Buannaichean a’ Soilleireachadh Dhuaisean FilmG

FilmG 2023
FilmG 2023

Issued by FilmG

Chomharraich FilmG, farpais nam filmichean goirid, an 15mh bliadhna aca le cuirm sgoinneil an t-seachdain a chaidh air Diardaoin 16 Gearran. 

Bhuannaich Parker Dawes à Àird nam Murchan trì duaisean an-uiridh, agus fhuair e Film as Fheàrr ann am Farpais na h-Òigridh airson Gàidhlig sa Chiste am-bliadhna.  

Fhuair Eilidh NicIain à Inbhir Nis, a choisinn trì duaisean roimhe cuideachd, am Film as Fheàrr san Fharpais Fhosgailte le Bochd, a chaidh a dhèanamh còmhla ri a bràmair agus a co-fhilmeadair Allan Crook. 

Chaidh cuspair FilmG na bliadhna-sa ‘Buidhe’ a mhìneachadh ann an diofar dhòighean le filmeadairean agus cha deach a dhìochuimhneachadh aig cuirm nan duaisean leis gu robh solais bhuidhe agus soidhnichean a’ deàrrsadh san togalach. 

B’ e seo a’ chiad turas bho 2020 a tha duaisean FilmG air ais san Old Fruitmarket ann an Glaschu, agus bha preasantair BBC ALBA, Fiona NicChoinnich agus preasantair Radio nan Gàidheal, Niall Iain Dòmhnallach, air an àrd-ùrlar gus an àireamh as àirde de dh’inntrigidhean a chomharrachadh. 

Thuirt Fiona NicChoinnich: “Tha e math a bhith air ais ann an Glaschu agus air mo chuairteachadh le tàlant òg a tha cho math. 

“Bha e coltach ri bhith a’ coimhead air muir buidhe bhon àrd-ùrlar, agus cho brèagha a bhith a’ faicinn aodainn cho toilichte a’ comharrachadh cruthachalachd agus seanchas na Gàidhlig.” 

Chaidh am film Bochd le Eilidh NicIain (22) agus Allan Crook ainmeachadh thairis air còig diofar roinnean, a’ cosnadh dà dhuais, airson am Film as Fheàrr agus Cluiche as Fheàrr bho Eilidh. 

Tha an dràma dorcha a’ toirt a-steach cuspair na bliadhna-sa agus tha e a’ leantainn boireannach òg air a bualadh sìos le tinneas dìomhair buidhe às dèidh blind date.  

Chruthaich Parker Dawes (15) à Àird nam Murchan am beòthachadh Gàidhlig sa Chiste mun ùpraid a dh’fhaodadh a bhith ann nan tionndaidheadh ​​a h-uile facal Beurla san t-saoghal gu Gàidhlig. 

Fhuair Parker, a tha a’ dèanamh chùrsaichean beothalachd le British Film Institute còmhla ri luchd-teagaisg bho Aardman Animations, an duais airson Film as Fheàrr (Òigridh) agus Sgriobt as Fheàrr, agus a’ togail ainmeachaidhean ann an dà roinn eile. 

Ann am Farpais na h-Òigridh, bha oidhche shoirbheachail aig seann bhuannaiche eile, a’ togail dhà de na duaisean fa leth as cliùitiche. 

Chruthaich Fionnlagh Moireasdan (14) bho Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu comadaidh Ò, Nuair a Bha Mise Òg! Sgrìobh is rinn e cleasachd san fhilm còmhla ri a bhràthair a b’ òige, Calum. 

Chruinnich Fionnlagh duaisean airson Cluiche as Fheàrr (Òigridh) agus Rionnag na Bliadhna, a’ cur ris a’ chruinneachadh de dhuaisean aige bho bhliadhnaichean roimhe. 

Thuirt Murchadh MacSuain, Manaidsear Pròiseact FilmG: “Tha a bhith a’ faicinn buannaichean mar Fionnlagh, Eilidh agus Parker a’ tilleadh gus barrachd a bhuannachadh na dhearbhadh air soirbheachas FilmG. 

