Deasbad BT Alba 2014

’S math a rinn sgoilearan S4 Àrd-Sgoil Àird nam Murchan Charlie-Anne Pleming agus Rona Nicolson ann an Deasbad BT Alba ann an Steòrnabhagh o chionn ghoirid.

 ’S math a rinn sgoilearan S4 Àrd-Sgoil Àird nam Murchan Charlie-Anne Pleming agus Rona Nicolson ann an Deasbad BT Alba ann an Steòrnabhagh o chionn ghoirid.  

Rinn iad an gnothach an aghaidh sgioba làidir bho Àrd-Sgoil Mhalaig a’ dol an aghaidh na h-argamaid gur e ‘Deagh dhòigh a th’ann an Trip Advisor air deagh inbhe a thoirt do dh’ àite-fuirich no taigh-bìdh.’  

B’ e seo a’ chiad turas a bhuannaich Àrd-Sgoil Àird nam Murchan aig an fharpais chliùitich seo a chòrd glan ris na sgoilearan agus a thug cothrom dhaibh tòrr ionnsachadh mu dheasbad fharpaiseach agus na sgilean deasbaid aca a ghleusadh.  

Tha iad a’ coimhead air adhart ri farpais na h-ath bhliadhna mar-thà.