Duaisean Coileanaidh Inbheach

Chaidh iarraidh air Sgioba na Gàidhlig aig Comhairle na Gàidhealtachd com-pàirt a ghabhail ann an Sgeama pìolait airson Duaisean Nàiseanta Coileanaidh Inbheach a bha Colaiste Abaid a’ Bhatail Nuaidh a

Tha na Duaisean stèidhichte air modail Duaisean Coileanaidh Òigridh agus air an tabhann aig ìrean SCQF 3, 4 agus 6. Bha na h-oileanaich Ghàidhlig a’ gabhail com-pàirt aig ìre 3. Tha na duaisean stèidhichte air portfolio agus is urrainn dhaibh ionnsachadh a nochdadh ann an raon farsaing cheangalan. Tha am prògram pìolait tar-roinneil agus a’ gabhail a-steach luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig. Chaidh na duaisean a chur air bhog le Rùnaire a’ Chaibineit, Angela Constance BPA sa Chèitean 2015.

Bha Neach-sgrùdaidh na Banrigh bho Foghlam Alba an làthair sna bùithtean-obrach agus a’ filmeadh nan oileanach, agus bha an obair aca air a mheasadh le Colaiste Abaid a’ Bhatail Nuaidh. Bha 3 oileanach an làthair bho sgìre Inbhir Nis agus 6 às an Eilean Sgitheanach, agus choisinn iad uile na Duaisean Coileanaidh Inbheach (Gàidhlig) san Dùbhlachd.

Thug Sgioba na Gàidhlig taic do na 9 oileanaich agus chuir iad air dòigh tachartas taisbeanaidh a chaidh a chumail ann an Inbhir Nis air 19 Màrt. Chaidh teisteanas a thoirt do gach oileanach gus an sàr-mhathais nan cuid ionnsachaidh a chomharrachadh.

Thug an Comhairliche Sheumais Friseal, Cathraiche Buidheann Buileachaidh na Gàidhlig, seachad na teisteanasan do na h-oileanaich agus thuirt e, “Tha mi fìor thoilichte a bhith a’ toirt seachad Teisteanasan nan Duaisean Coileanaidh Inbheach do na h-oileanaich seach gu bheil seo a’ comharrachadh clach-mhìle shònraichte air an t-slighe aca ag ionnsachadh na Gàidhlig.” Lean e air adhart, “Tha Sgioba na Gàidhlig a’ cur chlasaichean Gàidhlig air dòigh ann an sgìrean sònraichte taobh a-staigh Comhairle na Gàidhealtachd agus le taic bho Bhòrd na Gàidhlig. Bha an luchd-ionnsachaidh inbheach a’ frithealadh nan clasaichean agus tha an Duais Coileanaidh Inbheach ag aithneachadh an cuid soirbheachais ann a bhith ag ionnsachadh a’ chànain. Tha mi moiteil asta airson na tha iad air a choileanadh.”