A’ Chiad Sgoil Ghàidhlig ann an Alba a Thogadh a dh’Aon Ghnothaich a’ Comharrachadh a 10mh Ceann-bliadhna

.

Read this in English

O chionn ghoirid chomharraich sgoilearan, luchd-obrach agus pàrantan Bun-Sgoil Ghàidhlig Inbhir Nis 10 bliadhna on a dh’fhosgail an sgoil a dorsan do sgoilearan. Chumadh cuirm chomharrachaidh feasgar Dihaoine 10 Samhain, air a cur air dòigh le comhairle phàrant agus luchd-obrach, agus bha mòran an làthair.

Ghabh mu 250 aoigh tlachd à measgachadh de thaisbeanaidhean ciùil is dannsa Gàidhealach agus dh’aithris cuid de na sgoilearan bàrdachd cuideachd.

Thuirt an Comhairliche Alasdair MacFhionghuin, Cathraiche Comataidh nan Goireasan Corporra agus Cathraiche Buidheann Ro-innleachd agus Buileachaidh na Gàidhlig aig Comhairle na Gàidhealtachd, a bha an làthair aig a’ chuirm chomharrachaidh: “Tha e cudromach gu bheil sinn a’ comharrachadh na 10 bliadhna on a dh’fhosgail Bun-Sgoil Ghàidhlig Inbhir Nis a dorsan an toiseach agus a’ meòrachadh air an adhartas a tha Comhairle na Gàidhealtachd air a dhèanamh ann a bhith a’ lìbhrigeadh Foghlam tron Ghàidhlig. Bho 2007, tha sinn cuideachd air dàrna sgoil Ghàidhlig fhosgladh sa Ghàidhealtachd – Bun-Sgoil Ghàidhlig Loch Abar ann an 2015 – agus tha sinn an-dràsta a’ togail treas sgoil Ghàidhlig ann am Port Rìgh.”

Thuirt an Ceannard ann an Gnìomh, Ciorstaidh Nic a’ Phiocair: “Tha taing mhòr a’ dol gu Comhairle nam Pàrant airson am barbeque agus na deochan a chur air dòigh, agus do na sgoilearan uile a ghabh com-pàirt air an oidhche. Bu toil leam taing a thoirt do na sgoilearan agus an luchd-obrach taice againn air fad a chuidich gus na sgeadachaidhean àlainn a dhèanamh airson an 10mh ceann-bliadhna agus iad a’ coimhead cho math anns an sgoil.”

Nuair a dh’fhosgail Bun-Sgoil Ghàidhlig Inbhir Nis an toiseach air Dimàirt 14 Lùnastal 2007 san t-Slag Bhuidhe, faisg air Acadamaidh Rìoghail Inbhir Nis, bha 100 sgoilear san sgoil agus 45 san sgoil-àraich. A-nis tha 232 sgoilear san sgoil agus tha 80 san sgoil-àraich.