Chaidh bratach a’ Mhòid Nàiseanta Rìoghail a thoirt seachad do Cheannard Chomhairle na Gàidhealtachd, an Comhairliche Raymond Bremner, air an deireadh-sheachdain seo anns an Òban (19 Dàmhair).
(see English version below)
Chaidh bratach a’ Mhòid Nàiseanta Rìoghail a thoirt seachad do Cheannard Chomhairle na Gàidhealtachd, an Comhairliche Raymond Bremner, air an deireadh-sheachdain seo anns an Òban (Disathairne 19 Dàmhair) aig cruinneachadh nan còisirean a bha a’ dùnadh Mòd an òbain.
Tha cuirm shamhlachail na brataich a’ riochdachadh mar a tha an tachartas cliùiteach Gàidhlig seo, a thathar a’ cumail gach bliadhna, air a lìbhrigeadh bhon Òban gu Loch Abar. Tha Comataidh Eagrachaidh Ionadail Mòd a’ Ghearasdain a-nis ag ullachadh airson fàilte a chur air an tachartas ann an 2025.
Chaidh bratach a’ Mhòid a thoirt seachad dhan Chomhairliche Bremner aig Ceàrnag an Stèisein anns an Òban agus bha Paul Nevin, Manaidsear Laghail Chomhairle na Gàidhealtachd, cuideachd an làthair.
Thuirt an Comhairliche Bremner: “’S e urram mòr a th’ ann bratach a’ Mhòid Nàiseanta Rìoghail a ghabhail airson Loch Abar agus airson na Gàidhealtachd. Chaidh am Mòd Nàiseanta Rìoghail a chumail ann an Inbhir Nis ann an 2021 agus tha sinn a’ coimhead air adhart ri bhith a’ cur fàilte air farpaisich is luchd-leantainn a’ Mhòid dhan sgìre a-rithist. Tha sinn a’ guidhe gach soirbheachas dhan Chomunn Ghàidhealach agus dhan chomataidh eagrachaidh ionadail le Mòd 2025.”
Thuirt Seumas Greumach, Àrd-Oifigear a’ Chomuinn Ghàidhealaich: “Bu mhath leinn taing mhòr a thoirt dhan a h-uile duine a rinn Mòd an Òbain 2024 cho fìor shoirbheachail – na com-pàirtichean is na h-urrasairean luachmhor againn, luchd-eagrachaidh ionadail, saor-thoilich dhìleas agus na mìltean de luchd-tadhail, de chleasaichean is de dh’fharpaisich. Tha sinn a’ coimhead air adhart gu mòr ri tilleadh chun na Gàidhealtachd ann an 2025 agus sinn a’ dèanamh air Loch Abar airson sàr tachartas eile a bheir iomadh buannachd cultarach is eaconamach dhan sgìre.”
Bidh Comhairle na Gàidhealtachd a’ toirt maoineachadh dhan Chomunn Ghàidhealach gach bliadhna, air chùmhnant gun tèid am Mòd a chumail anns a’ Ghàidhealtachd air stèidh chunbhalach.
Royal National Mòd flag accepted for Lochaber 2025
Leader of The Highland Council Councillor Raymond Bremner received the Royal National Mòd flag this weekend in Oban (Saturday 19 October) at the massed choir closing event of Mòd an òbain.
The symbolic flag ceremony represents the handing over of the prestigious annual Gaelic event from Oban to Lochaber and the Fort William Mòd organising committee prepares to welcome the event in 2025.
Cllr Bremner was presented the Mòd flag at Station Square in Oban with Paul Nevin, Highland Council’s Legal Manager also in attendance.
Councillor Bremner said: “It is an honour and privilege to accept the Royal National Mòd flag for Lochaber and the Highlands. The Royal National Mòd was last hosted in Inverness in 2021, and we look forward to welcoming all the competitors and followers of the Mòd again to the region. We wish An Comunn Gàidhealach and the local organising committee every success with the 2025 Mòd.”
James Graham, Chief Executive Officer of An Comunn Gàidhealach, said: “We would like to extend our sincere gratitude to all those that made the Oban 2024 Mòd homecoming such a success – our valued partners and sponsors, local organisers, dedicated volunteers and the thousands of visitors, performers and competitors. We cannot wait to be back in the Highlands in 2025 and to head up the road to Lochaber for what I know will be another excellent event that will bring both cultural and economic benefits to the area.”
The Highland Council annually funds An Comunn Gàidhealach on the condition that the Mòd is hosted in the Highlands on a regular basis.