Agenda
Leugh an clàr-gnothaich
Cumar coinneamh Comataidh na Gàidhlig ann an Seòmar na Comhairle, Prìomh Oifis Chomhairle na Gàidhealtachd, Rathad Ghlinn Urchadain, Inbhir Nis air Diciadain,
25 Gearran 2026 aig 2f.
Brath Craoladh-lìn: Thèid a’ choinneamh seo a chlàradh is a chraoladh thar an eadar-lìn air làrach-lìn Chomhairle na Gàidhealtachd. Thèid an clàradh a thasgadh agus chithear e airson 12 mìos às dèidh sin.
Tha cuireadh agaibh chun na coinneimh agus tha clàr de na gnothaichean air an tèid beachdachadh an cois seo.
Leis gach deagh dhùrachd,
Stiùbhart Friseal
Àrd-Oifigear – Riaghlachas Laghail agus Corporra
Gnothach
1. Gairm a’ Chlàir agus Leisgeulan
2. Foillseachaidhean Com-pàirt/Aithris Fhollaiseachd
Thathar ag iarraidh air Buill beachdachadh a bheil com-pàirt aca a bu chòir dhaibh fhoillseachadh co-cheangailte ri gnothach sam bith air clàr na coinneimh seo. Bu chòir do Bhuill fiosrachadh a thoirt seachad mu nàdar na com-pàirt agus a’ choinneamh fhàgail aig an àm fhreagarrach. Gheibhear comhairle a thaobh seo bho oifigearan mus tòisich a’ choinneamh.
3. Naidheachdan Matha
Thathar ag iarraidh air a’ Chomataidh toirt fa-near dha na naidheachdan matha a chaidh a thaisbeanadh.
4. Tachartasan agus Buaidh Eaconamach, Cànanach is Cultarach Blas 2025
Tha Aithisg Àir. G/1/26 ga cuairteachadh leis an Iar-Àrd-Oifigear – Daoine agus bidh taisbeanadh ann bho Mhgr Calum Ailig Mac a’ Mhaoilein, Àrd-Oifigear, Fèisean nan Gàidheal.
Thathar ag iarraidh air a’ Chomataidh:-
i. aontachadh gun tèid maoineachadh bliadhnail a leantainn air adhart airson Fèis Bhlas, a’ toirt fa-near gu bheil riarachaidhean uile san àm ri teachd fhathast fo ùmhlachd ath-sgrùdadh buidseat bliadhnail na Comhairle agus cuingealachaidhean maoineachaidh on taobh a-muigh;
ii. toirt fa-near gu bheil comas na fèise maoineachadh on taobh a-muigh a ghleidheadh an crochadh air taic leantainneach gach bliadhna bho Chomhairle na Gàidhealtachd. Bhiodh lùghdachadh no tarraing air ais sam bith dhen mhaoineachadh seo a’ cur a’ phasgain mhaoineachaidh san fharsaingeachd ann an cunnart;
iii. aontachadh taic a chur ri obair air sealbh choimhearsnachd Blas leis an luchd-brosnachaidh ionadail agus ri bhith a’ co-roinn teachd a-steach gus com-pàirteachadh ionadail a neartachadh;
iv. aontachadh gun tèid brosnachadh a thoirt do FnanG rannsachadh a ghabhail os làimh leis an lìonra luchd-brosnachaidh aca gus dèanamh cinnteach gu bheil guth aig an luchd-brosnachaidh sa phrògramadh;
v. aontachadh leantainn air adhart a’ neartachadh nan dòighean tomhais airson buaidh eaconamach agus taisbeanairean a’ buntainn ri cànan na Gàidhlig a rèir bhuilean Plana na Gàidhlig;
vi. aontachadh leantainn air adhart a’ neartachadh nan ceanglaichean eadar Comhairle na Gàidhealtachd agus luchd-eagrachaidh Fèis Bhlas airson tachartas 2026;
vii. toirt fa-near dhan obair a thathar a’ gabhail os làimh le FnanG agus An Comunn Gàidhealach le taic bho Chomhairle na Gàidhealtachd agus Bòrd na Gàidhlig a thaobh Acadamaidh a’ Mhòid a chaidh a chumail ann an sgoiltean air feadh sgìre Loch Abar ro Mhòd Loch Abar (Eàrr-ràdh 1); agus
viii. aontachadh gu bheil iomairt Acadamaidh a’ Mhòid na pàirt de phròiseact dìleib Mòd Loch Abar 2025.
