Bun-sgoil Ghàidhlig Inbhir Nis a’ togail Cuach na Cloinne!

PR issued by Comunn na Gàidhlig (CnaG).

Bun-sgoil Ghàidhlig Inbhir Nis a’ togail Cuach na Cloinne!

’S iad Bun-sgoil Ghàidhlig Inbhir Nis a choisinn tiotal Cuach na Cloinne 2025, a’ toirt a’ chupa air ais a dh’Inbhir Nis! Às dèidh iomadh geama teann eadar na 6 sgiobaidhean mìorbhaileach, rinn Bun-sgoil Ghàidhlig Inbhir Nis a’ gnothach air Sgoil an Rubha, 3-1, leis an geama mu dheireadh a’ dol gu ùine a bharrachd sa’ chuairt deireannach ann an Inbhir Nis air Diciadain 4mh den t-Ògmhios.

’S e co-fharpais ball-coise nàiseanta, 5 air gach taobh, a th’ ann an Cuach na Cloinne. Ghabh òigridh bho air feadh na dùthcha ann an C4-7, aig a’ bheil Gàidhlig, pàirt ann. Chaidh 6 farpaisean roinneil a chumail air feadh na dùthcha, tron a’ Ghiblean ’s a’ Chèitean, ann an Steòrnabhagh, Lionacleit, An Gearasdan, Port Rìgh, Inbhir Nis, agus Glaschu, le na 6 sgiobaidhean soirbheachail sna farpaisean roinneil a’ gabhail àite sa chuairt deireannach.

’S e na 6 sgiobaidhean a chluich aig a’ chuairt-deireannach:

  • Sgoil an Rubha
  • Sgoil Bhaile a’ Mhanaich
  • Bun-sgoil Ghàidhlig Loch Abar
  • Bun-sgoil an Ath Leathainn
  • Bun-sgoil Ghàidhlig Inbhir Nis
  • Bun-sgoil Ghàidhlig Bhaile a’ Ghobhainn

Chaidh Cupa Cuach na Cloinne a thoirt do Bun-sgoil Ghàidhlig Inbhir Nis le Marina Mhoireach, Stiùiriche Leasachaidh Chomunn na Gàidhlig (CnaG).

Chaidh duais Sàr Cluicheadair na Gàidhlig gu Ben Chaimbeul bho Bun-sgoil Ghàidhlig Bhaile a’ Ghobhainn. ’S ann airson an neach, ann am beachd na rèitirean, a tha a’ cleachdadh na Gàidhlig aig an ìre as àirde tron fharpais a tha an duais seo.

Thuirt Marina Mhoireach, Stiùiriche Leasachaidh ChnaG, a tha a’ ruith a’ cho-fharpais:

“Tha farpais 2025 a-rithist air a bhith air leth mhisneachail a bhith a’ faicinn uimhir de dhaoine òga bho air feadh Alba a’ gabhail pàirt.  Thairis air na cuairtean roinneil agus an cuairt deireannach, chunnaic sinn comas air leth aig an òigridh, an dà chuid le sgilean ball-coise agus leis a’ Ghàidhlig, tha an fharpais a' toirt cothrom dhaibh iad seo a thaisbeanadh.

"Meal a naidheachd air a h-uile duine a ghabh pàirt! Tha Cuach na Cloinne gu tur mu dheidhinn òigridh a bhith a’ faighinn tòrr spòrs, a’ faighinn cothrom coinneachadh le daoine òga eile bho air feadh Alba, agus an cuid Ghàidhlig a chleachdadh taobh a-muigh na sgoile.

"Tha sinn aig CnaG air leth taingeil do Chomhairle na Gàidhealtachd, Comhairle nan Eilean Siar, agus Bòrd na Gàidhlig airson an taic leantainneach do Chuach na Cloinne.”

Thuirt Ealasaid Dhòmhnallach, Ceannard Bòrd na Gàidhlig: “Bu chòir meal a naidheachd a chur air a h-uile duine a tha an sàs ann an Cuach na Cloinne. ’S e tachartas làn spòrs agus farpais fallain a th’ ann agus tha an taic bho na sgoiltean a’ dèanamh cinnteach gur e tachartas air leth a th’ ann gach bliadhna.”

Thuirt an Dtr Dòmhnall Weir, Oifigear Taic Gàidhlig aig Comhairle nan Eilean Siar: “Tha Comhairle nan Eilean Siar a’ cur meal a naidheachd air a h-uile duine a ghabh pàirt ann am farpais Cuach na Cloinne 2025. ’S math a rinn gach sgioba! Tha an fharpais seo air a bhith ruith airson grunn bhliadhnaichean, agus tha i air a bhith glè shoirbheachail ann a bhith a’ brosnachadh sgoilearan gus Gàidhlig a chleachdadh ann an suidheachadh nàdarra, taobh a-muigh na sgoile. Tha sinn an dòchas gun lean an fharpais airson iomadh bliadhna.”

