10 November 2016: Buidheann Buileachaidh na Gàidhlig

Agenda

Read the Agenda

Cumar coinneamh de Bhuidheann Buileachaidh na Gàidhlig ann an Seòmar na Comhairle, A’ Phrìomh Oifis, Rathad Ghlinn Urchadain, Inbhir Nis air Diardaoin 10 Samhain 2016 aig 10.30m.

Brath Craoladh-lìn:  Thèid a’ choinneamh seo a chlàradh is a chraoladh thar an Eadar-lìn air làrach-lìn Chomhairle na Gàidhealtachd. Thèid an clàradh a thasgadh is chithear e airson 12 mìosan às dèidh sin. 

Tha cuireadh agaibh chun na coinneimh agus tha clàr de na gnothaichean air an tèid beachdachadh an cois seo. 

Leis gach deagh dhùrachd,

Michelle Morris
Iar-Àrd-Oifigear/ Stiùiriche an Leasachaidh Chorporra

Thoiribh an aire gum bi a’ choinneamh air a cumail sa Ghàidhlig, le eadar-theangachadh mar-aon gu Beurla. 

Gnothachas

A Bhuill Chòir,

1. Leisgeulan

2. Foillseachaidhean Com-pàirt

Thathar ag iarraidh air Buill beachdachadh a bheil com-pàirt aca a bu chòir dhaibh fhoillseachadh co-cheangailte ri gnothaich sam bith air clàr na coinneimh seo.  Bu chòir do Bhuill a dhèanamh soilleir an e com-pàirt ionmhasail no neo-ionmhasail a tha seo agus beagan innse mu nàdar na com-pàirt. Gheibhear comhairle a thaobh seo bho Oifigearan mus tòisich a’ choinneamh.

3. Naidheachdan Matha

4. Taisbeanadh – Leasachadh Sgilean na h-Alba                    
Bheir Mgr Derek MacCoinnich seachad taisbeanadh mun dàrna tionndadh den Phlana Ghàidhlig aig Leasachadh Sgilean na h-Alba agus gnìomhan co-cheangailte ri bhith a’ buileachadh Plana Gàidhlig Leasachadh Sgilean na h-Alba.

Thathar ag iarraidh air a’ Bhuidhinn beachdachadh air an taisbeanadh.

5. Taisbeanadh – Stòrlann                        

Bheir Mgr Dòmhnall Uilleam MacIlleMhoire, Àrd-Oifigear Stòrlann Nàiseanta na Gàidhlig – companaidh earranta a bhios a’ co-òrdanachadh dèanamh is sgaoileadh stòrasan curraicealaim airson foghlam Gàidhlig – seachad taisbeanadh a’ mìneachadh obair an Stòrlainn agus a’ toirt iomradh air na stòrasan a tha rim faotainn. 

Thathar ag iarraidh air a’ Bhuidhinn beachdachadh air an taisbeanadh.

6. Plana Gàidhlig 2012-16, Cuspair 5 “Na nì sinn airson na Gàidhlig anns an Àite-obrach agus ann an Leasachadh Eaconamach" agus Cuspair 4 “A’ Ghàidhlig san Àite-obrach” – Aithisg Bhuileachaidh 

Tha Aithisg Àir. GIG/16/16 le ceann-latha 31 Dàmhair 2016 ga cuairteachadh le Stiùiriche a’ Chùraim agus an Ionnsachaidh a’ toirt cunntas às ùr mu bhuileachadh Plana Gàidhlig 2012-16, Cuspair 5 “Na nì sinn airson na Gàidhlig ann an Leasachadh Eaconamach” agus Cuspair 4 “A’ Ghàidhlig san Àite-obrach”.

Thathar ag iarraidh air a’ Bhuidhinn:-

i. beachdachadh air buileachadh nan Cuspairean Leasachadh Eaconamach is Àite-obrach; agus 
ii. aontachadh gum brosnaichear margaidheachd Dhreuchdan is Chothroman Obrach Gàidhlig le Leasachadh Sgilean na h-Alba agus Bòrd na Gàidhlig.

