Agendas, reports and minutes

Comataidh na Gàidhlig

Date: Tuesday, 18 May 2021

Agenda: Read the Agenda

Cumar coinneamh Comataidh na Gàidhlig AIR-LOIDHNE air Dimàirt 18 Cèitean 2021 aig 10.30m.

Brath Craoladh-lìn: Thèid a’ choinneamh seo a chlàradh is a chraoladh thar an Eadar-lìn air làrach-lìn Chomhairle na Gàidhealtachd. Thèid an clàradh a thasgadh agus chithear e airson 12 mìos às dèidh sin.  

Tha cuireadh agaibh chun na coinneimh agus tha clàr de na gnothaichean air an tèid beachdachadh an cois seo.

Leis gach deagh dhùrachd,

Stiùbhart Friseal
Ceannard Riaghlachais Chorporra

1. Leisgeulan

2. Foillseachaidhean Com-pàirt

Thathar ag iarraidh air Buill beachdachadh a bheil com-pàirt aca a bu chòir dhaibh fhoillseachadh co-cheangailte ri gnothach sam bith air clàr na coinneimh seo. Bu chòir do Bhuill a dhèanamh soilleir an e com-pàirt ionmhasail no neo-ionmhasail a tha seo agus beagan innse mu nàdar na com-pàirt. Gheibhear comhairle a thaobh seo bho Oifigearan mus tòisich a’ choinneamh.

3. Mòd Nàiseanta Rìoghail 2021

Tha Aithisg Àir. G/4/21 le ceann-latha 26 Giblean 2021 ga cuairteachadh leis an Àrd-Oifigear Ghnìomhach – Coileanadh agus Riaghlachas.

Bidh Mgr Seumas Greumach, Àrd-Oifigear a’ Chomuinn Ghàidhealaich agus Mgr Ailean Caimbeul, Ceann-suidhe a’ Chomuinn Ghàidhealaich an làthair aig a’ choinneimh agus freagraidh iad ceistean nam Ball mun Mhòd Nàiseanta Rìoghail a bhathar an dùil a chumail ann an Inbhir Nis san Dàmhair 2020 agus a thathar an dùil a chumail ann an Inbhir Nis san Dàmhair 2021.

Thathar ag iarraidh air a’ Chomataidh:-

  1. toirt fa-near do dhreachd thùsail tachartasan Mòd Nàiseanta Rìoghail 2021 ann an Eàrr-ràdh 1 dhen aithisg; agus
  2. aontachadh taic a chur ri iarrtas gu Comataidh nan Goireasan Corporra air 26 Cèitean 2021, airson suas ri £80,000 a chur ris a’ bhuidseat ann am meadhan na bliadhna, airson am Mòd a ghleidheadh sa Ghàidhealtachd airson bliadhna eile.

4. Adhartas Mu Choinneamh Plana na Gàidhlig 3

Tha Aithisg Àir. G/5/21 le ceann-latha 26 Giblean 2021 ga cuairteachadh leis an Àrd-Oifigear Ghnìomhach – Coileanadh agus Riaghlachas.

Thathar ag iarraidh air a’ Chomataidh:-

  1. beachdachadh air an adhartas a rinneadh ann a bhith a’ sgrùdadh is a’ buileachadh Plana na Gàidhlig 3 air stèidh ràitheil, a’ cleachdadh Siostam Coileanaidh is Rianachd Cunnairt (PRMS) a tha na shiostam rianachd airson coileanadh corporra aig a’ Chomhairle airson taic a chur ri lìbhrigeadh Plana na Gàidhlig 3; agus
  2. toirt fa-near dhan adhartas is dha na dùbhlain ann a bhith a’ buileachadh cuid de na gnìomhan comasachaidh anns a’ Phlana. Bha dùbhlain gu ìre mhòir air sàillibh galar Covid-19, agus tha seo air buaidh a thoirt air cuid dhen bhuileachadh is air cuid de na cinn-latha crìochnachaidh ris an robh dùil.

5. Eadar-theangachadh Gàidhlig

Tha Aithisg Àir. G/6/21 le ceann-latha 27 Giblean 2021 ga cuairteachadh leis an Àrd-Oifigear Ghnìomhach – Coileanadh agus Riaghlachas.

