Agenda
Read the Agenda
Cumar coinneamh Comataidh na Gàidhlig ann an Seòmar na Comhairle, Prìomh Oifis Chomhairle na Gàidhealtachd, Rathad Ghlinn Urchadain, Inbhir Nis air Diciadain, 18 Samhain 2026 aig 2f.
Brath Craoladh-lìn: Thèid a’ choinneamh seo a chlàradh is a chraoladh thar an eadar-lìn air làrach-lìn Chomhairle na Gàidhealtachd. Thèid an clàradh a thasgadh agus chithear e airson 12 mìos às dèidh sin.
Tha cuireadh agaibh chun na coinneimh agus tha clàr de na gnothaichean air an tèid beachdachadh an cois seo.
Leis gach deagh dhùrachd,
Stiùbhart Friseal
Àrd-Oifigear – Riaghlachas Laghail agus Corporra
Gnothach
1. Gairm a’ Chlàir agus Leisgeulan
2. Foillseachaidhean Com-pàirt/Aithris Fhollaiseachd
Thathar ag iarraidh air Buill beachdachadh a bheil com-pàirt aca a bu chòir dhaibh fhoillseachadh co-cheangailte ri gnothach sam bith air clàr na coinneimh seo. Bu chòir do Bhuill fiosrachadh a thoirt seachad mu nàdar na com-pàirt agus a’ choinneamh fhàgail aig an àm fhreagarrach. Gheibhear comhairle a thaobh seo bho oifigearan mus tòisich a’ choinneamh.
3. Coileanaidhean Air Leth/Naidheachdan Matha
Thathar ag iarraidh air a’ Chomataidh toirt fa-near dha na naidheachdan matha a
chaidh a thaisbeanadh.
4. Fèis Rois: Inbhir Pheofharain 800 & Fèis Rois 40 bliadhna
Bidh taisbeanadh ann bho Fiona Dalgetty, Àrd-Oifigear Fèis Rois.
Thathar ag iarraidh air a’ Chomataidh toirt fa-near dhan taisbeanadh.
5. HLG – Tasglann na Gàidhealtachd agus Lìbhrigeadh Gàidhlig
Bidh taisbeanadh ann bho Lorna Steele-McGinn, Oifigear Com-pàirteachadh Coimhearsnachd, High Life na Gàidhealtachd.
Thathar ag iarraidh air a’ Chomataidh toirt fa-near dhan taisbeanadh.
6. Cunntas air Foghlam Gàidhlig
Tha Aithisg Àir. G/16/26 ga cuairteachadh leis an Iar-Àrd-Oifigear – Daoine agus bidh taisbeanadh ann bho Ruairidh MacAoidh, Oifigear Leasachaidh, Foghlam Àrd-sgoile.
Thathar ag iarraidh air a’ Chomataidh:
i. aontachadh gun tèid gabhail ris a’ mheudachadh leantainneach a thaobh buileachadh ann am Foghlam Gàidhlig air feadh na Gàidhealtachd;
ii. aontachadh gun tèid gabhail ris a’ mheudachadh a tha a’ tachairt a thaobh àireamh sgoiltean a tha a’ lìbhrigeadh Gàidhlig mar C2 no C3, a dh’ionnsaigh na targaide de 70% a chaidh a stèidheachadh le Bòrd na Gàidhlig; agus
iii. toirt fa-near dhan ath cheum dhen phròiseact Blasad, a tha a’ dol a lìbhrigeadh leasanan do bhun-sgoiltean ann an Sgìre a’ Mheadhain is san Sgìre a Deas, tron chom-pàirteachas a th’ againn le Fèisgoil.
7. Foghlam Bun-sgoile tron Ghàidhlig (FBtG) – Luirg
Tha Aithisg Àir. G/17/26 ga cuairteachadh leis an Iar-Àrd-Oifigear – Daoine.
Thathar ag iarraidh air a’ Chomataidh:
i. toirt fa-near do thoraidhean a’ mheasaidh airson FBtG agus dhan mholadh a dhol air adhart le FtG ann am Bun-Sgoil Luirg gus coinneachadh ris an iarrtas;
ii. toirt fa-near gum bi moladh airson a dhol air adhart a’ lìbhrigeadh mu choinneimh gealltanas Chomhairle na Gàidhealtachd gun toirear brosnachadh is fàs air Foghlam tron Ghàidhlig (FtG); agus
iii. toirt fa-near do na goireasan a tha a dhìth gus taic a chur ri bhith a’ cur FtG air bhonn ann am Bun-Sgoil Luirg.
8. Aithisg Adhartais Plana na Gàidhlig
Tha Aithisg Àir. G/18/26 ga cuairteachadh leis an Iar-Àrd-Oifigear – Daoine.
Thathar ag iarraidh air a’ Chomataidh:
i. toirt fa-near do shusbaint na h-aithisge adhartais PRMS seo; agus
ii. toirt fa-near dhan adhartas a thathar a’ dèanamh gus taic a chur ri bhith a’ buileachadh Achd nan Cànan Albannach 2025 agus an obair ullachaidh co-cheangailte.
9. Fèis nam Meadhanan Ceilteach
Tha Aithisg Àir. G/19/26 ga cuairteachadh leis an Iar-Àrd-Oifigear – Daoine.
Thathar ag iarraidh air a’ Chomataidh:
i. aonta a chur ris an tairgse gus Fèis nam Meadhanan Ceilteach a chumail ann an Inbhir Nis–A’ Ghàidhealtachd san Ògmhios 2028; agus
ii. toirt fa-near dhan obair a chaidh a ghabhail os làimh co-cheangailte ris an tairgse, am pròiseas iarrtais agus an clàr-ama.