“’S e leasachadh filmeadairean am prìomh adhbhar a tha FilmG ann agus tha na filmichean àrd-inbhe a tha rim faicinn aig na duaisean a’ sealltainn gu bheil cùisean a’ coimhead gealltanach do na meadhanan Gàidhlig airson an ama ri teachd.”  

Le còrr air 59,000 bhòt thairis air an dà fharpais, b’ e farpais chruaidh a bh’ ann an Duaisean Roghainn FilmG.  

B’ i Bun-sgoil an Ath Leathainn san Eilean Sgitheanach a thug dhachaigh an duais ann am Farpais na h-Òigridh le Misean a dh’Astràlia, a tha air am brosnachadh le MI5. 

Bhuannaich an neach-ealain Choirstaidh NicArtair (26) a tha stèidhichte ann an Glaschu an duais san fharpais Fhosgailte le Priob, a’ measgachadh a beothalachd agus a coileanadh fhèin le bhith a’ conaltradh ri a seanair nach maireann tro thonnan rèidio. 

Buannaichean Farpais Òigridh Eile  

Tha an t-Eilean Sgitheanach air tòrr de fhilmeadairean Gàidhlig a thoirt gu buil thar nam bliadhnaichean, agus cha robh a’ bhliadhna seo eadar-dhealaichte idir le Àrd-sgoil Phort Rìgh agus Bun-sgoil Stafainn a’ toirt duaisean dhachaigh, a’ cur ri Duais Roghainn FilmG airson Bun-sgoil an Ath Leathainn. 

Chuir Àrd-sgoil Phort Rìgh an spionnadh aca fhèin ris an sgeulachd air cùl an òrain Òganaich an Òr Fhuilt Bhuidhe ann an Eachdraidh Uabhasach agus sheall Bun-sgoil Stafainn cho furasta ’s a’ dh’fhaodadh e a bhith a’ dèanamh mearachd eadar Maligar san Eilean Sgitheanach agus Malaga san Spàinn anns an fhilm aca Teas aig Deas. 

Chaidh an Duais Ghàidhlig a thoirt do Acadamaidh Allt a’ Mhuilinn airson am film Dath Falaichte a chaidh a mholadh airson a bhith a’ cleachdadh a’ chànain le clas de luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig ann an dòigh sgiobalta agus ùr-ghnàthach. 

Agus bidh an duais Aithriseach as Fheàrr a’ tilleadh dha na Hearadh, le film aithriseach Sgoil Sir E Scott agus Comunn na Gàidhlig mu sgioba bhàta-teasairginn na sgìre air a thaghadh mar am fear as fheàrr leis a’ bhritheamh. 

Buannaichean Farpais Fhosgailte eile 

Thill Innes MacLeòid (35) à Eilean Leòdhais, a bhuannaich FilmG roimhe, airson Duais a’ Ghnìomhachais a thogail, agus e air a mholadh airson an obair camara aige air Gàidheil Ùra, an fhilm aithriseach aige a’ leantainn beatha luchd-ionnsachaidh fileanta na Gàidhlig. 

Fhuair Ciorstaidh NicBheathain (24) agus Caradh Turner (22) an duais airson an Stiùiriche as Fheàrr airson Na Caileagan Gàidhealach, air a bhrosnachadh leis na Kardashians. 

Tha Ciorstaidh agus Cara ag obair anns na meadhanan mar-thà, agus tha iad an dòchas gun urrainn don duais am putadh air adhart air na slighean dreuchdail aca fhèin. 

Às dèidh dha a bhith air ainmeachadh mar an TikToker Albannach as buadhaiche aig deireadh na bliadhna an-uiridh, lean Calum MacIllEathain (34) air adhart leis an t-sreath shoirbheachail aige a’ togail an Duais Cruthachaidh le Snàmh, le Wes Anderson; air a bhrosnachadh le stoidhle stiùiriche Grand Budapest. 

