Buadhaichean nan Còmhlan-ciùil aig a’ Mhòd Nàiseanta Rìoghail san Òban

Tha Clann Thròndairnis air a’ chiad duais a bhuannachadh ann am farpais nan còmhlan ciùil dhaibhsan fo aois 13 bliadhna aig a’ Mhòd Nàiseanta Rìoghail san Òban. B’ iad a thog an duais an-uiridh cuideachd aig a’ Mhòd ann an Inbhir Nis.

Tha Clann Thròndairnis air a’ chiad duais a bhuannachadh ann am farpais nan còmhlan ciùil dhaibhsan fo aois 13 bliadhna aig a’ Mhòd Nàiseanta Rìoghail san Òban. B’ iad a thog an duais an-uiridh cuideachd aig a’ Mhòd ann an Inbhir Nis.

Airson an t-seachdamh bliadhna às dèidh a chèile tha Comhairle na Gàidhealtachd air sponsaireachd a thoirt dhan fharpais seo ann an com-pàirteachas le Fujitsu a tha a’ toirt eàrlas £500 mar dhuais dhan chòmhlan shoirbheachail.

Thuirt Kate Dunbar, Manaidsear Prògraim Fujitsu “Tha sinn fìor thoilichte a bhith a’ cumail suas a’ bhrosnachaidh seo do dhaoine òga aig Mòdan Nàiseanta le bhith a’ toirt co-sponsaireachd do dh’Fharpais nan Còmhlan Ciùil dhaibhsan fo aois 13. Tha cleachdadh teicneòlais deatamach a thaobh leasachadh cànain is cultair seach gu bheil e a’ cruthachadh chothroman mòra taobh a-staigh àrainnean foghlaim agus lìonraidhean sòisealta. Tha e air còrdadh glan rium a bhith an seo an-diugh aig an fharpais gus daoine òga fhaicinn a’ cluiche gu ìre cho àrd, agus tha mi cinnteach gun cuir Clann Thròndairnis duais Fujitsu gu deagh fheum.”

Thuirt an Comhairliche Sheumais Friseal, Cathraiche Buidheann Buileachaidh na Gàidhlig aig Comhairle na Gàidhealtachd: “Bha e na urram dhomh an duais a thoirt seachad còmhla ri Kate Dunbar san t-sàr fharpais seo. Tha an inbhe a’ fàs nas fheàrr gach bliadhna agus bu chòir do na daoine òga uile a tha a’ gabhail com-pàirt a bhith moiteil às a’ chluiche aca. Tha mi cinnteach gun dèan iad uile adhartas agus gum bi iad nan tosgairean soirbheachail airson na Gàidhlig san àm ri teachd.”