Agendas, reports and minutes

Comataidh na Gàidhlig

Date: Thursday, 16 December 2021

Agenda: Read the Agenda

Cumar coinneamh Comataidh na Gàidhlig AIR-LOIDHNE air Diardaoin 16 Dùbhlachd 2021 aig 10.30m.

Brath Craoladh-lìn: Thèid a’ choinneamh seo a chlàradh is a chraoladh thar an Eadar-lìn air làrach-lìn Chomhairle na Gàidhealtachd. Thèid an clàradh a thasgadh agus chithear e airson 12 mìos às dèidh sin.  

Tha cuireadh agaibh chun na coinneimh agus tha clàr de na gnothaichean air an tèid beachdachadh an cois seo.

Leis gach deagh dhùrachd,

Stiùbhart Friseal
Ceannard Riaghlachais Chorporra

1. Leisgeulan

2. Foillseachaidhean Com-pàirt

Thathar ag iarraidh air Buill beachdachadh a bheil com-pàirt aca a bu chòir dhaibh fhoillseachadh co-cheangailte ri gnothach sam bith air clàr na coinneimh seo. Bu chòir do Bhuill a dhèanamh soilleir an e com-pàirt ionmhasail no neo-ionmhasail a tha seo agus beagan innse mu nàdar na com-pàirt. Gheibhear comhairle a thaobh seo bho Oifigearan mus tòisich a’ choinneamh.

3. Naidheachdan Matha

4.Co-chomann Cultar na Gàidhealtachd – Fèis Rois

Bidh a’ Bh-uas Fiona Dalgetty agus Mgr Artair Donald bho Fhèis Rois an làthair aig a’ choinneimh agus bheir iad seachad taisbeanadh mu Cho-chomann Cultar na Gàidhealtachd.

Thathar ag iarraidh air a’ Chomataidh toirt fa-near dhan taisbeanadh.

5. Mhòid Nàiseanta Rìoghail 2021

Tha Aithisg Àir. G/18/21 le ceann-latha 1 Dùbhlachd 2021 ga cuairteachadh leis an Àrd-Oifigear Ghnìomhach – Coileanadh agus Riaghlachas.

Thathar ag iarraidh air a’ Chomataidh:-

  1. toirt fa-near do làn-phrògram a’ Mhòid Nàiseanta Rìoghail airson 2021; agus
  2. aontachadh gun tèid aithisg mhionaideach a thoirt chun na h-ath choinneimh de Chomataidh na Gàidhlig agus gum bi seo a’ gabhail a-steach cunntas ionmhasail agus toraidhean is builean nan Aithisgean Co-chomhairleachaidh is Measaidh a thaobh nam Meadhanan.

6. Adhartas mu Choinneamh Plana na Gàidhlig 3

Tha Aithisg Àir. G/19/21 le ceann-latha 1 Dùbhlachd 2021 ga cuairteachadh leis an Àrd-Oifigear Ghnìomhach – Coileanadh agus Riaghlachas.

Thathar ag iarraidh air a’ Chomataidh:-

  1. beachdachadh air an adhartas a chaidh a dhèanamh ann a bhith a’ sgrùdadh is a’ buileachadh Plana na Gàidhlig 3 air stèidh ràitheil, le bhith a’ cleachdadh PRMS airson taic a thoirt do lìbhrigeadh PnG3; agus
  2. toirt fa-near dhan adhartas is dha na dùbhlain a tha an lùib a bhith a’ buileachadh cuid de ghnìomhan comasachaidh a’ Phlana.

7. Cunntas às Ùr air Foghlam Luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig agus Foghlam tron Ghàidhlig

Tha Aithisg Àir. G/20/21 le ceann-latha 1 Dùbhlachd 2021 ga cuairteachadh leis an Àrd-Oifigear Ghnìomhach – Coileanadh agus Riaghlachas.

Thathar ag iarraidh air a’ Chomataidh:-

  1. beachdachadh air an aithisg agus toirt fa-near dhan àrdachadh ann an àireamhan nan sgoilearan thar solar Foghlam tron Ghàidhlig agus Foghlam Gàidhlig anns a’ Ghàidhealtachd; agus
  2. toirt fa-near do na raointean leasachaidh làithreach is teachdail ann am Foghlam, a’ gabhail a-steach an adhartais ann am pròiseas Co-chomhairle Sgìrean-sgoile FtG.

8. Aithisg Tabhartas Sònraichte na Gàidhlig

Tha Aithisg Àir. G/21/21 le ceann-latha 1 Dùbhlachd 2021 ga cuairteachadh leis an Àrd-Oifigear Ghnìomhach – Coileanadh agus Riaghlachas.

Thathar ag iarraidh air a’ Chomataidh:-

  1. beachdachadh air na trì pròiseactan a tha air am mìneachadh ann an iarrtas Tabhartas Sònraichte na Gàidhlig;
  2. toirt fa-near dhan phrògram obrach mòr-mhiannach ris am bi an tabhartas a’ cur taic agus gura dòcha gum feum seo atharrachadh mura faighear an t-sùim iomlan; agus
  3. toirt fa-near gu bheil Riaghaltas na h-Alba fhathast a’ beachdachadh air an iarrtas agus gu bheil dùil ri co-dhùnadh tràth sa Bhliadhn’ Ùir.

9. Tasgadh Calpa agus Ion-dhèantachd 3–18

Tha Aithisg Àir. G/22/21 le ceann-latha 6 Dùbhlachd 2021 ga cuairteachadh leis an Àrd-Oifigear Ghnìomhach – Coileanadh agus Riaghlachas.

Thathar ag iarraidh air a’ Chomataidh:-

  1. toirt fa-near do thasgadh calpa na Comhairle ann am FtG;
  2. toirt fa-near do, agus fàilte a chur air, an tasgadh o chionn ghoirid bho Riaghaltas na h-Alba; agus
  3. toirt fa-near do, agus beachdachadh air, na dreachd chumhaichean iomraidh airson sgrùdadh ion-dhèantachd a dhèanamh airson solar Foghlam tron Ghàidhlig 3-18 a leudachadh ann an Inbhir Nis.