A’ Chomhairle ag ùrachadh cheangalan le Alba Nuadh

Tha Comhairle na Gàidhealtachd air cothrom a ghabhail rè a’ Mhòid Nàiseanta Rìoghail innse gum bi i ag ùrachadh a Meòrachain Còrdaidh le Roinn na h-Albann Nuaidhe.

Tha Comhairle na Gàidhealtachd air cothrom a ghabhail rè a’ Mhòid Nàiseanta Rìoghail  innse gum bi i ag ùrachadh a Meòrachain Còrdaidh le Roinn na h-Albann Nuaidhe.

B’ ann san Dàmhair 2002 a shoidhnig an Roinn agus a’ Chomhairle a’ chiad Mheòrachan Chòrdaidh aca, a bha a’ mìneachadh raointean com-pàirt agus co-obrachaidh gus cànan is cultar na Gàidhlig a neartachadh air gach taobh dhen chuan.

Rè coinneamh naidheachd an-diugh ann an Inbhir Nis, thuirt Jimmy Gray, Neach-gairm Chomhairle na Gàidhealtachd, gun robh e fìor thoilichte gum biodh an dà phàrtaidh ag ùrachadh a’ chom-pàirteachais a bha air a bhith cho buannachdail thar nam bliadhnachan.

Thuirt e: “Tha am Meòrachan ag aithneachadh a’ cheangail àraid a tha eadar nan sgìrean againn a thaobh cànan, cultar coitcheann, bannan teaghlaich agus eilthireachd. Bhon a chaidh a shoidhnigeadh an toiseach ann an 2002 tha sinn air obrachadh còmhla
gus brath a ghabhail air cothroman a tha a’ brosnachadh a’ chànain agus nan ceangalan eadar leasachadh cultarail agus eaconamach tro thurasachd.

“Tha iomadh tachartas stèidhichte air a’ Ghàidhlig air gabhail àite eadar sinn fhèin agus Alba Nuadh thar nam bliadhnachan, am measg sin turasan oideachail do dh’òigridh, turasan ciùil, pròiseactan foghlaim, co-roinn ghoireasan airson a bhith a’ brosnachadh na Gàidhlig, iomlaid oidean agus gnìomhachd litreachais.  Mar sin tha mi air mo dhòigh glan gum bi an com-pàirteachas daingeann seo air ùrachadh agus tha mi a’ coimhead air adhart ri bhith a’ faicinn nam bannan air an neartachadh barrachd thar nam bliadhnachan a tha romhainn.”

Thug an Neach-gairm cuireadh do Mhinistear na h-Àrainneachd, an t-Onarach Randy Delorey, a tha cuideachd na Mhinistear airson Iomairtean na Gàidhlig, gus tighinn chun a’ Mhòid ach gu mì-fhortanach, cha b’ urrainn dha a bhith an làthair. Ach chuir Mgr Delorey teachdaireachd a’ toirt taic agus thuirt e gun robh e fìor thoilichte gum biodh am Meòrachan Còrdaidh, a bha a’ daingneachadh nan ceangalan Gàidhlig, a’ leantainn air adhart.

B’ urrainn do Lodaidh MacFhionghain, Stiùiriche Iomairtean na Gàidhlig airson Roinn na h-Albann Nuaidhe, a bhith an làthair ann an Inbhir Nis airson a’ Mhòid agus thuirt esan: “Tha e follaiseach gu bheil am Meòrachan air a bhith fìor shoirbheachail mar dhòigh gus co-iomairtean, turasan-iomlaid agus pròiseactan a chur air adhart, agus tha e a’ toirt taic dha-rìribh do dhaoine gus ionnsachadh mun Ghàidhlig agus gus rannsachadh a dhèanamh air a’ chultar is air an eachdraidh a tha a’ ceangal nan dùthchannan againn cho dlùth ri chèile. Tha sinn cuideachd air ar dòigh glan gum bi an gealltanas seo a’ leantainn agus tha sinn a’ dèanamh fiughair ri bhith ag obair gu dlùth le Comhairle na Gàidhealtachd.”

Cumar co-shoidhnigeadh a’ Mheòrachain Chòrdaidh ùir tràth an-ath-bhliadhna.