Ceannard san Eadar-ama air a cur an dreuchd

Tha Comhairle na Gàidhealtachd air a’ Bh-uas Anna Nic a’ Phì a chur an dreuchd mar Cheannard san Eadar-ama aig Bun-sgoil Ghàidhlig Inbhir Nis. ’S ann às Eilean Leòdhais a tha a’ Bh-uas Nic a’ Phì agus tha i fileanta sa Ghàidhlig. Chaidh a fo-fhastadh bhon dreuchd làithrich aice mar Thidsear Taic Ionnsachaidh aig Bun-sgoil Ghlinn Urchadain agus Bun-sgoil na Manachainn.

Tha am fo-fhastadh aice airson na bliadhna sgoile làithrich gu Ògmhios 2015. San eadar-ama, bidh a’ Chomhairle a’ cur a-mach sanas airson Ceannard maireannach a tha fileanta sa Ghàidhlig.  

Tha eòlas farsaing aig a’ Bh-uas Nic a’ Phì ann a bhith a’ teagasg, an dà chuid tro mheadhan na Gàidhlig agus na Beurla, ann an sgìrean Chomhairle nan Eilean Siar agus Chomhairle na Gàidhealtachd agus bha i roimhe na Ceannard san Eadar-ama air Bun-sgoil Ghlinn Urchadain. Bidh i a’ tòiseachadh san dreuchd mar Cheannard san Eadar-ama aig Bun-sgoil Ghàidhlig Inbhir Nis às dèidh saor-làithean an fhoghair air Diluain 27 Dàmhair (latha in-sheirbheis). Bidh sgoiltean na Gàidhealtachd a’ fosgladh do sgoilearan air Dimàirt 28 Dàmhair.

  -Crìoch-