Chaidh an Duais Dùthchais a bhuannachadh le Buidheann Taic Aillse Fir Innse Gall agus sgoilearan bho Sgoil MhicNeacail. 

Thog Na Balaich cho cudromach ’s a’ tha a’ bhuidheann agus iad a’ comharrachadh 15 bliadhna a’ toirt fir còmhla gus innse mun eòlas aca air aillse. 

Bidh na balaich sgoile a’ toirt seachad leth den airgead duais £1000 aca do Bhuidheann Taic Aillse Fir Innse Gall agus an £500 eile a’ dol a dh’ionnsaigh oidhirpean dèanamh fhilmichean san àm ri teachd. 

Fhuair Somhairle MacIain (20) an duais airson Film Oileanach as Fheàrr airson am film aithriseach mu bheatha bhan Air an Rathad. 

Tha Somhairle na neach-cruthachaidh susbaint Gàidhlig a tha air na mìosan mu dheireadh den chùrsa TBh aige aig Sabhal Mòr Ostaig agus bha e na rionnag o chionn ghoirid air Take A Hike air BBC2. 

Thuirt Alison Bruce, Manaidsear Conaltradh Bhranndaichean aig MG ALBA: “B’ e FilmG 15 a’ bhliadhna a b’ fheàrr a bh’ againn a-riamh, le farpais cho soirbheachail agus cuirm dhuaisean air leth. 

“Tha an oidhirp mhòr agus an amas a nochd sgoiltean, buidhnean coimhearsnachd agus filmeadairean fa-leth gu cinnteach air a bhith soirbheachail.  Tha sinn a’ coimhead air adhart ri bhith a’ faicinn dè a tha romhpa.” 

Thèid prògram de phrìomh thachartasan a shealltainn air BBC ALBA agus BBC iPlayer air Dihaoine 24 Gearran aig 9f. 

Buannaichean Farpais Òigridh FilmG 

Duais Roghainn FilmG  

Misean a dh’Astràilia (Bun-sgoil an Ath Leathainn, An t-Eilean Sgitheanach)

Film Aithriseach as Fheàrr  

Bòtannan Buidhe (CnaG & Sgoil Sir E Scott, na Hearadh)

Rionnag na Bliadhna

Fionnlagh Moireasdan (Glaschu)

Coltas as Fheàrr

Eachdraidh Uabhasach: Òganaich an Òr Fhuilt Bhuidhe (Àrd-sgoil Phort Rìgh, An t-Eilean Sgitheanach)

An Duais Ghàidhlig

Dath Falaichte (Acadamaidh Allt a’ Mhuilinn, Inbhir Nis)

Buidheann Òg as Fheàrr

Teas aig Deas (Sgoil Stafainn, An t-Eilean Sgitheanach)

Cluiche as Fheàrr (Òigridh)

Fionnlagh Moireasdan – Ò, Nuair a Bha Mise Òg (Glaschu) 

Film as Fheàrr (Òigridh)

Gàidhlig sa Chiste (Parker Dawes, Àird nam Murchan)

Buannaichean Farpais Fhosgailte FilmG

Duais Roghainn FilmG (Fosgailte)

Priob (Choirstaidh NicArtair, Glaschu)

Film Dùthchais

Na Balaich (Buidheann Aillse Fir Innse Gall agus Àrd-sgoil MhicNeacail, Eilean Leòdhais)

Duais a’ Ghnìomhachais

Innes MacLeòid – Gàidheil Ùra (Eilean Leòdhais)

Duais Cruthachaidh

Snàmh, le Wes Anderson (Calum MacIlleathain, Obar Pheallaidh)

Stiùiriche as Fheàrr 

Ciorstaidh NicBheathain & Caradh Turner – Na Caileagan Gàidhealach (Glaschu)

Cluiche as Fheàrr (Fosgailte)

Eilidh NicIain – Bochd (Inbhir Nis)

Film as Fheàrr (Fosgailte)

Bochd (Eilidh NicIain & Allan Crook, Inbhir Nis)

Duaisean Eile

Sgriobt as Fheàrr

Gàidhlig sa Chiste (Parker Dawes, Àird nam Murchan)

Film Oileanach as Fheàrr

Air an Rathad (Somhairle MacIain, Glaschu)

Winners light up FilmG awards

FilmG, the Gaelic short film competition, celebrated its 15th year with a glitzy ceremony in Glasgow last week, on Thursday 16 February.  

