Agenda
Leugh an Clàr-gnothaich
Cumar coinneamh Comataidh na Gàidhlig ann an Seòmar na Comhairle, Prìomh Oifis Chomhairle na Gàidhealtachd, Rathad Ghlinn Urchadain, Inbhir Nis air Diciadain, 3 Ògmhios 2026 aig 2f.
Brath Craoladh-lìn: Thèid a’ choinneamh seo a chlàradh is a chraoladh thar an eadar-lìn air làrach-lìn Chomhairle na Gàidhealtachd. Thèid an clàradh a thasgadh agus chithear e airson 12 mìos às dèidh sin.
Tha cuireadh agaibh chun na coinneimh agus tha clàr de na gnothaichean air an tèid beachdachadh an cois seo.
Leis gach deagh dhùrachd,
Stiùbhart Friseal
Àrd-Oifigear – Riaghlachas Laghail agus Corporra
Gnothach
1. Gairm a’ Chlàir agus Leisgeulan
2. Foillseachaidhean Com-pàirt/Aithris Fhollaiseachd
Thathar ag iarraidh air Buill beachdachadh a bheil com-pàirt aca a bu chòir dhaibh fhoillseachadh co-cheangailte ri gnothach sam bith air clàr na coinneimh seo. Bu chòir do Bhuill fiosrachadh a thoirt seachad mu nàdar na com-pàirt agus a’ choinneamh fhàgail aig an àm fhreagarrach. Gheibhear comhairle a thaobh seo bho oifigearan mus tòisich a’ choinneamh.
3. Naidheachdan Matha
Thathar ag iarraidh air a’ Chomataidh toirt fa-near dha na naidheachdan matha a chaidh a thaisbeanadh
4. Pròiseact Slighean Meadhan Baile Inbhir Nis
Bidh taisbeanadh ann bho Lizbeth Collie, Oifigear Pròiseact (Siubhal Gnìomhach).
Thathar ag iarraidh air a’ Chomataidh toirt fa-near dhan taisbeanadh.
5. Pròiseact Luchd-ionnsachaidh Gàidhlig Fèis-sgoil na Sgìre a Tuath
Bidh taisbeanadh ann bhon Bh-uas Eilidh NicCoinnich, Manaidsear Fèisgoil, Fèisean nan Gàidheal agus bhon Bh-uas Dee NicDhonnchaidh, Prìomh Thidsear, Bun-Sgoil Thunga.
Thathar ag iarraidh air a’ Chomataidh toirt fa-near dhan taisbeanadh.
6. Siuthad! Tachartas Bliadhnail Dreuchdan Gàidhlig
Tha Aithisg Àir. G/6/26 ga cuairteachadh leis an Iar-Àrd-Oifigear – Daoine agus bidh taisbeanadh ann bho Mhgr Derek MacCoinnich, Leasachadh Sgilean na h-Alba.
Thathar ag iarraidh air a’ Chomataidh:
i. toirt fa-near do shusbaint na h-aithisge seo mu Shiuthad!;
ii. aontachadh leantainn air adhart a’ toirt taic do chom-pàirteachas sgoilearan àrd-sgoile ann an Siuthad!; agus
iii. aontachadh leantainn air adhart ag obair còmhla ri Leasachadh Sgilean na h-Alba gus Siuthad! a chur air dòigh.
7. Cunntas air Maoinean Urras an Fhoghlaim
Tha Aithisg Àir. G/7/26 ga cuairteachadh leis an Iar-Àrd-Oifigear – Daoine.
Thathar ag iarraidh air a’ Chomataidh:
i. toirt fa-near do na tha Maoinean Urras an Fhoghlaim a’ cur ri foghlam Gàidhlig is gnìomhachd Ghàidhlig;
ii. toirt fa-near dhan raon fharsaing de dh’urrasan is sgeamaichean bursaraidh Gàidhlig a th’ ann an dlùth chompanas; agus
iii. toirt fa-near dhan obair leantainneach gus dòighean-obrach maoineachaidh is co-roinn fiosrachaidh a cho-thaobhadh thar sruthan maoineachaidh a’ buntainn ris a’ Ghàidhlig.
8. Aithisg Adhartais Achd nan Cànan Albannach – Sgìrean Cànain Sònraichte
Tha Aithisg Àir. G/8/26 ga cuairteachadh leis an Iar-Àrd-Oifigear – Daoine
Thathar ag iarraidh air a’ Chomataidh:
i. toirt fa-near do dh’ullachaidhean Achd nan Cànan Albannach 2025 a thaobh Sgìrean Cànain Sònraichte;
ii. toirt fa-near gu bheil an Sgioba Stiùiridh Corporra air dòigh-obrach làn-ùghdarrais aontachadh a thaobh SCS;
iii. aontachadh gu bheil sònrachadh làn-ùghdarrais, le taic bho fhrèam-obrach a tha stèidhichte air àiteachan, a’ toirt seachad na dòigh as co-rèiriche agus as èifeachdaiche gus CSC a bhuileachadh sa Ghàidhealtachd;
iv. aontachadh gum molar dhan làn-Chomhairle gun tèid Sgeama Tiomnaidh Chomataidh na Gàidhlig atharrachadh gus dleastanas a shuidheachadh airson a bhith a’ stiùireadh phròiseasan sònrachaidh nan Sgìrean Cànain Sònraichte.
v. toirt fa-near gun tèid aithisgean a bharrachd a thoirt chun na Comataidh a thaobh cheumannan lìbhrigidh, riaghlachas is co-chomhairleachadh.
9. Aithisg Adhartais Plana na Gàidhlig
Tha Aithisg Àir. G/9/26 ga cuairteachadh leis an Iar-Àrd-Oifigear – Daoine
Thathar ag iarraidh air a’ Chomataidh:
i. toirt fa-near do shusbaint na h-aithisg adhartais PRMS seo;
ii. toirt fa-near do chur a-steach is do mheasadh fàbharach bileag-thuairisgeil sgrùdadh bliadhnail Bhòrd na Gàidhlig airson Cèitean 2024 gu Cèitean 2025; agus
iii. toirt fa-near do fhreagairt na Comhairle do cho-chomhairleachadh Cairt Rìoghail a’ BhBC, mar a chithear sna h-eàrr-ràdhan.
10. Cunntas air Foghlam Gàidhlig
Tha Aithisg Àir. G/10/26 ga cuairteachadh leis an Iar-Àrd-Oifigear – Daoine
Thathar ag iarraidh air a’ Chomataidh:
i. aontachadh fàilte a chur air leudachadh leantainneach Foghlaim Ghàidhlig san Sgìre a Tuath;
ii. aontachadh aithneachadh gu bheil àireamhan sgoilearan Gàidhlig a’ fàs thar nan roinnean; agus
iii. toirt fa-near do ghnìomhan Seachdain na Gàidhlig agus an dealas a th’ aig sgoiltean com-pàirt a ghabhail san iomairt bhliadhnail.