na Gàidhealtachd agus tha mise a’ coimhead an Sgeama Greis Gnìomhachais na deagh eisimpleir air dòigh is urrainn do dhaoine òga an cuid Gàidhlig a cleachdadh agus a leasachadh, stèidhte taobh a-staigh gnìomhachasan is buidhnean san treas roinn air feadh a’ Ghàidhealtachd’s nan eilean.  Tha mi a’ guidhe gun tèid gu math do na h-oileanaich a tha a’ gabhail pàirt san sgeama.”

Thuirt Dòmhnall MacNèill, Ceannard, Chomunn na Gàidhlig, a tha a’ ruith an sgeama: “Tha sinn air leth moiteil às an sgeama sa a th’ air a bhith a’ ruith gu soirbheachail a-nis airson 10 bliadhna.  Thairis na 10 bliadhna sa tha faisg air 250 oileanach air compàirteachadh air an sgeama.  Am bliadhna sa, tha oileanaich againn sgapte air feadh na sgìrean le feadhainn an Leòdhas, Uibhist a-tuath, Beinn na Fadhla, Uibhist a-deas, Barraigh, Tiriodh, An t-Eilean Sgitheanach agus an Inbhir Nis – tha seo air cothrom a thoirt do oileanaich a th’ ann an colaistean is oilthighean air feadh Alba tilleadh dhachaigh dhan coimhearsnachdan aca fhèin agus beagan cosnaidh a dhèanamh fad mìosan an t-samhraidh.  Tha seo cudromach.  Tha sinn taingeil do Iomairt na Gàidhealtachd’s nan Eileanan airson a’ choimisean a tha seo agus airson a’ mhòr-chuid den mhaoineachadh son an sgeama, agus cuideachd do Chomhairle nan Eilean Siar is Comhairle na Gàidhealtachd a tha cuideachd a’ maoineachadh an sgeama.”