Agendas, reports and minutes

Comataidh na Gàidhlig

Date: Thursday, 28 March 2024

Agenda: Leugh an Clàr-gnothaich

Cumar coinneamh Comataidh na Gàidhlig ann an Seòmar na Comhairle, Prìomh Oifis Chomhairle na Gàidhealtachd, Rathad Ghlinn Urchadain, Inbhir Nis air Diardaoin28 Màrt 2024 aig 10.30m

Brath Craoladh-lìn: Thèid a’ choinneamh seo a chlàradh is a chraoladh thar an eadar-lìn air làrach-lìn Chomhairle na Gàidhealtachd. Thèid an clàradh a thasgadh agus chithear e airson 12 mìos às dèidh sin.   

Tha cuireadh agaibh chun na coinneimh agus tha clàr de na gnothaichean air an tèid beachdachadh an cois seo. 

Leis gach deagh dhùrachd,

Stiùbhart Friseal
Ceannard Laghail agus Riaghlachais 

Gnothach

1. Gairm a’ Chlàir agus Leisgeulan

2. Foillseachaidhean Com-pàirt/Aithris Fhollaiseachd

Thathar ag iarraidh air Buill beachdachadh a bheil com-pàirt aca a bu chòir dhaibh fhoillseachadh co-cheangailte ri gnothach sam bith air clàr na coinneimh seo. Bu chòir do Bhuill a dhèanamh soilleir an e com-pàirt ionmhasail no neo-ionmhasail a tha seo agus beagan innse mu nàdar na com-pàirt. Gheibhear comhairle a thaobh seo bho oifigearan mus tòisich a’ choinneamh.

3. Taisbeanadh – Hands Up for Trad, Duaisean Ceòl Traidiseanta na h-Alba  

Bheir Mgr Simon Thoumire, Stiùiriche Cruthachail Hands up for Trad, seachad taisbeanadh dhan Chomataidh mu Dhuaisean Ceòl Traidiseanta na h-Alba.

Thathar ag iarraidh air a’ Chomataidh toirt fa-near dhan taisbeanadh.

4. Coileanadh Mu Choinneimh Plana na Gàidhlig

Tha Aithisg Àir. G/01/24 ga cuairteachadh leis an Àrd-Oifigear Ghnìomhach Eadar-amail airson Coileanadh agus Riaghlachas.

Thathar ag iarraidh air a’ Chomataidh beachdachadh air an aithisg agus toirt fa-near dhan aithisg.

5. Fèis Bhlas, Fèisean nan Gàidheal

Tha Aithisg Àir. G/02/24 ga cuairteachadh leis an Àrd-Oifigear Ghnìomhach Eadar-amail airson Coileanadh agus Riaghlachas.

Thathar ag iarraidh air a’ Chomataidh toirt fa-near do shoirbheachas Fèis Bhlas 2023.

6. Cunntas às Ùr mu Fhoghlam Gàidhlig

Tha Aithisg Àir. G/03/24 ga cuairteachadh leis an Àrd-Oifigear Ghnìomhach Eadar-amail airson Coileanadh agus Riaghlachas.

Thathar ag iarraidh air a’ Chomataidh:

i. beachdachadh air na prìomh theachdaireachdan bho Sgrùdadh So-dhèantachd Foghlam tron Ghàidhlig (FtG) 3–18 airson Inbhir Nis;
ii. toirt fa-near dhan àrdachadh ann an àireamhan sgoilearan Gàidhlig air feadh na Gàidhealtachd; agus
iii. toirt fa-near do na h-ath cheumannan mar a tha air an toirt seachad ann am paragraf 4.7.

7. Plana na Gàidhlig – Measadh Bhòrd na Gàidhlig 

Tha Aithisg Àir. G/04/24 ga cuairteachadh leis an Àrd-Oifigear Ghnìomhach Eadar-amail airson Coileanadh agus Riaghlachas.

Thathar ag iarraidh air a’ Chomataidh:

i. aonta a thoirt dhan cho-dhùnadh a ghabh an t-Àrd-Oifigear agus an t-Àrd-Oifigear  Gnìomhach Eadar-amail airson Coileanadh agus Riaghlachas, ann an co-chomhairle le Cathraiche agus Iar-Chathraiche Chomataidh na Gàidhlig, gabhail ris na h-atharrachaidhean dhan Phlana Ghàidhlig a bha air am moladh le Bòrd na Gàidhlig taobh a-staigh an raoin-ama riatanaich; agus
ii. aontachadh gun tèid am Plana Gàidhlig ùraichte a chur a-steach, gun a bhith nas anmoiche na an ceann-latha dhen 9 Giblean 2024.