A’ Chomhairle a’ cur ceannard an dreuchd air Bun-Sgoil Ghàidhlig Loch Abar

Is e Mgr Iain Iòsaph MacNèill ceannard ùr Bun-Sgoil Ghàidhlig Loch Abar, sa Ghearasdan.

Is e Mgr Iain Iòsaph MacNèill ceannard ùr Bun-Sgoil Ghàidhlig Loch Abar, sa Ghearasdan.

Bidh e a’ tòiseachadh san dreuchd san Lùnastal 2015 aig toiseach na teirm san sgoil Ghàidhlig ùir air Rathad Àird Ghobhar sa Chaol. Bidh an sgoil ùr a’ fosgladh san Lùnastal.

Tha Robertson Construction Northern a’ togail na sgoile anns am bi goireasan coimhearsnachd cuideachd. Bidh ceithir seòmraichean-teagaisg san sgoil an toiseach le comas leudachadh gu suas ri ceithir seòmraichean-teagaisg a bharrachd, ma bhios feum orra.

Tha Mgr MacNèill an-dràsta a’ teagasg aig Bun-Sgoil Achadh na Creige san Òban agus roimhe sin bha e a’ teagasg ann am Bun-Sgoil Bheinn Chamshroin ann an Cille Bhrìghde an Ear. ’S ann à Barraigh a tha Mgr MacNèill agus mus do thòisich e a’ teagasg bha eòlas farsaing aige air obair-stiùiridh ann an taighean-òsta agus bancaichean agus ann an cunntasachd.

Thuirt Mgr MacNèill: “Tha mi fìor thoilichte gun deach mo chur an dreuchd mar Cheannard air Bun-Sgoil Ghàidhlig Loch Abar. Tha mi a’ dèanamh fiughair ri bhith ag obair còmhla ris a’ chloinn, an luchd-obrach, pàrantan agus a’ choimhearsnachd san fharsaingeachd fhad ’s a bhios sinn a’ gluasad air adhart còmhla dhan sgoil choimhearsnachd ùir sgoinneil againn.”

Thuirt Neach-cathrach Chomhairle nam Pàrant, Alasdair MacLeòid: “Tha sinn fìor thoilichte gun deach Iain Iòsaph a chur an dreuchd mar cheannard air an sgoil ùir againn.  Gheibh a’ chlann agus a’ choimhearsnachd buannachd mhòr às na sgilean is an t-sunnd aige. Tha sinn a’ coimhead air adhart ri bhith ag obair còmhla ris agus a’ toirt taic dha san dreuchd.”