Ministear na h-Alba a’ fosgladh na ceathramh sgoile Gàidhlig ann an Alba
Dh’fhosgail an Dr Alasdair Allan BPA, Ministear
an Ionnsachaidh, Saidheans agus Chànanan na h-Alba Bun-Sgoil Ghàidhlig Loch
Abar gu h-oifigeil an-diugh (4 Màrt) le bhith a’ taisbeanadh
clàr-comharrachaidh aig an sgoil ùir.
Thuirt an Dr Alasdair Allan: “Tha mi fìor thoilichte a bhith a’ fosgladh na
ceathramh sgoile Gàidhlig ann an Alba gu h-oifigeil, agus an sgoil ùr cuideachd
na goireas sgoinneil airson na coimhearsnachd. Tha dualchas Gàidhlig beairteach
is maireannach sa Ghàidhealtachd agus tha foghlam math Gàidhlig a’ toirt
buannachdan cultarail, eaconamach agus sòisealta dhan sgìre.
“Tha Riaghaltas na h-Alba air a bhith ag obair gu dlùth le Comhairle na
Gàidhealtachd gus an àireamh sgoilearan is sgoiltean a’ tabhann Foghlam tro
Mheadhan na Gàidhlig a mheudachadh. Tha foghlam aig bunait fàs is seasmhachd a’
chànain agus tha seo math airson na h-Alba air fad. Tha sinn a’ dèanamh
fiughair ri bhith a’ leantainn air adhart leis an dàimh shoirbheachail seo le
Comhairle na Gàidhealtachd san àm ri teachd.”
Stèidhichte sa Chaol, An Gearasdan, ’s e seo an ceathramh bun-sgoil Ghàidhlig
ann an Alba agus an dàrna sa Ghàidhealtachd.
Thuirt an Comhairliche Drew Mac a’ Mhuilleir, Cathraiche Comataidh Seirbheisean
Foghlaim, Chloinne agus Inbheach Chomhairle na Gàidhealtachd: “Tha am fosgladh
oifigeil seo ann an Loch Abar a’ comharrachadh coileanadh eile le Comhairle na
Gàidhealtachd. Tha an gealltanas a tha aice do dh’ Fhoghlam Gàidhlig air a
shealltainn cuideachd an t-seachdain seo agus Comhairle na Gàidhealtachd ag
ainmeachadh cunnradh de £8.7 millean airson Bun-sgoil Ghàidhlig ùr ann am Port
Rìgh.”
Thuirt an Comhairliche Sheumais Friseal, Cathraiche Buidheann Buileachaidh na
Gàidhlig aig Comhairle na Gàidhealtachd: “Tha Bun-Sgoil Ghàidhlig Loch Abar a’
toirt togail mòr do leasachadh na Gàidhlig. Tha an sgoil a’ cur ri trì
sgoiltean Gàidhlig eile a tha a’ seasamh leotha fhèin ann an Inbhir Nis,
Glaschu agus Dùn Èideann.”
Chaidh a’ chuirm fhosgladh agus a dhùnadh le ceòl na pìoba mòire agus
bhruidhinn an Dr Alasdair Allan agus Bill Alexander, Stiùiriche Cùraim agus
Ionnsachaidh Chomhairle na Gàidhealtachd ris na h-aoighean a bha an làthair. Rè
na cuirme, ghabh na sgoilearan an t-òran Gàidhlig ’S Truagh nach robh mi còmhla
riut.
Thuirt Ceannard Comataidh Sgìre Loch Abar, an Comhairliche Tòmas MacIllinnein:
“Chan e a-mhàin gur e sgoil air leth a tha seo, ach ’s e goireas air leth a tha
seo dhan choimhearsnachd agus goireas a tha a’ toirt taic agus cothroman do
dhaoine òga. Tha mi air mo dhòigh glan gu bheil i a’ neartachadh
chom-pàirteachasan le buidhnean Gàidhlig thar Loch Abar agus seach sin.
“Am measg nam buidhnean a tha a’ cleachdadh na sgoile tha: Pàrant is Pàiste,
Cròileagan Grianach (cròileagan aois 2 bhliadhna), agus Fèis Loch Abar. Tha
oifisean cuideachd aig Bòrd na Gàidhlig, Fèisean nan Gàidheal agus Comunn na
Gàidhlig san sgoil cuideachd.”
Thuirt Frank Reid, àrd-stiùiriche togail aig a’ chompanaidh Robertson: “Tha sinn moiteil gun robh sinn ag obair air togalach cho cudromach airson na sgìre agus airson cultar na Gàidhlig. Tha e na thoileachas mòr a bhith an seo an-diugh agus an togalach fhaicinn ag obair, agus tha sinn fìor thoilichte gun do chuidich sinn gus goireas a lìbhrigeadh a tha air còrdadh cho mòr ris a’ choimhearsnachd.”
Bidh sgoilearan agus pàrantan a th’ ann agus a bh’ ann a’ gabhail com-pàirt ann
an cèilidh comharrachaidh feasgar an-diugh is iad fhèin a’ seinn is a’ cluiche
a’ chiùil. Bidh cèilidh ann cuideachd gus airgead a thogail aig 7.30f le
luchd-ciùil às an sgìre fhèin agus seann sgoilearan. Tha fàilte air a h-uile
duine agus gheibhear tiogaidean bhon sgoil.
Dh’fhosgail dorsan Bun-Sgoil Ghàidhlig Loch Abar aig toiseach bliadhna sgoile
2015/16 air Diciadain 19 Lùnastal 2015 nuair a chaidh an Ceannard Iain Iòsaph
MacNèill a chur an dreuchd. Tha 70 sgoilear sa Bhun-sgoil agus 15 san
Sgoil-àraich an-dràsta. Bidh an sgoil-àraich a’ tabhann cùram-chloinne gu 6f do
chloinn tro mheadhan na Gàidhlig.