Parker Dawes from Ardnamurchan, who won three awards last year, picked up Best Film in the Youth Competition for Gàidhlig sa Chiste.  

Eilidh Johnson from Inverness, also a three-time winner in previous years, scooped up Best Film in the Open Competition with Bochd (Sick), made with her partner and fellow filmmaker Allan Crook. 

This year’s FilmG theme ‘Buidhe’ (Yellow) was interpreted in a variety of ways by filmmakers, and it wasn’t to be forgotten at the awards ceremony as yellow lights and signs lit up the venue. 

It was the first time since 2020 that the FilmG awards were back at the Old Fruitmarket in Glasgow, and BBC ALBA presenter Fiona MacKenzie and Radio nan Gàidheal host Niall Iain MacDonald took to the stage to celebrate the wealth of talent and creativity shown in this year’s competition. 

Fiona Mackenzie commented: “It’s great to be back in Glasgow and surrounded by such bright young talent.  

“It was like looking onto a sea of yellow from the stage, and so lovely to see such delighted faces celebrating Gaelic creativity and storytelling.” 

Eilidh Johnson (22) and Allan Crook’s film Bochd (Sick) was nominated across five different categories, winning two awards, for Best Film and Best Performance (Open) by Eilidh. 

The sinister short drama managed to incorporate this year’s theme following a young woman struck down by a mysterious yellow illness after a blind date.  

Parker Dawes (15) from Ardnamurchan created the animation Gàidhlig sa Chiste about the chaos that could ensue if every English word in the world turned to Gaelic.

Parker, who has been taking animation courses with the British Film Institute alongside tutors from Aardman Animations, took home the prize for Best Film (Youth) and Best Script, while picking up nominations in a further two categories. 

Also in the Youth Competition, Finlay Morrison (14) from Glasgow Gaelic School had a successful evening, picking up two of the most prestigious individual awards.  

Finlay collected trophies for Best Performance (Youth) and the Rising Star Award for Ò, Nuair a Bha Mise Òg! (Oh, When I Was Young!) – a comedy he produced and acted in with his younger brother, Calum – adding to his collection of trophies from previous years. 

Murdo MacSween, FilmG Project Manager at Astar, who deliver the project, said: “Seeing winners like Finlay, Eilidh and Parker return to win even more awards is a testament to the success of FilmG.  

“The development of FilmG filmmakers is a key aspect of why the competition exists and the high-quality films on show at the awards demonstrate the promising future of Gaelic media.” 

With over 59,000 votes across both competitions, the FilmG Choice Awards were a hotly-fought contests.  

It was Broadford Primary School in the Isle of Skye who took home the prize in the Youth Competition with their MI5-inspired Misean a dh’ Astràlia (Mission to Australia). 

Glasgow-based artist Choirstaidh NicArtair (26) won the prize in the Open Competition with Priob, mixing her animation with her own performance of communicating with her late grandfather through radio waves. 

Other Youth Competition Winners

The Isle of Skye has been fertile ground for Gaelic filmmakers over the years, and this year was no exception with Portree High School and Staffin Primary School taking home prizes, adding to the FilmG Choice Award for Broadford Primary School. 

Portree High School put their own spin on the story behind the 19th century song Òganaich an Òr Fhuilt Bhuidhe in Eachdraidh Uabhasach whilst Staffin Primary School showed how easy it can be to mistake Maligar in Skye for Malaga in Spain in their film Teas aig Deas. 

The Gaelic Award was presented to Millburn Academy for their film Dath Falaichte (Hidden Colour) which was commended for its clever and innovative use of the language by the class of Gaelic learners. 

