Chaidh prògraman de chleasan tar-churraicealaim

Chaidh prògraman de chleasan tar-churraicealaim a thabhann do sgoilearan ann am Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig ann an sgìrean sònraichte air feadh na Gàidhealtachd taobh a-muigh na teirme gus an cànan labhairteach aca a leantainn air adhart, a neartachadh agus a bhrosnachadh ann an suidheachaidhean spòrsail is neo-fhoirmeil.

Chaidh prògraman de chleasan tar-churraicealaim a thabhann do sgoilearan ann am Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig ann an sgìrean sònraichte air feadh na Gàidhealtachd taobh a-muigh na teirme gus an cànan labhairteach aca a leantainn air adhart, a neartachadh agus a bhrosnachadh ann an suidheachaidhean spòrsail is neo-fhoirmeil.

Bha cothrom aig sgoilearan à Bun-sgoil Ghàidhlig Inbhir Nis, Acadamaidh Chùil Lodair agus Acadamaidh Rìoghail Inbhir Nis com-pàirt a ghabhail ann am prògram measgaichte de chleasan tro mheadhan na Gàidhlig rè saor-làithean na sgoile. Chaidh seo a chumail sna trì seachdainean mu dheireadh de Phrògram an t-Samhraidh agus bha cothrom aig sgoilearan bho P1 gu Àrd-sgoil com-pàirt a ghabhail sna cleasan.

Bha sgeama cluiche ann gach latha airson a’ chiad chola-deug de shaor-làithean na sgoile, agus seo ag amas air na sgoilearan as òige. Bha cothrom aig na sgoilearan as sine com-pàirt a ghabhail ann an cleasan nas adhartaiche air a’ bhlàr a-muigh leithid rothaireachd-beinne, curachanachd, boghadaireachd, iasgach agus coiseachd ghilean. Bha na cleasan cultarail a’ gabhail a-steach dràma agus ealain.

Chaidh tachartas Ioma-Spòrs, tro mheadhan na Gàidhlig, a chumail fad seachdain ann am Port Rìgh agus bhathar a’ tabhann ealain, làimh-chiùird agus spòrs do chloinn aois bun-sgoile.

Bha trì seiseanan cluiche Gàidhlig ann an Loch Carrann as t-samhradh do bhèibidhean, do phàistean agus do chloinn fo-sgoile. Bha cothrom aig a’ chloinn eòlas a chur air Gàidhlig tro chluiche, ceòl, seinn, geamaichean, ealain is làimh-chiùird, agus bha teatha is cofaidh ann do phàrantan. Bha a’ chiad dà sheisean san talla-uachdrach ann an Loch Carrann, agus an treas aig The Tree House, àite àlainn sa choille, far an deach sealg mhathan a chumail.

Bha cothrom sgoinneil aig sgoilearan FtG com-pàirt a ghabhail ann an dràma na bu tràithe air a’ mhìos nuair a chaidh bùithtean-obrach fon ainm “Bogsa Beag na Gàidhlig” a thabhann sa Ghearasdan, Àth Tharracail, Ceann a’ Ghiùthsaich, Inbhir Nis agus Inbhir Narann. Bha na bùithtean-obrach a’ mairsinn fad latha, agus ag amas air geamaichean is sgilean dràma ionnsachadh do chloinn aois Bun-sgoile. Bha seo uile air a chur air dòigh cuideachd gus am brosnachadh a’ cleachdadh na Gàidhlig agus gus na sgilean misneachd aca a thoirt air adhart.

Fhuaireadh deagh fhios air ais bho phàrantan aig an robh clann a ghabh com-pàirt sna bùithtean-obrach.

Tha prògram nan cleasan samhraidh air a chur air dòigh le Sgioba na Gàidhlig aig Comhairle na Gàidhealtachd. Gheibhear tuilleadh fiosrachaidh bho Sgioba na Gàidhlig aig gaelic@highland.gov.uk