Thuirt Cathraiche Comataidh Ghàidhlig Chomhairle na Gàidhealtachd, Comhairliche Drew Millar: “Tha mi air leth toilichte gu bheil Comhairle na Gàidhealtachd air taic a chumail ri Cuach na Cloinne, tachartas far am bi tòrr òigridh a’ coimhead air adhart ris gach bliadhna. Tha an tachartas a’ dol bho neart gu neart, is mealaibh ur naidheachd dhan a h-uile duine a ghabh pàirt.

"Tha Comhairle na Gàidhealtachd ag aithneachadh dè cho cudromach ’s a tha e a’ tabhainn cothrom do Ghàidheil òga Gàidhlig a chleachdadh taobh a-muigh an t-seòmar-clas agus tha an tachartas seo na deagh eisimpleir de sin.”

Tha Comunn na Gàidhlig a-nis ag obair air Cuach nan Àrd-sgoiltean a bhios a’ tachairt an ath-Dhiciadain 11mh den t-Ògmhios.

Tha Cuach na Cloinne 2025 air a mhaoineachadh le Bòrd na Gàidhlig, Comhairle nan Eilean Siar, agus Comhairle na Gàidhealtachd, agus air a chur air dòigh le Comunn na Gàidhlig.

Bun-sgoil Ghàidhlig Inbhir Nis win Cuach na Cloinne!

Bun-sgoil Ghàidhlig Inbhir Nis were victorious in winning Cuach na Cloinne 2025, taking the trophy home to Inverness.

After many tense matches between the 6 talented teams, in both football and Gaelic, Bun-sgoil Ghàidhlig Inbhir Nis beat Sgoil an Rubha, 3-1, after the final game went into extra time in the National Final in Inverness on Wednesday 4th June.

Cuach na Cloinne is a national 5-a-side football competition aimed at young people in Gaelic Medium Education, in primary 4-7 all over the country. The 6 regional competitions were held, during April and May, in Stornoway, Lionacleit, Fort William, Portree, Inverness, and Glasgow, with the successful team from each regional competition earning their place in the national final.

The 6 teams that participated in the final are:

  • Sgoil an Rubha
  • Balivanich Primary School
  • Bun-sgoil Ghàidhlig Loch Abar
  • Broadford Primary School
  • Bun-sgoil Ghàidhlig Inbhir Nis
  • Bun-sgoil Ghàidhlig Bhaile a’ Ghobhainn

The Cuach na Cloinne trophy was awarded by Marina Murray, Development Director at Comunn na Gàidhlig (CnaG).

The Sàr Cluicheadair na Gàidhlig award went to Ben Campbell from Bun-sgoil Ghàidhlig Bhaile a’ Ghobhainn. This award is given to the player that was outstanding in his use of Gaelic during the competition and chosen by the referees.

Marina Murray, Development Director at CnaG, who runs the competition, said: “It has been encouraging to see a large number of young people from across Scotland taking part in this competition again in 2025.

"During the regional competitions and the final, capable our young people exhibited how talented they are, both with their football skills and with their Gaelic language skills.

"Congratulations to all who took part! Cuach na Cloinne is primarily about young people having fun, meeting other young people from across Scotland, and using their Gaelic outside of school in more relaxed surroundings.

"We at CnaG are grateful to The Highland Council, Comhairle nan Eilean Siar, and Bòrd na Gàidhlig for their continued support of Cuach na Cloinne.”

Ealasaid MacDonald, Bòrd na Gàidhlig Ceannard (CEO), said: “I would like to congratulate everyone involved in Cuach na Cloinne. It’s such a fun event full of friendly competition and the support from schools ensures its ongoing success each year.”

Dr Donald Weir, Gaelic Support Officer for Comhairle nan Eilean Siar, said: “Comhairle nan Eilean Siar wish to congratulate everyone that took part in Cuach na Cloinne 2025. This competition has been running for many years now, and it has been very successful in encouraging young people to use Gaelic in a natural setting outside of school. I hope that the competition runs for many more years.”

Chairman of The Highland Council’s Gaelic Committee, Councillor Drew Millar, said: “I am delighted that Highland Council has been able to support Cuach na Cloinne, an event which so many young people from across the country look forward to every year.

"The event goes from strength to strength, so congratulations to all who took part. Highland Council recognises the importance of providing opportunities for young Gaelic speakers to use the language outside of a classroom setting and this event is a good example of that commitment in action.”

Comunn na Gàidhlig are now preparing for Cuach nan Àrd-sgoiltean, which is set to take place next Wednesday 11th June.

Cuach na Cloinne 2025 is funded by Bòrd na Gàidhlig, Comhairle nan Eilean Siar, and The Highland Council, and organized by Comunn na Gàidhlig.

 

4 Jun 2025