And the Best Documentary trophy will be returning to the Isle of Harris, with Sgoil Sir E Scott and Comunn na Gàidhlig’s documentary about the local lifeboat crew picked as the judge’s favourite. 

Other Open Competition Winners

Previous FilmG winner Innes MacLeòid (35) from the Isle of Lewis returned to collect the Industry Award, being praised for his camera work on Gàidheil Ùra, his documentary following the lives of fluent Gaelic learners. 

After being named the most influential Scottish TikToker at the end of last year, Calum MacLean (34) continued his winning streak picking up the Creativity Award with Snàmh, le Wes Anderson; inspired by the stylings of the Grand Budapest director.   

Kirsty McBain (24) and Cara Turner (22) together collected the award for Best Director for their film Na Caileagan Gàidhealach (The Gael Girls), a Kardashians-inspired Glasgow Gael film.  

Kirsty and Cara both already work in media, with hopes that this award can push them along on their own career paths. 

The Culture Award was won by The Hebridean Men’s Cancer Support Group and pupils from the Nicolson Institute. Na Balaich highlighted the importance of the group as it marks 15 years of bringing men together to share their experience of having cancer.   

The schoolboys will be donating half of their £1000 prizemoney to The Hebridean Men’s Cancer Support Group with the other £500 going towards future filmmaking endeavours. 

Sorley Johnston (20) collected the award for Best Student Film for his van-life documentary Air an Rathad.  

Sorley is a well-known Gaelic content creator who is the final months of his Sabhal Mòr Ostaig media course and who recently starred on BBC2’s Take A Hike.

Alison Bruce, FilmG Project Executive from MG ALBA, said: “It’s been another fantastic year for entries, and we’re delighted to see such a wealth of talent coming through the competition year on year. 

“The great effort and ambition shown by schools, community groups and individual filmmakers has certainly paid off. We look forward to seeing what’s next for all involved.” 

Highlights of the awards ceremony will be shown on BBC ALBA and BBC iPlayer on Friday 24th February at 9pm.  

FilmG Youth Competition Winners

FilmG Choice Award (Youth)

Misean a dh’ Astràilia (Broadford Primary School, Isle of Skye)

Best Documentary 

Bòtannan Buidhe (CnaG & Sir E Scott School, Isle of Harris)

Rising Star Award 

Finlay Morrison – Ò, Nuair a Bha Mise Òg! (Glasgow)

Best Production Design 

Eachdraidh Uabhasach: Òganaich an Òr Fhuilt Bhuidhe (Portree High School, Isle of Skye)

Award for Gaelic 

Dath Falaichte (Millburn Academy, Inverness)

Best Youth Group

Teas aig Deas (Staffin Primary School, Isle of Skye)

Best Performance (Youth) 

Finlay Morrison – Ò, Nuair a Bha Mise Òg! (Glasgow)

Best Film (Youth) 

Gàidhlig sa Chiste (Parker Dawes, Ardnamurchan)

FilmG Open Competition Winners

FilmG Choice Award (Open) 

Priob (Choirstaidh NicArtair, Glasgow)

Culture Award 

Na Balaich (Hebridean Men’s Cancer Support Group & Nicolson Institute, Isle of Lewis)

Industry Award 

Innes MacLeod – Gàidheil Ùra (Isle of Lewis)

Creativity Award 

Snàmh, le Wes Anderson (Calum MacLean, Aberfeldy)

Best Director 

Kirsty McBain & Cara Turner – Na Caileagan Gàidhealach (Glasgow)

Best Performance (Open) 

Eilidh Johnson – Bochd (Inverness)

Best Film (Open) 

Bochd (Eilidh Johnson & Allan Crook, Inverness)

Other Awards

Best Script 

Gàidhlig sa Chiste (Parker Dawes, Ardnamurchan)

Best Student Film

Air an Rathad (Sorley Johnston, Glasgow)

20 Feb 2023