Thathar ag iarraidh air a’ Chomataidh:-

  1. beachdachadh air an aithisg agus toirt fa-near dhan obair a chaidh a dhèanamh a thaobh eadar-theangachadh Gàidhlig; agus
  2. toirt fa-near dha na leasachaidhean a tha a’ gabhail àite an-dràsta agus dhan fheadhainn a tha san amharc.

6. Aithisg Tabhartas Sònraichte Gàidhlig Riaghaltas na h-Alba

Tha Aithisg Àir. G/7/21 le ceann-latha 27 Giblean 2021 ga cuairteachadh leis an Àrd-Oifigear Ghnìomhach – Coileanadh agus Riaghlachas.

Thathar ag iarraidh air a’ Chomataidh:-

  1. beachdachadh air na trì pròiseactan a tha air am mìneachadh ann an Tabhartas Sònraichte na Gàidhlig;  
  2. toirt fa-near dhan tagradh agus dhan ghealladh do bhith a’ lìbhrigeadh chumhaichean an tabhartais; agus
  3. toirt fa-near do dhealas Sgioba na Gàidhlig a thaobh a bhith a’ lìbhrigeadh nan toraidhean agus a’ cur air adhart nan toraidhean ann an tagradh an tabhartais.

7. Co-chomhairle Reachdail air Molaidhean do Sgìrean-sgoile airson Foghlam tron Ghàidhlig

(a) Bun-Sgoil Àth Tharracail

Tha Aithisg Àir. G/8/21 le ceann-latha 23 Giblean 2021 ga cuairteachadh leis an Àrd-Oifigear Ghnìomhach – Foghlam agus Ionnsachadh.

Thathar ag iarraidh air a’ Chomataidh deasbad mun mholadh agus toirt fa-near gun tèid comhairle a thoirt do Chomataidh an Fhoghlaim mu bheachdan Buill Chomataidh na Gàidhlig, mus dèan i a co-dhùnadh.

(b) Bun-Sgoil Bhaile Ùr an t-Slèibh

Tha Aithisg Àir. G/9/21 le ceann-latha 27 Giblean 2021 ga cuairteachadh leis an Àrd-Oifigear Ghnìomhach – Foghlam agus Ionnsachadh.

Thathar ag iarraidh air a’ Chomataidh deasbad mun mholadh agus toirt fa-near gun tèid comhairle a thoirt do Chomataidh an Fhoghlaim mu bheachdan Buill Chomataidh na Gàidhlig, mus dèan i a co-dhùnadh.

8. Sruth Maoineachaidh GLAIF BnaG: Dreachd Phrògram Phròiseactan

Tha Aithisg Àir. G/10/21 le ceann-latha 27 Giblean 2021 ga cuairteachadh leis an Àrd-Oifigear Ghnìomhach – Coileanadh agus Riaghlachas.

Thathar ag iarraidh air a’ Chomataidh deasbaireachd mu na h-iarrtasan a tha Sgioba Gàidhlig Chomhairle na Gàidhealtachd a’ stiùireadh agus na h-iarrtasan anns a bheil an Sgioba a’ gabhail com-pàirt, agus toirt fa-near dhaibh is aithne a thoirt dhaibh. Chaidh na h-iarrtasan a chur a-steach gu BnaG ron cheann-latha dùnaidh dhen 22 Giblean 2021.

9. Lèirsinn agus Ro-innleachd Ghàidhlig airson Comhairle na Gàidhealtachd

Tha Aithisg Àir. G/11/21 le ceann-latha 6 Cèitean 2021 ga cuairteachadh leis an Àrd-Oifigear Ghnìomhach – Coileanadh agus Riaghlachas.

Thathar ag iarraidh air a’ Chomataidh:-

  1. beachdachadh air an dòigh-obrach airson a bhith a’ leasachadh Lèirsinn agus Ro-innleachd Ghàidhlig na Comhairle; agus
  2. beachdan a thoirt seachad air nithean sam bith a bu chòir a bhith air an gabhail a-steach dhan ath-sgrùdadh.