Tidsearan Gàidhlig às an Eilean Sgitheanach a’ togail duais innleachdais nàiseanta

lasadh
(clì gu deas) Aoigh nan Duaisean Gwen Culbertson, Mairi NicDhòmhnaill.

.

Read this in English

Tha an goireas foghlaim air-loidhne Gàidhlig airson tidsearan bun-sgoile ‘Lasadh’ air an duais airson Innleachdas ann am Foghlam a bhuannachadh aig na Duaisean Gàidhlig cliùiteach a chaidh a chumail ann an Glaschu air 15 Samhain.

Chaidh Lasadh a chruthachadh le dà thidsear Gàidhlig bun-sgoile le Comhairle na Gàidhealtachd, Màiri NicDhòmhnaill agus Gwen Culbertson, a tha a’ teagasg aig Bun-Sgoil Shlèite san Eilean Sgitheanach.

Chuir an Comhairliche Alasdair MacFhionghuin, Cathraiche Comataidh nan Goireasan Corporra agus Cathraiche Buidheann Ro-innleachd agus Leasachaidh na Gàidhlig aig Comhairle na Gàidhealtachd, meal-an-naidheachd air Màiri agus Gwen. Thuirt e: “’S e coileanadh air leth a th’ anns an duais seo airson Innleachdas ann am Foghlam le Màiri agus Gwen a tha air a bhith ag obair gu dùrachdach thar grunn bhliadhnaichean gus goireasan lìn a leasachadh do thidsearan bun-sgoile. Tha an dealas aca do bhith a’ cur Foghlam tron Ghàidhlig air adhart a’ taisbeanadh is a’ cur taic ri gealltanas prògram Chomhairle na Gàidhealtachd do chànan na Gàidhlig agus tha mi gam moladh airson a bhith cho cruthachail agus cho dìcheallach.”

’S e goireas-lìn litearrais airson luchd-obrach ann am Foghlam Gàidhlig a th’ ann an Lasadh https://www.lasadh.co.uk/. Chaidh a leasachadh ann an com-pàirteachas le Stòrlann Nàiseanta na Gàidhlig gus goireasan foghlaim àrd-inbhe a dhèanamh airson an cleachdadh ann an sgoiltean le Foghlam tron Ghàidhlig, gu nàiseanta.

A’ meòrachadh air an duais, thuirt Màiri NicDhòmhnaill: “Tha sinn fìor thoilichte an duais seo fhaotainn agus i a’ comharrachadh cho cudromach agus cho innleachdach ’s a tha Lasadh airson Foghlam tron Ghàidhlig.”

Thuirt Gwen Culbertson: “Tha sinn uabhasach fhèin taingeil do Stòrlann agus Comhairle na Gàidhealtachd airson an taic is an com-pàirteachais. Tha sinn a’ coimhead air adhart ri leasachadh a bharrachd san àm ri teachd.”

Tha Duaisean Gàidhlig na h-Alba, a chaidh a chumail san Taigh-òsta Grand Central, Glaschu, nam pàirt de dh’iomairt gus gach taobh de chultar na h-Alba a chomharrachadh agus chaidh an sponsaireachd le Bòrd na Gàidhlig. Tha na Duaisean a’ cur solas air gach taobh de chultar, foghlam agus cànan na Gàidhlig, a’ soillseachadh na sàr-obrach a thathar a’ gabhail os làimh gus fàs is dualchas a chumail suas.