5. Buannachdan Eaconamach, Cànanach is Cultarach Mòd Nàiseanta Rìoghail Loch Abar 2025
Tha Aithisg Àir. G/2/26 ga cuairteachadh leis an Iar-Àrd-Oifigear – Daoine agus bidh taisbeanadh ann bho Mhgr James Adam, Stiùiriche, Tourism Resources Company, às leth a’ Chomuinn Ghàidhealaich.
Thathar ag iarraidh air a’ Chomataidh:-
i. beachdachadh is toirt fa-near dhan fhiosrachadh a tha san taisbeanadh agus san aithisg;
ii. toirt fa-near gum bi Mòd 2029 ga chumail ann an sgìre na Gàidhealtachd; agus
iii. aontachadh gun dèan oifigearan ceangal ri oifigearan a’ Chomuinn Ghàidhealaich gus Aonta Lìbhrigeadh Seirbheis ùraichte ullachadh.
6. Aithisg PRMS: Adhartas mu choinneimh Plana na Gàidhlig 2024–29
Tha Aithisg Àir. G/3/26 ga cuairteachadh leis an Iar-Àrd-Oifigear – Daoine.
Thathar ag iarraidh air a’ Chomataidh toirt fa-near dhan aithisg.
7. Fhoghlam Gàidhlig
Tha Aithisg Àir. G/4/26 ga cuairteachadh leis an Iar-Àrd-Oifigear – Daoine.
Thathar ag iarraidh air a’ Chomataidh:-
i. toirt fa-near dhan dealas a thaobh sruthan-obrach Ionnsachadh Proifeiseanta Fad-Dreuchd a tha sònraichte dhan Ghàidhlig, cuide ri obair chom-pàirteach còmhla ri Foghlam Alba, Bòrd na Gàidhlig, agus buidhnean nàiseanta eile gus slighean ionnsachaidh proifeiseanta a neartachadh, goireasan ionnsachaidh àrd-inbhe a leasachadh, agus obair a cho-thaobhadh ri prìomhachasan nàiseanta foghlaim na Gàidhlig;
ii. toirt fa-near dhan bhuaidh mhath a th’ air a bhith aig gnìomhan leasachaidh a chaidh a ghabhail os làimh ann an sgoiltean o chionn ghoirid a thaobh buileachadh is coileanadh agus a bha ag amas air sgrùdadh is measadh leantainneach a bhrosnachadh air iomairtean Gàidhlig ann an sgoiltean agus am buaidh is an èifeachdais; agus
iii. beachdachadh is toirt fa-near do dhuaisean Calpa Gàidhlig Riaghaltas na h-Alba agus na tha iad a’ cur ri bhith a’ leasachadh bhuilean curraicealaim Gàidhlig do sgoilearan.
8. Suirbhidh Sgilean Gàidhlig air an Taobh A-Staigh
Tha Aithisg Àir. G/5/26 ga cuairteachadh leis an Iar-Àrd-Oifigear – Daoine.
Thathar ag iarraidh air a’ Chomataidh:-
i. toirt fa-near do thoraidhean Suirbhidh Sgilean na Gàidhlig;
ii. aontachadh gun tèid am plana-gnìomha a thathar a’ moladh a chur an gnìomh gus feumalachdan trèanaidh a choinneachadh agus a’ Ghàidhlig a dhèanamh nas follaisiche san àite-obrach; agus
iii. aontachadh taic a thoirt do bhith a’ leasachadh chothroman ionnsachaidh subailte is ruigsinneach do luchd-obrach.