7. Mòd Nàiseanta Rìoghail 2016 agus Mòdan san Àm Ri Teachd ann an Sgìre na Gàidhealtachd 

Tha Aithisg Àir. GIG/17/16 le ceann-latha 31 Dàmhair 2016 ga cuairteachadh le Stiùiriche a’ Chùraim agus an Ionnsachaidh, a’ toirt fios do Bhuill mu leasachaidhean a thaobh (a) am Mòd Nàiseanta Rìoghail a chaidh a chumail anns Na h-Eileanan Siar bho 14-22 Dàmhair; (b) Mòd Loch Abar 2017; agus (c) Mòd Inbhir Nis 2020.

Thathar ag iarraidh air a’ Bhuidhinn:- 

i. beachdachadh air a’ chunntas às ùr a thaobh Mòd nan Eilean Siar;
ii. aontachadh gun cuirear Buidheann Ceangail Mòid air dòigh air thoiseach air Mòd Loch Abar agus aontachadh taic a thoirt do Chomataidh Eagrachaidh Ionadail Inbhir Nis mar a bhios feum air; agus
iii. aontachadh gun cumar ceangal dlùth leis a’ Chomunn Ghàidhealach an dà chuid gu h-ionadail is gu nàiseanta.

Minutes

Read the Minutes

Geàrr-chunntas coinneamh Buidheann Buileachaidh na Gàidhlig a chumadh ann an Seòmar na Comhairle, Rathad Ghlinn Urchadain, Inbhir Nis, air Diardaoin, 10 Samhain 2016 aig 10.30m.

An làthair:

A’ Bh-uas I Chaimbeul (ball-ionaid), Mgr S Farlow, Mgr C Friseal, Mgr S Friseal, Mgr S Fuller, Mgr S MacGilleBhrath, Mgr C MacLeòid, A’ Bh-uas M NicPheadrais, A’ Bh-uas C Stephen

A’ frithealadh na coinneimh:

A’ Bh-uas N Young, Manaidsear Cùraim & Ionnsachaidh na Sgìre an Iar, Seirbheis a’ Chùraim agus an Ionnsachaidh
Mgr J Steven, Ceannard an Fhoghlaim, Seirbheis a’ Chùraim agus an Ionnsachaidh
A’ Bh-uas M A NicLeòid Mitchell, Oifigear Leasachaidh na Gàidhlig, Seirbheis a’ Chùraim agus an Ionnsachaidh
A’ Bh-uas D Ghrannd, Oifigear Ionnsachaidh agus Leasachaidh Coimhearsnachd Gàidhlig, Seirbheis a’ Chùraim agus an Ionnsachaidh
A’ Bh-uas S NicPheadrais, Oifigear Ionnsachaidh & Leasachaidh Coimhearsnachd Gàidhlig,
Seirbheis a’ Chùraim agus an Ionnsachaidh
Mgr C Moireasdan, Oifigear Leasachaidh Foghlaim Gàidhlig, Seirbheis a’ Chùraim agus an Ionnsachaidh
A’ Bh-uas S NicIllinnein, Prìomh Rianaire, Seirbheis an Leasachaidh Chorporra

Cuideachd a’ frithealadh na coinneimh:

Mgr D MacCoinnich, Leasachadh Sgilean na h-Alba
Mgr D U MacGilleMhoire, Stòrlann

Tha rionnag air iomall na duilleige a’ comharrachadh moladh a thèid chun na Comhairle.  Tha co-dhùnaidhean gun chomharradh fo ùghdarras na Buidhne.

Mgr S Friseal sa Chathair

Gnothach

1. Leisgeulan

Ghabhadh leisgeul às leth Mhgr I Ghòrdain, Mhgr F Parr agus an Dr A Nic na Ceàrdaich.

2. Foillseachaidhean Com-pàirt

THUG a’ Bhuidheann FA-NEAR do na foillseachaidhean com-pàirt a leanas:

Cuspairean 6 agus 7 – Mgr S Farlow (neo-ionmhasail)

4. Naidheachdan Matha

Chaidh liosta de chuspairean Naidheachdan Matha a chur fa chomhair nam Ball, is iad a’ buntainn ri agus a’ brosnachadh cànan is cultar na Gàidhlig. Ann a bhith a’ cur meal-a-naidheachd air na bha an lùib Mòd nan Eilean Siar, chaidh iomradh sònraichte a thoirt air Còisir Inbhir Pheofharain agus Bun-Sgoil Inbhir Pheofharain agus Ceitidh Nic a’ Ghobhainn às a’ Chaol. Bha Buill an dòchas gun deidheadh cuireadh a thoirt do sheinneadairean òga Gàidhlig seinn aig coinneamh den Bhuidhinn no den Chomhairle san àm ri teachd.

