A’ Faighinn Togail Dà-chànanach

Tha Sgioba na Gàidhlig air cuireadh a thoirt do riochdairean bho ‘Bilingualism Matters’ aig Oilthigh Dhùn Èideann, a tha na Ionad Sàr-mhathais air cuspair Dà-chànanais, gus taisbeanadh a thoirt seachad air buannachdan dà-chànanais, gu h-àraid do chloinn òga.

Cumar an taisbeanadh agus a’ bùth-obrach air a bheil an tiotal ““Growing up Bilingual is Good for You” ann an Eaglais Shaor Chill Mhàilidh air Disathairne 6 Dùbhlachd. ’S e an t-amas aire a thogail mu na buannachdan lìonmhor a tha an lùib dà-chànanais, gu h-àraid am measg phàrantan le ùidh, dh’fhaodte, an cuid cloinne a chlàrachadh san Sgoil Ghàidhlig ùir a bhios a’ fosgladh sa Ghearasdan san Lùnastal 2015.

Bidh goireasan crèche rim faotainn cuideachd, cho math ri cothrom do phàrantan uile com-pàirt a ghabhail, agus fealla-dhà a bhith aca le òrain is rannan dà-chànanach len cuid cloinne.

Tha an tachartas an-asgaidh agus a’ tòiseachadh aig meadhan-latha. Tha fàilte air a h-uile duine.

Gheibhear tuilleadh fiosrachaidh bho: Margaret.Mulholland@highland.gov.uk;