Turas Còmhnaidheach Gàidhlig Òigridh

Snad1 small
Seachdain nan Deugairean

.

Read this in English

Chuir Sgioba Ghàidhlig Chomhairle na Gàidhealtachd, ann an com-pàirteachas le Sabhal Mòr Ostaig, agus le taic ionmhasail bho Bhòrd na Gàidhlig, air dòigh tachartas còmhnaidheach bliadhnail Gàidhlig ‘Seachdain nan Deugairean’ do dhaoine òga an t-seachdain sa chaidh aig Sabhal Mòr Ostaig – a’ Cholaiste Ghàidhlig ann an Slèite, san Eilean Sgitheanach.

Ghabh 33 neach òg bho Àrd-Sgoiltean Phort Rìgh, A’ Phluic agus Mhalaig com-pàirt san tachartas a mhair 4 làithean agus a bha a’ com-pàirteachadh luchd-labhairt fileanta agus luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig.

Bha cothrom aig na daoine òga com-pàirt a ghabhail ann an grunn bhùithtean-obrach, a’ gabhail a-steach dràma, sgrìobhadh, sgilean nam meadhanan agus cleasan foghlaim air a’ bhlàr a-muigh. Bha na gnìomhan air an dealbh a rèir an comais cànain.

Thuirt an t-Àrd-Ollamh Boyd Robasdan, Prionnsapal Sabhal Mòr Ostaig: “Tha an tachartas seo air a dheagh stèidheachadh, agus ’s e eisimpleir mhath a th’ ann den chom-pàirteachas shoirbheachail eadar Comhairle na Gàidhealtachd agus Sabhal Mòr Ostaig, a tha air a dhaingneachadh gu foirmeil ann am Meòrachan Tuigse. Tha e fìor chudromach gu bheil cothrom aig na daoine òga an cuid sgilean Gàidhlig a leasachadh tro ghnìomhan spòrsail, cruthachail is cultarail, uile taobh a-staigh suidheachadh bogaidh sa Ghàidhlig.”

S e tachartas cudromach do dhaoine òga a th’ ann an Seachdain nan Deugairean, seach gu bheil e a’ toirt cothrom sgoinneil, an dà chuid do sgoilearan a tha fileanta agus ag ionnsachadh na Gàidhlig, gus na sgilean conaltraidh aca a leasachadh is a chleachdadh taobh a-muigh suidheachadh foghlaim foirmeil. A bharrachd air an seo is urrainn dhaibh com-pàirt a ghabhail ann an cleasan cruthachail is spòrs gus sgilean ùra a thogail agus coinneachadh ri co-aoisean bho sgoiltean eile. Tha Sabhal Mòr Ostaig agus a’ Chomhairle a’ leantainn air adhart ag obair ann an com-pàirteachas a tha air tachartas bliadhnail soirbheachail mar seo a thoirt gu buil.

Gheibhear tuilleadh fiosrachaidh bho Shona.Paterson@highland.gov.uk