Às dèidh sin, THUG a’ Bhuidheann FA-NEAR dha na Naidheachdan Matha.

3. Taisbeanadh – Leasachadh Sgilean na h-Alba

Thug Mgr Derek MacCoinnich, Oifigear Leasachaidh airson Leasachadh Sgilean na h-Alba, seachad taisbeanadh mun dàrna tionndadh de Phlana Gàidhlig Leasachadh Sgilean na h-Alba, a chaidh a chur a-steach gu Bòrd na Gàidhlig san Dàmhair 2016, agus na gnìomhan a buntainn ri buileachadh Plana Gàidhlig Leasachadh Sgilean na h-Alba.

San taisbeanadh aige, thug Mgr MacCoinnich seachad eisimpleirean de na h-amasan àrda a bha sa Phlana, far an robh prìomh raointean leasachaidh taobh a-staigh Comhairle na Gàidhealtachd. Nam measg bha solarachadh ghoireasan Gàidhlig do thidsearan, fiosrachadh a thaobh chothroman obrach agus dreuchdan Gàidhlig, fiosrachadh is taic do ghnothachasan gus luchd-obrach ùra a thrèanadh tro mheadhan na Gàidhlig gu inbhean a bhathar ag aithneachadh tro ghnìomhachas, agus obrachadh com-pàirteach le Ùghdarrasan Ionadail gus trèanadh a bharrachd tro mheadhan na Gàidhlig a leasachadh agus ro-innleachd fiosrachaidh airson na margaidh obrach a bha ag aithneachadh luach sgilean Gàidhlig. A bharrachd, chaidh cur an cuimhne nam Ball gun robh Leasachadh Sgilean na h-Alba agus Comhairle na Gàidhealtachd air tachartasan Dreuchdail Gàidhlig Siuthad! a chur air dòigh. A’ leantainn air adhart bhon t-soirbheachas aige ann an Inbhir Nis agus san Eilean Sgitheanach, bha e a-nis a’ ruith gu soirbheachail ann an àiteachan eile ann an Alba.

Sa bheachdachadh, chaidh na puingean a leanas a thogail:-

  • chaidh fàilte a chur air a’ chom-pàirteachas obrach shoirbheachail eadar a’ Chomhairle agus Leasachadh Sgilean na h-Alba;
  • bhathar a’ brosnachadh an dà chuid preantasachdan ùr-nodha agus bunaiteach agus chaidh tuilleadh fiosrachaidh a thoirt seachad mun deidhinn. Na eisimpleir de phreantasachd foghlam tro mheadhan na Gàidhlig, bha taobh a-staigh sgoil-àraich foghlam tro mheadhan na Gàidhlig;
  • chaidh fiosrachadh a shireadh mu chothroman airson ceangalan nas farsainge, mar eisimpleir leis na coimhearsnachdan croitearachd is ionaltraidh, agus le Comhairle nan Eilean Siar agus Oilthigh na Gàidhealtachd is nan Eilean;
  • seach nach robh ach 6 luchd-obrach aig Leasachadh Sgilean na h-Alba a bha fileanta is misneachail a’ cleachdadh na Gàidhlig san àite-obrach, bhathar a’ sireadh taic ìre Stiùiriche gus a’ Ghàidhlig a bhith na sgil ‘riatanach’ airson dhreuchdan sònraichte;
  • bha e cudromach gun deidheadh an raon farsaing de dhreuchdan a’ buntainn ris a’ Ghàidhlig a shealltainn do sgoilearan; agus
  • chaidh togail air buannachdan dà-chànanais agus chaidh soilleireachadh nach robh preantasachdan ùr-nodha tro mheadhan na Gàidhlig air an cuingealachadh ri daoine òga a bha air a dhol tro fhoghlam tro mheadhan na Gàidhlig.

