Treas sgoil Ghàidhlig ainmichte na Gàidhealtachd air a fosgladh

.

Read this in English

Chomharraich sgoilearan, pàrantan agus luchd-obrach toiseach teirm an t-samhraidh an-diugh (Diluain 16 Giblean 2018) aig Bun-Sgoil Ghàidhlig Phort Rìgh a chaidh fhosgladh às ùr. 
 
Bha an cùmhnant togail mar phàirt de phrògram tasgadh calpa iomlan ann an co-bhann ri Riaghaltas na h-Alba, a’ gabhail a-steach rathad inntrigidh ùr chun na sgoile, agus ath-leasachadh air seann togalach Ostail Eilginn gus àite-còmhnaidh ùr a chruthachadh do sgoilearan Àrd-Sgoil Phort Rìgh.
 
Thuirt an Comhairliche Andrew Baxter, Cathraiche Comataidh Cùraim, Ionnsachaidh agus Taigheadais Chomhairle na Gàidhealtachd: “’S e latha eachdraidheil a tha seo airson na Gàidhlig anns a’ Ghàidhealtachd agus anns an Eilean Sgitheanach a tha aig cridhe na Gàidhlig. Faodaidh Comann nam Pàrant Phort Rìgh, a rinn iomairt fhada airson sgoil Ghàidhlig, a bhith moiteil dha-rìribh às na choilean iad agus tha Comhairle na Gàidhealtachd moiteil cuideachd.”
 
Chuir Bill Alexander, Stiùiriche a’ Chùraim agus an Ionnsachaidh aig Comhairle na Gàidhealtachd fàilte air fosgladh Bun-Sgoil Ghàidhlig Phort Rìgh, agus e ag ràdh: “Tha 173 leanabh a’ frithealadh treas sgoil Ghàidhlig ainmichte na roinne. Tha seo a’ taisbeanadh gu soilleir dealas leantainneach na Comhairle do bhith a’ leasachadh cànan na Gàidhlig bhon a dh’fhosgail sinn Bun-Sgoil Ghàidhlig Inbhir Nis ann an 2007 agus Bun-Sgoil Ghàidhlig Loch Abar ann an 2015.”
 
Thòisich ceud is trithead sgoilear bun-sgoile an teirm ùr aig Bun-Sgoil Ghàidhlig Phort Rìgh agus tha 40 leanabh a’ frithealadh na sgoil-àraich.