Agendas, reports and minutes

Comataidh na Gàidhlig

Date: Wednesday, 2 November 2022

Agenda: Read the Agenda

Cumar coinneamh Comataidh na Gàidhlig ann an Seòmar na Comhairle, Prìomh Oifis Chomhairle na Gàidhealtachd, Rathad Ghlinn Urchadain, Inbhir Nis air Diciadain, 
2 Samhain 2022
aig 10.30m. 

Brath Craoladh-lìn: Thèid a’ choinneamh seo a chlàradh is a chraoladh thar an Eadar-lìn air làrach-lìn Chomhairle na Gàidhealtachd. Thèid an clàradh a thasgadh agus chithear e airson 12 mìos às dèidh sin.   

Tha cuireadh agaibh chun na coinneimh agus tha clàr de na gnothaichean air an tèid beachdachadh an cois seo. 

Leis gach deagh dhùrachd,

Stiùbhart Friseal
Ceannard Riaghlachais Chorporra


1. Leisgeulan

2. Foillseachaidhean Com-pàirt

Thathar ag iarraidh air Buill beachdachadh a bheil com-pàirt aca a bu chòir dhaibh fhoillseachadh co-cheangailte ri gnothach sam bith air clàr na coinneimh seo. Bu chòir do Bhuill a dhèanamh soilleir an e com-pàirt ionmhasail no neo-ionmhasail a tha seo agus beagan innse mu nàdar na com-pàirt. Gheibhear comhairle a thaobh seo bho Oifigearan mus tòisich a’ choinneamh. 

3. Naidheachdan Matha                                            

4. Taisbeanadh – Bòrd na Gàidhlig – Planadh Cànain Gàidhlig airson Ùghdarrasan Ionadail 

Bheir Mgr Jim Whannel, Stiùiriche Foghlaim aig Bòrd na Gàidhlig, seachad taisbeanadh mu Phlanadh Cànain Gàidhlig. 

Thathar ag iarraidh air a’ Chomataidh toirt fa-near dhan taisbeanadh.

5. Coileanadh mu Choinneamh Plana na Gàidhlig 3    
                    
Tha Aithisg Àir. G/10/22 le ceann-latha 28 Sultain 2022 ga cuairteachadh leis an Àrd-Oifigear Ghnìomhach, Coileanadh agus Riaghlachas.

Thathar ag iarraidh air a’ Chomataidh beachdachadh air an aithisg agus toirt fa-near dhan aithisg.

6. Prìomh Leasachaidhean Ionnsachadh is Leasachadh Coimhearsnachd                            
 
Tha Aithisg Àir. G/11/22 le ceann-latha 18 Dàmhair 2022 ga cuairteachadh leis an Àrd-Oifigear Ghnìomhach, Coileanadh agus Riaghlachas.

Thathar ag iarraidh air a’ Chomataidh toirt fa-near dhan aithisg.

7. Leasachadh na Gàidhlig                        
 
Tha Aithisg Àir. G/12/22 le ceann-latha 24 Dàmhair 2022 ga cuairteachadh leis an Àrd-Oifigear Ghnìomhach, Coileanadh agus Riaghlachas.

Thathar ag iarraidh air a’ Chomataidh:-

i.   beachdachadh air agus toirt fa-near dhan Tilleadh Bhliadhnail do Bhòrd na Gàidhlig;
ii.  beachdachadh air agus toirt fa-near do Phrìomhachasan Ro-innleachdail Bhòrd na Gàidhlig a dh’fheumas a bhith air an toirt an lùib Plana Gàidhlig ùraichte Chomhairle na Gàidhealtachd; agus
iii. beachdachadh air co-dhiù a bu chòir bùth-obrach a chur air dòigh airson meòrachadh air an dreachd fhreagairt dhan Cho-chomhairleachadh air Geallaidhean Riaghaltas na h-Alba do Ghàidhlig agus Albais agus Bile nan Cànan Albannach.

8. Foghlam tron Ghàidhlig agus Foghlam Luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig – Comhairle na Gàidhealtachd                         
 
Tha Aithisg Àir. G/13/22 le ceann-latha 18 Dàmhair 2022 ga cuairteachadh leis an Àrd-Oifigear Ghnìomhach, Coileanadh agus Riaghlachas.

Thathar ag iarraidh air a’ Chomataidh:-

i.   beachdachadh air an aithisg agus toirt fa-near do sholar Foghlam tron Ghàidhlig agus Foghlam Gàidhlig thar na Gàidhealtachd;
ii.  toirt fa-near do na raointean leasachaidh làithreach is teachdail; agus
iii. beachdachadh air na gnìomhan eile a ghabhas dèanamh gus taic a chur ri leasachadh Foghlam Gàidhlig.