Às dèidh taing a thoirt do Mhgr MacCoinnich, THUG a’ Bhuidheann FA-NEAR dhan taisbeanadh.

4. Taisbeanadh – Stòrlann     

Thug Mgr Dòmhnall Uilleam Moireasdan, Àrd-Oifigear an Stòrlainn, companaidh earranta a bha a’ co-òrdanachadh dèanamh is sgaoileadh ghoireasan curraicealaim airson foghlam Gàidhlig, seachad taisbeanadh a’ mìneachadh obair an Stòrlainn agus an àireamh ghoireasan a bha ri fhaotainn.

Ann an taisbeanadh mionaideach, mhìnich Mgr Moireasdan eachdraidh an Stòrlainn. Bha 15 neach-obrach ann, agus bha Stòrlann a’ solarachadh grunn sheirbheisean, nam measg leasachadh ghoireasan, eadar-theangachadh, sgrìobhadh chùrsaichean agus dealbhadh lìn. Bha an raointean obrach a’ còmhdach bhuidhnean bho ro-sgoil, bun-sgoil agus àrd-sgoil, cho math ri pàrantan, luchd-cùraim, Ùghdarrasan Ionadail agus buidhnean nàiseanta. Bha Stòrlann air raoin ghoireasan a leasachadh airson an cleachdadh ann am Foghlam agus Ionnsachadh tro Mheadhan na Gàidhlig agus do phàrantan aig nach robh Gàidhlig agus a bha a’ feumachdainn taic gus an cuid chloinne a chuideachadh le obair-dachaigh. A thaobh seo, bhathar air buannachdan an lùib a bhith a’ cleachdadh nam meadhanan sòisealta aithneachadh agus tharraing e aire chun an t-seirbheis air-loidhne a bha an Stòrlann a’ ruith, air obrachadh le dithis a b’ àbhaist a bhith a’ teagasg, do phàrantan. Ach, bha dùbhlain an lùib teicneòlais agus bha cuid de sgìrean iomallach a’ strì le leud-banna agus astaran bann-leathainn agus bha mòran fhaclan Gàidhlig air am bacadh le firewall agus Solaraichean Seirbheis.

Sa bheachdachadh, chaidh na puingean a leanas a thogail:-

  • chaidh fàilte a chur air obair an Stòrlainn, agus air an àireimh mhòir leabhraichean is stòrasan Gàidhlig eile a bha air an luchdachadh a-nuas gu ruige seo;
  • bha e cudromach gun robhar a’ toirt aire do leasachaidhean Litearrais Thùsail ann am Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig i.e. a’ dèanamh cinnteach gun robh clann a’ faighinn stuthan ionnsachaidh a bha freagarrach dha na h-ìrean leasachaidh aca. Chaidh dearbhadh gun robhar ag obair gu dlùth le luchd-cleachdaidh foghlaim a thaobh seo agus chaidh fiosrachadh a thoirt seachad mu theagasg fuaimean Gàidhlig agus mar a bha seo a’ ceangal ri stuthan leughaidh, cho math ri iomairtean eile leithid Book Bug;
  • chaidh cuideam a chur air cho cudromach ’s a bha togail cànain aig aois ro-sgoile, le eisimpleir CDan gan toirt seachad do chloinn sgoil-àraich Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig gus an eòlas co-cheangailte ris a’ chànan a leudachadh;
  • dh’iarr agus fhuair an Cathraiche fiosrachadh mu làthaireachd aig Co-labhairt Thràth Bhliadhnaichean An Alltain san t-Sultain 2016 agus adhartas le e-sgoil, an sgoil bhrìgheil Ghàidhlig airson Alba. Bha e cudromach gun robhar a’ gabhail aire dhan Ghàidhlig nuair a bha an leabhar chrome air a sgaoileadh a-mach; agus
  • b’ e leasachadh airson an ama ri teachd a bhith a’ lìbhrigeadh taghadh nas farsainge de chùrsaichean aig ìre na h-àrd-sgoile agus ann an àiteachan-obrach.

Às dèidh taing a thoirt do Mhgr MacCoinnich, THUG a’ Bhuidheann FA-NEAR dhan taisbeanadh.

