Co-chomhairle poileasaidh ainm-àite gàidhlig – Ainmean-Àite na h-Alba

Tha Ainmean-Àite na h-Alba (AÀA) air am Poileasaidh Ainm-Àite Gàidhlig aca a sgaoileadh airson co-chomhairle, gus cothrom a thoirt dhan phoball beachd a thoirt seachad air an dòigh anns a bheilear a’ dèiligeadh le ainmean-àite air feadh Alba.

Tha Ainmean-Àite na h-Alba (AÀA) air am Poileasaidh Ainm-Àite Gàidhlig aca a sgaoileadh airson co-chomhairle, gus cothrom a thoirt dhan phoball beachd a thoirt seachad air an dòigh anns a bheilear a’ dèiligeadh le ainmean-àite air feadh Alba.

Mar an com-pàirteachas comhairleachaidh nàiseanta airson ainmean-àite Gàidhlig ann an Alba, bidh AÀA a’ leantainn stiùireadh sònraichte nuair a thathar a’ rannsachadh ainm-àite. Tha an stiùireadh seo a’ dèanamh cinnteach gu bheil na cruthan Gàidhlig air an aontachadh ann an dòigh eagarach gu inbhe nàiseanta, mar sin a’ neartachadh na buaidh aca air leasachadh is cleachdadh na Gàidhlig, agus a’ giorrachadh na h-ùine is na mì-chinnte dhaibhsan a bhios a’ buileachadh phoileasaidhean a bhios a’ gabhail a-steach ainmean-àite Gàidhlig. 

Tha e cuideachd romhainn teistealachd a thoirt dha na riochdan ainm-àite, an dà chuid le luchd na Gàidhlig is luchd na Beurla, gus cleachdadh coitcheann a bhrosnachadh.

Tha an t-ath-sgrùdadh air Poileasaidh Ainm-Àite Gàidhlig AÀA cudromach dha faicsinneachd na Gàidhlig air feadh Alba, gus dèanamh cinnteach gu bheilear a’ dèiligeadh ri ainmean-àite Gàidhlig ann an dòigh chunbhalach.

Bu chòir aire shònraichte a thoirt dha na h-earrannan a leanas nuair a thathar a’ sgrùdadh a’ phàipeir:

Tha Earrann 2.1 riatanach leis gu bheil an còrr den phoileasaidh an crochadh oirre. Gheibhear mìneachadh air an fhìrinneachadh a tha AÀA a’ cleachdadh gus dèiligeadh ri ainmean-àite le tùsan cànanach eadar-dhealaichte. 
 
Tha Earrann 3 a-mach air litreachadh agus mar a bhios AÀA a’ dèiligeadh ri cùisean leithid tàthain is ceann-litreachd.

Tha Earrann 4 a’ mìneachadh mar a bhios AÀA a’ dèiligeadh ri ainmean far nach eil fianais dhìreach airson cruth Gàidhlig. 

Thuirt Roy Pedersen, Cathraiche Ainmean-Àite na h-Alba agus ùghdar ciad mhapa Gàidhlig na h-Alba: “Tha a bhith a’ dearbhadh cruth Gàidhlig iomadh ainm-àite a’ toirt mìneachadh is brìgh do thùs is eachdraidh nan coimhearsnachdan is nam feartan-tìre againn, ann an dòigh nach biodh follaiseach às aonais. Faodaidh pròiseas an eadar-mhìneachaidh a bhith ioma-fhillte ge-tà, agus uaireannan san àm a dh’fhalbh, dheidheadh eadar-mhìneachaidhean is litreachadh neo-chunbhalach is mearachdach a chleachdadh. Mar sin, tha e cudromach gu bheilear a’ leantainn dhòighean rannsachaidh agus obrach làidir gus dèanamh cinnteach gu bheil an litreachadh a thathar a’ cleachdadh ceart. ’S ann air an adhbhar seo a tha sinn a’ sireadh fios air ais, gus dèanamh cinnteach gu bheil na dòighean-obrach againn cho math ’s as urrainn dhaibh a bhith.”

Thuirt Ceannard Bòrd na Gàidhlig, Shona NicIllinnein: “Tha dreuchd bhunaiteach aig AÀA ann a bhith a’ brosnachadh faicsinneachd agus cunbhalachd ainmean-àite Gàidhlig air feadh Alba. Tha sinn a’ cur fàilte air a’ cho-chomhairle seo gus neart a bharrachd a thoirt dha na dòighean-obrach àrd-ìre a tha mar-thà air an cleachdadh gus ainmean-àite Gàidhlig aontachadh.”

Bu chòir freagairtean a chur gu Eilidh Sgaimeal aig AÀA, tro phost-d (oifis@ainmean-aite.org) no post gu Eilidh Sgaimeal, Ainmean-Àite na h-Alba, Sabhal Mòr Ostaig, Slèite, IV44 8RQ ro Dhiciadain an 15mh latha den Ghearran 2017.

Gheibhear lethbhreac PDF den Phoileasaidh Ainm-àite an seo: http://www.gaelicplacenames.org/userfiles/pdfs/AAA_Gaelic_Place-names_Policy_DRAFT_Dec16.pdf

*Tha am poileasaidh ann am Beurla a-mhàin an-dràsta. Thèid eadar-theangachadh agus fhoillseachadh gu dà-chànanach nuair a bhios susbaint a’ phoileasaidh aontaichte.