6. Plana Gàidhlig 2012-16, Cuspair 5 – “Na nì sinn airson na Gàidhlig ann an Leasachadh Eaconamach" agus Cuspair 4 “A’ Ghàidhlig san Àite-obrach” – Aithisg Bhuileachaidh          

Foillseachadh Com-pàirt: Dh’fhoillsich Mgr S Farlow com-pàirt neo-ionmhasail anns a’ chuspair seo seach gun robh ball teaghlaich dlùth a’ gabhail com-pàirt ann an deasbad sna h-Eileanan Siar, ach air dha an deuchainn a tha mìnichte ann am Paragrafan 5.2 agus 5.3 de Chòd Giùlain nan Comhairlichean a chur an sàs, cho-dhùin e nach robh seo a’ cur bacadh air bho bhith a’ gabhail pàirt anns an deasbad.

Chuairticheadh Aithisg Àir. GIG/16/16 le ceann-latha 31 Dàmhair 2016 le Stiùiriche a’ Chùraim agus an Ionnsachaidh, a’ toirt cunntas às ùr mu bhuileachadh Plana Gàidhlig 2012-16, Cuspair 5 “Na nì sinn airson na Gàidhlig ann an Leasachadh Eaconamach” agus Cuspair 4 “A’ Ghàidhlig san Àite-obrach”.

Sa bheachdachadh, chaidh na puingean a leanas a thogail:-

  • às leth na Buidhne, thug an Cathraiche taing do Sgioba na Gàidhlig airson an cuid obrach air an dà Chuspair seo. Bhiodh a’ Chomhairle a dh’aithghearr a’ coimhead ris an treas Plana Gàidhlig aice agus bha e cudromach gun deidheadh togail air an obair chudromach a chaidh a dhèanamh gu ruige seo;
  • chaidh togail gun robh an Sgioba Ghàidhlig air a fo-ghoireasachadh agus gun robh seo a’ cur bacadh air barrachd aithisgean a bhith aig a’ Bhuidhinn airson beachdachadh orra;
  • bha dleastanas aig Buidheann Buileachaidh na Gàidhlig airson tè de na clachan-oisne as motha ann am Prògram na Comhairle agus bha e cudromach gun deidheadh seo aithneachadh ann an Ath-dhealbhadh na Comhairle. A thaobh seo, a’ gluasad air adhart, chaidh moladh gum beachdaicheadh Buill air iùl ro-innleachdach airson na Gàidhlig;
  • dh’fheumadh na buannachdan an lùib na Gàidhlig a bhith air an soilleireachadh, gu h-àraid a thaobh dà-chànanais. Chaidh cur an cuimhne nam Ball gun deach taisbeanadh a dhèanamh roimhe do Bhuidheann Buileachaidh na Gàidhlig leis an Àrd-Ollamh Antonella Sorace bho Oilthigh Dhùn Èideann far an deach cuideam a chur air buannachdan dà-chànanais;
  • chaidh ceist a thogail mu carson nach robh Seaghan Gàidhlig sam bith, a rèir coltais, co-cheangailte ris na h-aithisgean. Cuideachd, chaidh togail gum faodadh Seaghan Dùthchail a bhith ann nan coileanadh a’ Chomhairle a bhith a’ toirt a-steach Gàidhlig do dh’àiteachan-obrach ann an Cataibh;
  • chaidh ceist a thogail a thaobh gun deach cion ceangail le co-aoisean a thoirt seachad mar adhbhar gus sgoiltean beaga ann an Cataibh a dhùnadh. A rèir coltais, bha sgaradh eadar amasan Seirbheis an Fhoghlaim agus a’ Ghàidhlig agus bha còir aig Buidheann Buileachaidh na Gàidhlig aghaidh a chur ris a seo. A thaobh seo, chaidh aire a tharraing gu cion foghlaim Gàidhlig ann na Cataibh; agus
  • chaidh fiosrachadh iarraidh mu ciamar a dh’fhaodadh an t-airgead, a bha air im-dhìon le Riaghaltas na h-Alba airson na Gàidhlig, a bhith air a chleachdadh. Bha e riatanach gun robhar a’ dèanamh feum cho mòr ’s a b’ urrainnear den airgead agus gun deidheadh a chleachdadh gus buidhnean Gàidhlig leithid Stòrlann a leasachadh ann a bhith a’ coileanadh an cuid amasan. A thaobh seo, ma dh’fhaodte gum feumadh Ministear Caibineit a bhith an làthair aig coinneamh de Bhuidheann Buileachaidh na Gàidhlig san àm ri teachd.

Às dèidh sin:-

i. THUG a’ Bhuidheann FA-NEAR do bhuileachadh Cuspairean an Leasachaidh Eaconamaich agus an Àite-obrach ann am Plana na Gàidhlig;
ii. DH’AONTAICH a’ Bhuidheann gun deidheadh Dreuchdan agus Cothroman Obrach Gàidhlig a mhargaideachd le Leasachadh Sgilean na h-Alba agus Bòrd na Gàidhlig;
iii. DH’AONTAICH a’ Bhuidheann gun deidheadh coinneamh ro-innleachd a chumail tràth ann an 2017 gus beachdachadh air mar a dh’fhaodadh a’ Ghàidhlig a bhith air a dìon fhad ’s a tha a’ Chomhairle a’ gluasad air adhart.

7. Mòd Nàiseanta Rìoghail 2016 agus Mòdan san Àm ri Teachd ann an Sgìre na Gàidhealtachd

Foillseachadh Com-pàirt: Dh’fhoillsich Mgr S Farlow com-pàirt neo-ionmhasail anns a’ chuspair seo seach gun robh ball teaghlaich dlùth ann an Còisir a’ Chinn an Iar-Thuath, ach air dha an deuchainn a tha mìnichte ann am Paragrafan 5.2 agus 5.3 de Chòd Giùlain nan Comhairlichean a chur an sàs, cho-dhùin e nach robh seo a’ cur bacadh air bho bhith a’ gabhail pàirt anns an deasbad.

Chuairticheadh Aithisg Àir. GIG/17/16 le ceann-latha 31 Dàmhair 2016 le Stiùiriche a’ Chùraim agus an Ionnsachaidh, a’ toirt fiosrachadh do Bhuill mu leasachaidhean a’ buntainn ri (a) am Mòd Nàiseanta Rìoghail a ghabh àite sna h-Eileanan Siar bho 14-22 Dàmhair 2016; (b) Mòd Loch Abar 2017; agus (c) Mòd Inbhir Nis 2020.

A’ cur fàilte air an aithisg, mheal an Cathraiche naidheachd luchd-eagrachaidh a’ Mhòid Nàiseanta Rìoghail sna h-Eileanan Siar agus, a’ coimhead air adhart, bhrosnaich e Buill gus taic a thoirt do Mhòd Loch Abar 2017 gus dèanamh cinnteach gun robh e soirbheachail cuideachd. Bha buannachdan eaconamach susbainteach a’ Mhòid air an deagh aithneachadh agus bha iad cuideachd a’ toirt cothrom do sgìrean a bhith air am margaidheachd ann an dòigh mhath air feadh an t-saoghail.

A’ togail air soirbheachas nan còisirean beaga ionadail aig a’ Mhòd mu dheireadh, chaidh foighneachd co-dhiù a bha Mòdan ‘aotrom’ sam bith ann a bhiodh nan toiseach tòiseachaidh gus còisirean beaga a bhrosnachadh gus com-pàirt a ghabhail. A thaobh seo, mhol Buill eile gun robh na Mòdan ionadail is roinneil a’ tabhann a’ chothruim seo, agus thugadh seachad Mòd Ullapuil mar eisimpleir sònraichte.

Às dèidh sin:-

i. THUG a’ Bhuidheann FA-NEAR dhan chunntas às ùr a thaobh Mòd nan Eilean Siar;
ii. DH’AONTAICH a’ Bhuidheann gun deidheadh Buidheann Ceangail a’ Mhòid a chur air dòigh ro Mhòd Loch Abar agus gun deidheadh taic a thoirt do Chomataidh Eagrachaidh Ionadail Inbhir Nis mar a bha sin a dhìth; agus 
iii. DH’AONTAICH a’ Bhuidheann ceangal dlùth a chumail suas leis a’ Chomunn Ghàidhealach an dà chuid gu h-ionadail is gu nàiseanta.

Chrìochnaich a’ choinneamh aig 12.20f.